YouVersion Logo
Search Icon

Tuireadh 1

1
LAOIDH 29
Tuir. 3.37-40
1Am measg nan cumhachdach cò 'n tì
a bheir gu crìch nas àill?
Nach eil gach nì sa chruinne‑chè,
fo òrdugh Dhè a‑mhàin:
2'S esan a nì ar n‑aoibhneas mòr,
no bheir dhuinn bròn fa seach;
'S i a làmh a dhealbh an solas iùil,
's do dhuibh‑neòil thug an dreach.
3Ciod uim an gearain duine beò,
ga leòn fo smachdach'#1.3 smachdach' smachdachadh Dhè?
A‑chum a leas tha Dia ga chlaoidh
gu thoirt ga dh'ionnsaigh fhèin.
4O dhaoine, rannsaichibh gu geur,
gach ceum dher slighe chlaoin;
'S tillibh or seachranan gu Dia,
thaobh meud a thròcair chaoin.

Currently Selected:

Tuireadh 1: LSN1987

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in