Isaiah 42
42
LAOIDH 23
Isaiah 42.1-13
1Feuch m' òglach! Feuch mo sheircinn ghràidh,
's e àrdaicht ann an neart;
Mo roghainn e don t‑sluagh gu lèir,
dha thug mi spèis gu beachd.
2Airsan gu saidhbhir tuirlingidh
mo Spiorad Naomha fhèin,
Chum anns na dùthchann'n iomallach
mo bhreith gun cuir e 'n cèill.
3Sèimh agus ciùin, gun gheilt no buirb,
bheir esan breith neo‑chlaon;
Cha bhris e 'm feasd a' chuilc tha brùit,
's cha mhùch e 'n lasair chaol.
4Gu lasair sèidear leis an t‑srad;
don lag bheir e làn‑bhuaidh;
Feadh mhòr‑thìr 's eilean sgaoilidh eud,
is gèillidh dha gach sluagh.
5Seo deir#42.5 deir their an Dia ghairm nèamh gu bith,
's a las na lòchrain iùil,
A thug don duine spiorad glic,
's a dhealbh gach uile dhùil:
6'S tu m' Fhàidh, a ghairm 's a thog mi suas,
gach uair is leat mo neart;
Om uile chumhachd gheibh thu treòir
gud chòmhnadh anns gach beart#42.6 beart gnìomh, obair, dèanadas.
7Annadsa nì mi ris gach tìr
co‑cheangal sìorraidh gràidh,
Thoirt saorsa do na bràighdean leòint,
's do chinnich eòlas àigh#42.7 àigh aoibhneas, sòlas.
8Na dorsan prais grad‑bhrisidh tu,
's na glasan làidir teann.
Is solas aoibhinn agus saors
bheir thu don daor 's don dall.
9'S mise Iehobhah; 's e sin m' ainm
air feadh gach uile ial#42.9 ial uair, àm, linn;
Mo ghlòir cha bhuin do dhealbhan faoin,
's mi fhèin am aonar Dia
10Feuch, choileanadh a‑nis gach nì
gheall mi o shean don t‑saogh'l;
'S na nithean gheallar leam an tràth s'
coileanar iad faraon.
11Canaibh don Tighearna òran nuadh:
air ainm biodh luaidh 's gach àit;
Feadh muir, is tìr, is innsean#42.11 innsean eileanan cian,
biodh moladh Dhia gu bràth.
12A chathair mhòr, is fhàsaich fhaoin,
molaibh araon ar Dia;
Sa mhachair thugaibh moladh dha,
's na bheil nur tàmh feadh shliabh.
13Seinnidh gach sluagh, gu h‑aon‑sgeulach,
glòir ionmholt Dhè bhith‑bhuain;
'S don chaithream aoibhinn agus throm
co‑fhreagradh fonn#42.13 fonn talamh is cuan!
Currently Selected:
Isaiah 42: LSN1987
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1987, 2017
© Scottish Bible Society 1987, 2017