Lùcas 4
4
1Agus air do Iosa a bhith làn den Spiorad Naomh, thill e air ais o Iòrdan, agus threòraicheadh e leis an Spiorad don fhàsach,
2Agus bha e air a bhuaireadh rè dà‑fhichead là leis an diabhal; agus cha d’ith e nì sam bith anns na làithean sin: agus air dhaibh a bhith air an crìochnachadh, an sin dh’fhàs e acrach.
3Agus thubhairt an diabhal ris, Mas tu Mac Dhè, abair ris a’ chloich seo a bhith na h‑aran.
4Agus fhreagair Iosa e, ag ràdh, Tha e sgrìobhte nach ann le aran a‑mhàin a thig duine beò, ach le gach uile fhacal Dhè.
5Agus air don diabhal a thoirt gu beinn àird, nochd e dha uile rìoghachdan an domhain ann am mionaid aimsir.
6Agus thubhairt an diabhal ris, Bheir mise an cumhachd seo uile dhut, agus an glòir; oir thugadh dhòmhsa sin; agus bheir mi e do neach air bith as toil leam.
7Uime sin ma nì thu adhradh dhòmhsa, is leat iad uile.
8Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Tàrr air mo chùlaibh, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Nì thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis.
9Agus thug e e gu Ierusalem, agus chuir e air binnein an teampaill e, agus thubhairt e ris, Mas tu Mac Dhè, tilg thu fhèin sìos à seo:
10Oir tha e sgrìobhte, Bheir e àithne da ainglean mud thimcheall, thusa a choimhead;
11Agus togaidh iad suas thu nan làmhan, air eagal gum buail thu, uair air bith, do chas air cloich.
12Agus air freagairt do Iosa thubhairt e ris, Thubhairteadh, Na buair thusa an Tighearna do Dhia.
13Agus nuair a chrìochnaich an diabhal am buaireadh uile, dh’imich e uaithe rè tamaill.
14Agus thill Iosa ann an cumhachd an Spioraid a‑chum Ghalile: agus chaidh a iomradh-san air feadh na dùthcha mun cuairt gu h‑iomlan.
15Agus theagaisg e nan sionagogan, a’ faotainn glòire o na h‑uile dhaoine.
16Agus thàinig e gu Nàsaret, far an d’àraicheadh e: agus chaidh e a‑steach, mar a bu ghnàth leis, air là na sàbaid don t‑sionagog, agus dh’èirich e na sheasamh a‑chum leughaidh.
17Agus thugadh dha leabhar an fhàidh Esaias; agus air fosgladh an leabhair dha, fhuair e an t‑àit anns an robh e sgrìobhte,
18Tha Spiorad an Tighearna orm, do bhrìgh gun d’ung e mi a shearmonachadh an t‑soisgeil do na bochdan; chuir e mi a shlànachadh na muinntir aig a bheil an cridhe briste, a ghairm fuasglaidh do na braighdean, agus aiseag am fradhairc do na doill, a thoirt saorsa don mhuinntir a tha brùite,
19A shearmonachadh bliadhna thaitneach an Tighearna.
20Agus air dùnadh an leabhair dha, thug e don fhear-fhrithealaidh e, agus shuidh e: agus bha sùilean na bha anns an t‑sionagog uile a’ geur-amharc air.
21Agus thòisich e air a ràdh riu, An‑diugh tha an sgriobtar seo air a choileanadh nur cluasan-se.
22Agus thug iad uile fianais dha, agus ghabh iad iongantas ris na briathran gràsmhor a thàinig a‑mach as a bheul. Agus thubhairt iad, Nach e seo mac Iòseiph?
23Agus thubhairt e riu, Gun amharas thubhairt sibh rium an gnàth-fhacal seo, A lèigh, leighis thu fhèin: ge bè air bith iad na nithean a chuala sinn a rinneadh leat an Capernàum, dèan mar an ceudna iad an seo ad dhùthaich fhèin.
24Agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach eil fàidh air bith taitneach na dhùthaich fhèin.
25Ach gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu robh mòran bhantrach ann an Israel an làithean Eliais, nuair a dhruideadh nèamh rè trì bliadhna agus sia mìosan, agus a bha gorta mhòr air feadh na tìre uile:
26Ach cha do chuireadh Elias a dh’ionnsaigh aoin dhiubh, ach gu Sarepta Shìdoin, a‑chum mnà a bha na bantraich.
27Agus bha mòran lobhar ann an Israel ri linn Eliseais am fàidh; agus cha do ghlanadh a h‑aon aca, ach Nàaman an Sirianach.
28Agus lìonadh iadsan uile a bha anns an t‑sionagog le feirg, nuair a chuala iad na nithean sin;
29Agus dh’èirich iad suas, agus thilg iad a‑mach as a’ bhaile e, agus thug iad leo e gu malaidh a’ chnuic, air an robh am baile togte, a‑chum a thilgeadh sìos an coinneamh a chinn.
30Ach air gabhail dhàsan tro am meadhon, dh’fhalbh e,
31Agus chaidh e sìos gu Capernàum, baile de Ghalile, agus bha e gan teagasg air làithean na sàbaid:
32Agus ghabh iad iongantas ra theagasg; do bhrìgh gu robh a fhacal le cumhachd.
33Agus bha anns an t‑sionagog duine anns an robh spiorad deamhain neòghlain, agus ghlaodh e le guth mòr,
34Ag ràdh, Leig leinn; ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Tha fhios agam cò thu, Aon naomh Dhè.
35Agus chronaich Iosa e, ag ràdh, Bi ad thosd, agus thig a‑mach as. Agus air don deamhan esan a thilgeadh sìos nam meadhon, thàinig e a‑mach as, gun chiùrradh sam bith a dhèanamh air.
36Agus thàinig uamhas orra uile, agus labhair iad ri chèile, ag ràdh, Ciod a’ ghnè cainnte seo? Oir le ùghdarras agus cumhachd tha e a’ toirt òrdaigh do na spioradan neòghlan, agus tha iad a’ teachd a‑mach.
37Agus chaidh iomradh airsan a‑mach air feadh gach àite den dùthaich mun cuairt.
38Agus dh’èirich e as an t‑sionagog agus chaidh e a‑steach do thaigh Shìmoin: agus bha fiabhras mòr air màthair-chèile Shìmoin; agus ghuidh iad air as a leth.
39Agus air dha seasamh os a cionn, chronaich e am fiabhras, agus dh’fhàg e i. Agus dh’èirich ise air ball, agus rinn i frithealadh dhaibh.
40Agus aig dol fodha na grèine, iadsan uile aig an robh daoine easlan le iomadh gnè thinnis, thug iad da ionnsaigh iad: agus chuir esan a làmhan air gach aon dhiubh, agus leighis e iad.
41Agus chaidh mar an ceudna deamhain a‑mach à mòran, a’ glaodhaich agus ag ràdh, Is tu Crìosd Mac Dhè. Agus chronaich e iad, agus cha d’fhuiling e dhaibh labhairt: oir bha fhios aca gum b’esan Crìosd.
42Agus air teachd don là, chaidh e a‑mach, agus dh’imich e gu àite fàsail: agus bha an sluagh ga iarraidh, agus thàinig iad da ionnsaigh, agus b’àill leo a chumail, a‑chum nach rachadh e uapa.
43Ach thubhairt esan riu, Is èiginn dhòmhsa rìoghachd Dhè a shearmonachadh do bhailtean eile mar an ceudna; oir is ann a‑chum seo a chuireadh mi.
44Agus shearmonaich e ann an sionagogan Ghalile.
Currently Selected:
Lùcas 4: ABG1992
Qaqambisa
Share
Copy

Ufuna ukuba iimbalasane zakho zigcinwe kuzo zonke izixhobo zakho? Bhalisela okanye ngena
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017