Genesis 29
29
1An sin dh’imich Iàcob air a thuras, agus chaidh e do dhùthaich daoine na h‑àird an ear.
2Agus dh’amhairc e, agus, feuch, tobar anns a’ mhachair, agus, feuch bha an sin trì treudan chaorach nan laighe làimh ris; oir as an tobar sin thug iad uisge do na treudan: agus bha clach mhòr air beul an tobair.
3Agus chruinnicheadh a dh’ionnsaigh sin na treudan uile; agus charaich iad a’ chlach bhàrr beul an tobair, agus thug iad uisge do na caoraich, agus chuir iad a’ chlach a‑rìs air beul an tobair na h‑àite fhèin.
4Agus thubhairt Iàcob riu, Mo bhràithrean, cia as a thàinig sibh? Agus thubhairt iadsan, O Hàran thàinig sinne.
5Agus thubhairt e riu, An aithne dhuibh Làban mac Nahoir? Agus thubhairt iadsan, Is aithne dhuinn.
6Agus thubhairt e riu, A bheil e gu math? Agus thubhairt iadsan, Tha e gu math: agus, feuch, tha Rachel a nighean a’ tighinn leis na caoraich.
7Agus thubhairt e, Feuch, is e fhathast àirde an là a tha ann, agus cha tàinig idir àm cruinneachadh na sprèidhe; thugaibh-se uisge do na caoraich, agus rachaibh agus ionaltraibh iad.
8Agus thubhairt iad, Chan urrainn sinn, gus an cruinnichear na treudan uile an ceann a chèile, agus gus an caraichear a’ chlach bhàrr beul an tobair; an sin bheir sinn uisge do na caoraich.
9Agus am feadh a bha e fhathast a’ labhairt riu, thàinig Rachel le caoraich a h‑athar; oir b’i a bha gan gleidheadh.
10Agus nuair a chunnaic Iàcob Rachel nighean Làbain, bràthair a mhàthar, agus caoraich Làbain, bràthair a mhàthar, an sin chaidh Iàcob am fagas, agus charaich e a’ chlach bhàrr beul an tobair, agus thug e uisge do chaoraich Làbain, bràthair a mhàthar.
11Agus phòg Iàcob Rachel, agus thog e suas a ghuth agus ghuil e.
12Agus dh’innis Iàcob do Rachel gum b’e bràthair a h‑athar e, agus gum b’e mac Rebecah e: agus ruith i, agus dh’innis i da h‑athair.
13Agus nuair a chuala Làban sgeul Iàcoib, mac a pheathar, an sin ruith e na choinneamh, agus ghabh e na ghlacan e, agus phòg e e, agus thug e da thaigh e: agus dh’innis e do Làban na nithean sin uile.
14Agus thubhairt Làban ris, Gu cinnteach is tu mo chnàmh agus m’fheòil: agus dh’fhan e maille ris rè mìos.
15Agus thubhairt Làban ri Iàcob, A chionn gur tu mo bhràthair, am buin e dhut seirbhis a dhèanamh dhomh an asgaidh? Innis dhomh ciod e do thuarasdal.
16Agus bha aig Làban dithis nighean; b’e ainm na tè a bu shine Lèah, agus ainm na tè a b’òige Rachel.
17Agus bha sùilean Lèah anfhann, ach bha Rachel maiseach na dealbh agus sgiamhach na gnùis.
18Agus bha gràdh aig Iàcob air Rachel, agus thubhairt e, Nì mi seirbhis dhut seachd bliadhna airson Racheil, do nighean as òige.
19Agus thubhairt Làban, Is fheàrr dhomh a toirt dhutsa na gun tugainn i do dhuine sam bith eile: fan maille rium.
20Agus rinn Iàcob seirbhis airson Racheil seachd bliadhna; agus bha iad na shùilean mar bheagan de làithean, a‑thaobh a’ ghràidh a bha aige oirre.
21Agus thubhairt Iàcob ri Làban, Thoir dhomh mo bhean, oir choileanadh mo làithean, a‑chum gun tèid mi a‑steach da h‑ionnsaigh.
22Agus chruinnich Làban cuideachd daoine an àit uile, agus rinn e cuirm.
23Agus anns an fheasgar ghabh e Lèah a nighean, agus thug e da ionnsaigh i; agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh.
24Agus thug Làban da nighinn Lèah Silpah, a bhanoglach fhèin, mar bhanoglaich.
25Agus anns a’ mhadainn, feuch, b’i Lèah a bha ann; agus thubhairt e ri Làban, Ciod e seo a rinn thu orm? Nach ann airson Racheil a rinn mi seirbhis dhut? Agus carson a mheall thu mi?
26Agus thubhairt Làban, Chan fhaod e a bhith mar sin nar dùthaich-ne, an tè as òige a thoirt seachad ron tè as sine.
27Coilean a seachdain-se, agus bheir sinn dhut ise mar an ceudna, airson na seirbhis a nì thu maille rium fhathast rè seachd bliadhna eile.
28Agus rinn Iàcob mar sin, agus choilean e a seachdain; agus thug e dha Rachel a nighean mar an ceudna na mnaoi.
29Agus thug Làban do Rachel, a nighean, Bilhah a bhanoglach fhèin, mar bhanoglaich.
30Agus chaidh e a‑steach cuideachd a dh’ionnsaigh Racheil, agus ghràdhaich e mar an ceudna Rachel nas mò na Lèah, agus rinn e seirbhis maille ris fhathast seachd bliadhna eile.
31Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun tugadh fuath do Lèah, dh’fhosgail e a bolg: ach bha Rachel gun chloinn.
32Agus dh’fhàs Lèah torrach, agus rug i mac, agus thug i Reuben mar ainm air: oir thubhairt i, Gu deimhinn dh’amhairc an Tighearna air m’àmhghar; a‑nis uime sin gràdhaichidh m’fhear mi.
33Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac, agus thubhairt i, A chionn gun cuala an Tighearna gu robh mi air m’fhuathachadh, uime sin thug e dhomh am mac seo cuideachd: agus thug i Simeon mar ainm air.
34Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac; agus thubhairt i, A‑nis anns an uair seo, dlùth-leanaidh m’fhear rium, do bhrìgh gun do rug mi dha triùir mhac: uime sin thug i Lèbhi mar ainm air.
35Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i mac; agus thubhairt i, A‑nis molaidh mi an Tighearna: uime sin thug i Iùdah mar ainm air. Agus sguir i de bhreith cloinne.
Currently Selected:
Genesis 29: ABG1992
Qaqambisa
Share
Copy

Ufuna ukuba iimbalasane zakho zigcinwe kuzo zonke izixhobo zakho? Bhalisela okanye ngena
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017