Lùcas 17

17
Peacadh, Creideamh, Dleastanas
1Thuirt Ìosa ri a dheisciobail, “Chan urrainn nach tig buairidhean gus a bhith a' peacachadh, ach is mairg dhàsan tron tig iad. 2B' fheàrr dha gum biodh clach‑mhuilinn air a crochadh ma amhaich agus gum biodh e air a thilgeil dhan fhairge na gun adhbhraicheadh e gum peacaicheadh aon dhen fheadhainn bheaga seo. 3Thugaibh an aire dhuib' fhèin.
“Ma pheacaicheas do bhràthair, cronaich e, agus ma nì e aithreachas, thoir mathanas dha. 4Agus ma pheacaicheas e nad aghaidh seachd uairean anns an latha, ma thilleas e thugad seachd uairean ag ràdh, ‘Tha aithreachas orm,’ thoir mathanas dha.”
5Thuirt na h‑abstoil ris an Tighearna, “Meudaich ar creideamh!”
6Fhreagair an Tighearna, “Nam biodh creideamh agaibh mar ghràinne de shìol mustaird, chanadh sibh ris a' chraoibh shiceamain seo, ‘Bi air do spìonadh às do bhun, agus bi air do shuidheachadh san fhairge.’ Agus bhiodh i umhail dhuibh.
7“Ach cò nur measg aig a bheil seirbheiseach a bha dìreach air tilleadh o bhith a' treabhadh no a' buachailleachd a chanadh ris, ‘Thig anns a' bhad, agus suidh sìos gu biadh’? 8Nach dòcha an àite sin gun canadh e ris, ‘Ullaich suipear dhomh agus, a' cur aodach ceart ort, fritheil dhomh fhad 's a dh'itheas is a dh'òlas mi; agus às dèidh sin ithidh is òlaidh tusa’? 9An toir e taing dhan t‑seirbheiseach sin a chionn 's gun do rinn e na chaidh òrdachadh dha? 10Mar sin sibhse cuideachd: nuair a tha sibh air a h‑uile rud a chaidh àithne dhuibh a dhèanamh, canaibh, ‘Is seirbheisich neo‑airidh sinn; oir cha do rinn sinn ach ar dleastanas.’”
Deichnear air an Leigheas o Luibhre
11A‑nis, air a shlighe gu Ierusalem, bha Ìosa a' dol eadar Samaria is Galile. 12Agus fhad 's a bha e a' dol a‑steach do bhaile, thachair deichnear dhaoine ris a bha nan lobhair. Sheas iad fada uaithe, 13agus thog iad suas an guthan, ag ràdh, “Ìosa, a Mhaighstir, dèan tròcair oirnn.”
14Nuair a chunnaic e iad, thuirt e riutha, “Thallaibh agus seallaibh sib' fhèin dha na sagartan.” Agus fhad 's a bha iad a' falbh, chaidh an dèanamh glan.
15An uair sin, nuair a chunnaic aon dhiubh gun deach a leigheas, thill e air ais, a' toirt glòir do Dhia le guth àrd, 16agus thuit e air aghaidh aig casan Ìosa, a' toirt taing dha – agus b' e Samaritanach a bh' ann.
17An uair sin fhreagair Ìosa, “Nach deach deichnear a ghlanadh? Càit a bheil an naoinear eile? 18Nach deach neach sam bith a lorg a thill agus a thug moladh do Dhia ach an coigreach seo?” 19Agus thuirt e ris, “Èirich is thalla, shlànaich do chreideamh thu.”
Teachd Rìoghachd Dhè
20Às dèidh dha na Pharasaich faighneachd dha cuin a thigeadh rìoghachd Dhè, fhreagair e iad ag ràdh, “Chan eil rìoghachd Dhè a' tighinn le comharraidhean a tha follaiseach. 21Cha mhotha a chanas iad, ‘Seall, seo i!’ no ‘Seall, siud i!’ oir seallaibh, tha rìoghachd Dhè nur measg.#17:21 No “an taobh a‑staigh dhibh”.
22An uair sin thuirt e ris na deisciobail, “Thig na làithean nuair a mhiannaicheas sibh aon dhe na làithean aig Mac an Duine fhaicinn, ach chan fhaic sibh e. 23Agus canaidh iad ribh, ‘Seall an siud!’ no ‘Seall an seo!’ Na rachaibh a‑mach agus na leanaibh iad. 24Oir mar a tha an dealanach a' boillsgeadh 's a' lasadh an adhair o aon taobh chun an taoibh eile, mar sin bidh Mac an Duine na latha fhèin. 25Ach an toiseach feumaidh e mòran rudan fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis a' ghinealach seo.
26“Dìreach mar a bha ann an làithean Nòah, mar sin cuideachd bithidh ann an làithean Mhic an Duine. 27Bha iad ag ithe agus ag òl, a' pòsadh agus air an toirt ann am pòsadh, gus an latha anns an deach Nòah a‑steach dhan àirc, agus thàinig an dìle is sgrios i iad uile.
28“Anns an aon dòigh, dìreach mar a thachair ann an làithean Lot, bha iad ag ithe agus ag òl, a' ceannach agus a' reic, a' cur agus a' togail. 29Ach air an latha nuair a chaidh Lot a‑mach à Sodom, chaidh teine 's pronnasg a fhrasadh o nèamh, agus sgrios e iad uile.
30“Is ann dìreach mar sin a bhitheas air an latha anns an tèid Mac an Duine fhoillseachadh. 31Air an latha sin, an neach a bhios air mullach an taighe, agus a chuid anns an taigh, na tigeadh e a‑nuas airson a thoirt leis; agus anns an aon dòigh an neach a th' anns an achadh, na tilleadh esan air ais. 32Cuimhnichibh air bean Lot. 33Ge b' e a dh'iarras a bheatha fhèin a ghleidheadh, caillidh e i, agus ge b' e a chailleas a bheatha, sàbhailidh e i. 34Tha mi ag ràdh ribh, air an oidhche sin bidh dithis anns an aon leabaidh; bidh aon dhiubh air a ghabhail, agus am fear eile air fhàgail. 35Bidh dithis bhan a' bleith còmhla; bidh aon dhiubh air a gabhail agus an tèile air a fàgail. 36[Bidh dithis dhaoine anns an achadh; bidh aon dhiubh air a ghabhail agus am fear eile air fhàgail.#17:36 Cha eil na faclan seo anns na làmh‑sgrìobhainnean as tràithe.]”
37Agus ga fhreagairt thuirt iadsan, “Càit, a Thighearna?”
Agus thuirt esan riutha, “Ge b' e càite am bi an corp, an sin cruinnichidh na fangan.”

നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:

Lùcas 17: ATN

ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക

പങ്ക് വെക്കു

പകർത്തുക

None

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക