Sailm Dhaibhidh 10

10
Salm 10
1Ciod uime 'n seas thu fad o làimh,
Iehòbhah làidir thrèin?
An aimsir teinn is trioblaid mhòir
an dèan thu d'fhalach fhèin?
2An droch dhuin' tha na àrdan borb
gu dian air tòir a' bhochd;
Ach glacar iad sna h‑innleachdan
a dhealbh iad fhèin chum lochd.
3Oir nì an droch dhuin' ràiteachas
à miann a chridhe fhèin;
'S na daoine sanntach molaidh e,
ge beag air Dia am mèin.
4An droch dhuin' am fìor-àrdan gruaidh
cha ghoir e air an Triath;
Na chridhe chan eil uair air bith
gnè smaoineachaidh air Dia.
5Tha 'uile shlighe doilgheasach,
o shealladh 's àrd do bhreith;
A' sèideadh pluic gu fanaideach,
mu 'eascairdean gach leth.
6Na chridhe fhèin do labhair e,
am feasd cha ghluaisear mi:
Oir cha tig àmhghar orm gu bràth,
no trioblaid fòs gam chlaoidh.
7Den ìogan, mhallachadh, 's de ghò,
a bheul-san làn a ta:
Tha aimhleas mòr is dìomhanas
fo theangaidh-san a‑ghnàth.
8An diamhaireachd nam bailtean beag'
gnàth-suidhidh e gun fhios;
Tha shùil air bochd 's air neochiontach,
gam mort an uaignidheas.
Tha shùilean nimhneach mar an ceudn',
ro‑ghuineach geur gu lochd,
A' dearcadh ann an diamhaireachd
chum sgrios an fhìrein bhochd.
9Mar leòmhann laigh' am foill a ta,
na thàmh an garaidh dìon,
Ghabhail nam bochd: is ghlac e iad
gan tarraing ann a lìon.
10Crùbaidh is cromaidh e gu làr,
chum dha nach mothaich neach:
Le laochraidh chum gun leagadh e
am bochd a' gabhail seach.
11Is thubhairt e na chridhe fhèin,
Dhìochuimhnich Dia gun cheist:
Seadh, dh'fhalaich e a ghnùis an cèin,
cha lèir dha siud am feasd.
12Iehòbhah, èirich suas an àird,
a Dhia tha neartmhor treun,
Tog suas do làmh: 's na dearmaid chaoidh
na deòraidh bhochd' nam feum.
13Na daoine dona, cuim' an dèan
iad tarcais ort, a Dhè?
An neach ud thubhairt na chridh' fhèin,
chan fhiosraichear leat e.
14Chunnaic thu sin, oir dhut is lèir
gach dochair is gach spìd,
A‑chum led làimh gun toir thu dhaibh
comain an uilc a nì 'd:
'S ann ortsa dh'fhàg an duine bochd
e fhèin a chur fo dhìon,
O 's tu fear-cuidich agus neart
nan dìlleachdan gun mhaoin.
15Gàirdean an droch dhuin' is an daoi
leòn thus', is bhris, a Dhè;
Is rannsaich 'uile lochd gu geur,
gu ruig nach faighear e.
16Gu suthainn is gu sìorraidh fòs,
Iehòbhah tha na Rìgh:
Sgriosadh na cinnich as gu tur,
is ghlanadh as a thìr.
17Miann nan daoin' umhail chual tu, Dhè;
an cridhe nì thu gleusd';
Is bheir thu air do chluais gu beachd
an gearan-san gun èisd:
18A chumail ceirt ri dìlleachdain,
's ri daoine brùite truagh',
A‑chum nach tugadh duin' on ùir
nas mò air fòirneart luaidh.

Currently Selected:

Sailm Dhaibhidh 10: SD1992

Qaqambisa

Share

Copy

None

Ufuna ukuba iimbalasane zakho zigcinwe kuzo zonke izixhobo zakho? Bhalisela okanye ngena