YouVersion Logo
Search Icon

Isaiah 58

58
LAOIDH 28
Isaiah 58.5-9
1Feuch, ciod an trasg is àill le Dia,
an e bhith cianail, trom!
No sgeadaichte le samhladh bròin,
is aghaidh leòinte chrom?
2An ionmhainn leamsa èididh bròin,
deir#58.2 deir their Rìgh na glòir e fhèin?
Le ceann air lùbadh, 's gnùis fo smal,
am faigh sibh uamsa spèis?
3Ri daoine truagh gan sàrachadh,
cùm baigh is cothrom maith;
'S do dhaoine bochd is an‑shocrach
gabh curam, 's biodh ort rath#58.3 rath soirbheachadh.
4Don dìlleachd#58.4 dìlleachd dìlleachdan acrach thoir do bhiadh,
's biodh d' fhàrdach fial#58.4 fial fialaidh gach uair
Don choigreach tha gun àite tàimh,
's don ànrach#58.4 ànrach neach mì‑fhortanach dhìblidh thruagh.
5Còmhdaich an lomochd, dìon am fuar,
tog suas an tì fo leòn;
'S na druid do chridhe le h‑an‑iochd
o neach air bith san fheòil.
6An sin mar mhadainn shoilleir chiùin,
bidh d' ùin air thalamh bhos;
Air d' uile shlighe deàlraidh Dia,
's od iargain gheibh thu fois.

Currently Selected:

Isaiah 58: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in