YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 57

57
LAOIDH 27
Isaiah 57.15,16
1Èisdibh, gach neach air thalamh ta,
guth Dhè ro‑àird is naoimh;
'S iad seo a bhriathran tròcaireach,
fàth#57.1 fàth adhbhar dòchais chloinn nan daoin,
2An àirde nèimh mo chathair rìgh
o shìorrai'chd shocraich mis:
'S leam cliù nan aingeal feadh gach linn,
's gach buaidh tha iomlan leis.
3Gidheadh om ionad còmhnaidh shuas,
seallaidh mi nuas a ghnàth.
Air luchd a' chridhe bhriste bhrùit,
's nam bùthan nì mi tàmh:
4A cheangal suas an spioraid bhrùit
's ga thoirt on ùir a nìos;
'S a bheothachadh nan anman truagh
tha dol don uaigh a sìos.
5Na h‑anman sin a dhealbh mi fhèin,
gheibh tèarainteachd fom ghràs;
Tagradh cha dèan mi riutha gu sìor,
mus tuit iad sìos nam làth'r.

Currently Selected:

Isaiah 57: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in