Lùcas 18

18
Cosamhlachd na Banntraich Leanailtich
1An uair sin dh'innis e cosamhlachd dhaibh a' sealltainn gum bu chòir ùrnaigh a dhèanamh an‑còmhnaidh agus gun a bhith a' call misneachd. 2Thuirt e, “Ann am baile sònraichte bha britheamh, air nach robh eagal Dhè 's nach robh a' toirt urraim do dhuine. 3Agus bha banntrach anns a' bhaile sin a chùm oirre a' tighinn thuige ag ràdh, ‘Thoir ceartas dhomh an aghaidh mo neach‑casaid.’
4“Airson ùine dhiùlt e, ach mu dheireadh thall thuirt e, ‘Ged nach eil eagal Dhè orm 's nach eil mi a' toirt urraim do dhuine, 5a chionn 's gu bheil a' bhanntrach seo a' cumail oirre gam bhuaireadh, bheir mi ceartas dhi airson 's nach sàraich i mi le a tighinn leanailtich.’”
6Agus thuirt an Tighearna, “Èistibh ri na tha am britheamh eucorach ag ràdh. 7Agus nach toir Dia ceartas dha dhaoine taghte fhèin, a tha ag èigheach ris a latha 's a dh'oidhche? Am bi e slaodach gus am freagairt? 8Tha mi ag ràdh ribh gun dèan e cinnteach gum faigh iad ceartas gu luath. Ach nuair a thig Mac an Duine, am faigh e creideamh air an talamh?”
Cosamhlachd an Pharasaich 's a' Chìs‑Mhaoir
9Dh'innis Ìosa an uair sin a' chosamhlachd seo do chuid a bha ag earbsa asta fhèin gun robh iad nam fìreanan, agus a bha a' cur feadhainn eile ann an suarachas: 10“Chaidh dithis fhear suas dhan teampall a dh'ùrnaigh, fear dhiubh na Pharasach 's am fear eile na chìs‑mhaor. 11Sheas am Pharasach agus rinn e an ùrnaigh seo ris fhèin: ‘A Dhè, tha mi a' toirt taing dhut nach eil mi mar a tha daoine eile – sanntach, eucorach, adhaltranach – no fiù 's coltach ris a' chìs‑mhaor seo. 12Tha mi a' trasgadh dà uair san t‑seachdain, agus tha mi a' toirt seachad an deicheamh pàirt dhen a h‑uile rud a gheibh mi.’
13“Ach, a' seasamh fad' às, cha togadh an cìs‑mhaor fiù 's a shùilean suas gu nèamh, ach bhuail e a chom, ag ràdh, ‘A Dhia, bi tròcaireach riumsa, am peacach!’
14“Tha mi ag ràdh ribh, chaidh am fear seo sìos dha thaigh fhèin air fhìreanachadh, an àite an fhir ud eile. Oir a h‑uile neach a dh'àrdaicheas e fhèin, thèid ìsleachadh, agus an neach a dh'ìslicheas e fhèin, thèid àrdachadh.”
Clann Bheaga agus Ìosa
15Bha daoine a' toirt fiù 's naoidheanan thuige airson 's gum beanadh e riutha, ach nuair a chunnaic na deisciobail seo, chronaich iad iad. 16Ach ghairm Ìosa iad thuige fhèin agus thuirt e, “Leigibh le na leanabanan tighinn thugamsa, agus na cuiribh bacadh orra, oir is ann dhen leithidean seo a tha rìoghachd Dhè. 17Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh, gu cinnteach cha tèid e a‑steach innte.”
An Riaghladair Beairteach
18Dh'fhaighnich riaghladair sònraichte dha, “Fhir‑Teagaisg mhaith, dè a dh'fheumas mi a dhèanamh airson 's gun sealbhaich mi a' bheatha shìorraidh?”
19Thuirt Ìosa ris, “Carson a tha thu a' gabhail math ormsa? Chan eil neach sam bith math ach Dia a‑mhàin. 20Is aithne dhut na h‑àitheantan: ‘Na dèan adhaltranas, na dèan murt, na goid, na toir fianais‑bhrèige, thoir urram dhad athair agus dhad mhàthair.’#Ecs. 20:13‑16; Deut. 5:17‑20
21Agus thuirt esan, “Tha mi air iad sin uile a chumail om òige.”
22Nuair a chuala Ìosa seo, thuirt e ris, “Tha aon rud fhathast a dhìth ort. Reic a h‑uile rud a th' agad agus dèan roinn air am measg nam bochdan agus bidh ionmhas agad ann an nèamh, agus trobhad 's lean mise.”
23Ach nuair a chuala e seo, dh'fhàs e ro bhrònach, oir bha e fìor bheairteach. 24Choimhead Ìosa air agus thuirt e, “Nach e a tha doirbh dhaibhsan aig a bheil beairteas a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè! 25Oir tha e nas fhasa do chàmhal a dhol tro chrò snàthaid na do neach beairteach a dhol a‑steach do rìoghachd Dhè.”
26Thuirt iadsan a chuala seo, “Cò mar sin as urrainn a bhith air a shàbhaladh?”
27Agus thuirt esan, “Na rudan a tha eu‑comasach do dhaoine, tha iad comasach do Dhia.”
28An uair sin thuirt Peadar, “Seall, tha sinne air na rudan againn fhèin fhàgail agus air do leantainn‑sa.”
29Thuirt e riutha, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chan eil aon neach a dh'fhàg taigh, no bean, no bràithrean, no pàrantan, no clann air sgàth rìoghachd Dhè 30nach faigh tòrr mòr a bharrachd anns an àm seo agus, anns an linn ri thighinn, a' bheatha shìorraidh.”
Ìosa A‑Rithist a' Dèanamh Ro‑Innse ma Bhàs Fhèin
31Thug e an dà fhear dheug gu aon taobh, agus thuirt e riutha, “Seallaibh, tha sinn a' dol suas gu Ierusalem, agus bidh a h‑uile rud a tha sgrìobhte leis na fàidhean mu Mhac an Duine air an coileanadh. 32Oir bidh e air a thoirt thairis dha na Cinnich, agus thèid magadh a dhèanamh air agus thèid tàir a dhèanamh air agus thèid smugaidean a thilgeil air. 33Agus às dèidh a sgiùrsadh, marbhaidh iad e, agus air an treas latha èiridh e.”
34Ach cha do thuig iadsan aon dhe na rudan seo. Bha am facal seo falaichte uapa agus cha do thuig iad na rudan a chaidh a ràdh.
Dèirceach Dall a' Faighinn a Fhradhairc
35Nuair a thàinig Ìosa faisg air Iericho, bha duine dall na shuidhe ri taobh an rathaid ag iarraidh dèirce. 36Agus nuair a chuala e sluagh a' dol seachad, dh'fhaighnich e dè dh'fhaodadh a bhith ann. 37Dh'innis iad dha, “Tha Ìosa o Nàsaret a' dol seachad.”
38Agus dh'èigh e, “Ìosa, a Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm!”
39Agus chronaich iadsan a bh' air thoiseach e, ag ràdh ris a bhith sàmhach, ach b' ann a bu mhotha buileach a dh'èigh esan, “A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm!”
40Stad Ìosa agus dh'àithn e gum biodh e air a threòrachadh thuige. Agus nuair a thàinig e faisg, dh'fhaighnich Ìosa dha, 41“Dè a bu toigh leat a dhèanainn‑sa dhut?”
Thuirt esan, “A Thighearna, mo fhradharc fhaighinn air ais.”
42Thuirt Ìosa ris, “Faigh do fhradharc: shlànaich do chreideamh thu.” 43Anns a' bhad fhuair e a fhradharc air ais, agus lean e e, a' toirt glòir do Dhia. Nuair a chunnaic an sluagh uile seo, thug iad cliù do Dhia.

നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:

Lùcas 18: ATN

ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക

പങ്ക് വെക്കു

പകർത്തുക

None

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക