1
Sailm Dhaibhidh 10:17-18
Sailm Dhaibhidh 1992 (ath-sgrùdaichte le litreachadh ùr)
Miann nan daoin' umhail chual tu, Dhè; an cridhe nì thu gleusd'; Is bheir thu air do chluais gu beachd an gearan-san gun èisd: A chumail ceirt ri dìlleachdain, 's ri daoine brùite truagh', A‑chum nach tugadh duin' on ùir nas mò air fòirneart luaidh.
Thelekisa
Phonononga Sailm Dhaibhidh 10:17-18
2
Sailm Dhaibhidh 10:14
Chunnaic thu sin, oir dhut is lèir gach dochair is gach spìd, A‑chum led làimh gun toir thu dhaibh comain an uilc a nì 'd: 'S ann ortsa dh'fhàg an duine bochd e fhèin a chur fo dhìon, O 's tu fear-cuidich agus neart nan dìlleachdan gun mhaoin.
Phonononga Sailm Dhaibhidh 10:14
3
Sailm Dhaibhidh 10:1
Ciod uime 'n seas thu fad o làimh, Iehòbhah làidir thrèin? An aimsir teinn is trioblaid mhòir an dèan thu d'fhalach fhèin?
Phonononga Sailm Dhaibhidh 10:1
4
Sailm Dhaibhidh 10:12
Iehòbhah, èirich suas an àird, a Dhia tha neartmhor treun, Tog suas do làmh: 's na dearmaid chaoidh na deòraidh bhochd' nam feum.
Phonononga Sailm Dhaibhidh 10:12
Ekuqaleni
IBhayibhile
Izicwangciso
Iividiyo