Isaiah 49
49
LAOIDH 24
Isaiah 49.13-17
1A nèamhan togaibh luathghair ait;
a thalamh, binn‑cheòl seinn;
A shlèibhte, canaibh co‑sheirm chiùil,
's gach dùil air feadh gach linn!
2Feuchaibh cia tròcaireach ar Dia,
cluinnibh a bhriathran gràis;
Don anam thruagh bheir cofhurtachd,
is saors o dhochann bàis.
3Sguiribh, an làithean goirt ur claoidh,
dher caoidh 's dher gearan cruaidh:
An saoil sibh nach toir Dia fa‑near
staid gach aoin neach dha shluagh?
4An dìobair màthair cìochran maoth
a broillich, le h‑an‑iochd?
Nach maothaich osna 's deòir a cridh
's nach gabh i truas da sliochd?
5Ach, arsa Dia, ged chaochail iochd
da gineil anns gach mnaoi,
Mo ghaol is m' iochd‑sa do mo shluagh,
gun chaochladh mairidh chaoidh.
6Domhain air dèarnan mo dhà làimh,
ainm Shioin gheàrr mi sìos;
A balla briste càiridh mi,
's a h‑àrois#49.6 h‑àrois h-àrosan (cruth gin. air a chleachdadh an àite an cruth iom.). togaidh rithist.
Currently Selected:
Isaiah 49: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017