YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 53

53
LAOIDH 25
Isaiah 53
1Cia tearc an dream, le creideimh beò
a ghabhas eòlas uainn;
No mhothaicheas om fiosrach fhèin,
mòr‑chumhachd Dhè nan sluagh?
2Tha Ìosa teachd, gun ghreadhnachas,
a dh'fhoillseachadh cia dlùth;
Oir àille thalmhaidh air cha bhi,
no bheag de iongnadh shùl.
3Mar chinneas ann am fàsach fhaoin
luibh mhaoth, gun chùram sluaigh,
Mar sin, san t‑saoghal aingidh seo,
dh'fhàs Crìosd fo ainneart suas.
4Fo dhìmeas is fo tharcais dhaoin,
feuch fear an àmhghair thruaigh!
Is bròn a' leantainn ris gun chlos,
an taobh a bhos don uaigh.
5Ach cha b' e fhèin, ach sinne thoill
gach cràdh a rinn a leòn;
Oir, neochiontach sheas e nar riochd
's gu h‑iochdmhor ghabh ar bròn.
6Gidheadh mar dhroch dhuin mheasadh e,
's mar fhògarach o ghràs:
Tràth dhòirt e fhuil airson an t‑sluaigh,
fo osnaidh chruaidh a' bhàis.
7Le naomh‑fhuil nigh e dhinn gu glan,
ar truaillidheachd 's ar lochd;
Leighis a chreuchdan, 's shaor a bhàs
gu bràth ar n‑anman bochd.
8Chaidh daoine dall is ceannairceach
air seachran truagh, mar threud;
Ach ghiùlain Crìosd ar n‑eusaontas,
is dhìol ar n‑uile bheud.
9Fo bhuillean trom ar smachdachaidh,
feuch giùlan caomh Mhic Dhè!
Mar uan a' chasgraidh, 's amhlaidh sin,
cha d' dh'fhosgail e a bheul.
10A neochionta cò dh'fhoillsicheas!
's e 'n cuibhreach chruaidh an sàs?
Feuch dhìteadh e le samhladh reachd,
is thugadh seach gu bàs.
11Le peacaich laigh e sìos san dus,
na beartaich thug dha uaigh;
Mar chaith e bheatha, chrìochnaich e,
gun chiont, air meud a thruaigh,
12Mar seo ged bhruthadh e le Dia,
dh'èirich ar Triath a‑rithist.
Oir ìobairt iomlan aoin Mhic fhèin
dhìol ceartas Dhè gu sìor:
13Oir, arsa Dia, làn‑shoirbhichidh
mo thlachd na làimh gun cheisd;
Bidh ghineal lìonmhor feadh gach linn,
's bidh inbhe mòr am feasd.
14Bidh anam ait tràth dhearcas e
air toradh pailt a phèin;
Is bheir na slòigh a shlànaich e,
cliù sìor dhan Slàn'ear treun.
15Roinnidh e chreach le laochraidh treun;
's don eug bheir gach aon nàmh;
Le ciontaich ged laigh e san uaigh,
dh'èirich le buaidh an‑àird.
16Dh'fhuiling e dhìolaidh cionta dhaoin
a dh'fhaotainn sìth dha shluagh;
'S mar charaid sìor‑bheò nis air nèamh,
tagraidh e 'n cùis gach uair.

Currently Selected:

Isaiah 53: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in