YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 55

55
LAOIDH 26
Isaiah 55
1O dhaoine tartmhor, thigibh chum
sruth pailt nan uisge beò;
An nasgaidh gheibh am bochd a dhìol,
gun airgead is gun òr.
2Carson a struidheas sibh ur maoin
air nithean faoin nach biadh;
'S a chailleas sibh ur saoth'r gach latha,
mu nì nach sàsaich miann?
3Gu deònach cromaibh riums ur cluas,
mas àill leibh suaimhneas fìor;
Lem theagasg bidh ur n‑anman beò,
is gheibh sibh sòlas sìor.
4Èisdibh, is mairibh beò gu bràth!
mo chùmhnant gràsmhor 's leibh:
An tròcair a rinn Daibhidh ait,
gun airc bheir mise dhuibh.
5Mar fhianais roghnaich 's thog mi e,
mar cheannard treun dham shluagh;
Gach fine gairmidh e o chèin,
's bheir iad fo bhrataich buaidh.
6Feuch crìochan cian nach b' aithne dhut,
is do nach b' aithne thu,
Ard‑fhàidh, gad dh'ionnsaigh cruinnichidh,
's dham ainm‑sa bheir iad cliù.
7Grad‑iarraibh Dia am feadh tha chluas
ga cromadh nuas rir glaodh;
'S nuair tha e tairgseadh dhuibh a ghràis,
gabhaibh ri shlàinte shaor.
8Trèigeadh an t‑aingidh shlighe chlaon,
's an droch dhuin smuain a chridh,
Is tilleadh iad ri Dia gun dàil,
is gheibh iad slàint is sìth.
9Oir Dia tha saidhbhir ann an iochd,
is loghaidh#55.9 loghaidh mathaidh e gach beud#55.9 beud droch dhèanadas;
Chan ionnan nàdar dha 's do dhaoin,
a thròcair chaomh cha trèig.
10Oir mar is àrd an speur, deir#55.10 deir their Dia
os cionn na talmhainn faoin
'S cho‑àrd tha m' iùil 's mo smuaintean‑sa
thar iùl is smuaintean dhaoin.
11Nuas silidh frasan sneachd is uisg,
's cha till a‑rithist an‑àird,
An talamh gus an taisich iad
a ghiùlan lòin 's gach àit.
12Mar seo aon ghuth a labhras mis
cha tig air ais gun bhuil;
Mo ghairm gheibh èisdeachd o gach dùil,
is bidh iad umh'l dham thoil.
13N' sin stiùirear dùthchann'n#55.13 dùthchann'n dùthchannan iompaichte,
le h‑aoibhneas is le fois:
Na slèibhte seinnidh air gach taobh:
buailidh gach craobh a bos.
14An àite droighinn agus dris
bidh ùr‑chroinn uaine fàs;
Mar seo sìor‑mhairibh; 's bheir gach dùil,
àrd‑chliù do Dhia nan gràs.

Currently Selected:

Isaiah 55: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in