1
Isaiah 53:5
Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987
Ach cha b' e fhèin, ach sinne thoill gach cràdh a rinn a leòn; Oir, neochiontach sheas e nar riochd 's gu h‑iochdmhor ghabh ar bròn.
Compare
Explore Isaiah 53:5
2
Isaiah 53:6
Gidheadh mar dhroch dhuin mheasadh e, 's mar fhògarach o ghràs: Tràth dhòirt e fhuil airson an t‑sluaigh, fo osnaidh chruaidh a' bhàis.
Explore Isaiah 53:6
3
Isaiah 53:4
Fo dhìmeas is fo tharcais dhaoin, feuch fear an àmhghair thruaigh! Is bròn a' leantainn ris gun chlos, an taobh a bhos don uaigh.
Explore Isaiah 53:4
4
Isaiah 53:3
Mar chinneas ann am fàsach fhaoin luibh mhaoth, gun chùram sluaigh, Mar sin, san t‑saoghal aingidh seo, dh'fhàs Crìosd fo ainneart suas.
Explore Isaiah 53:3
5
Isaiah 53:7
Le naomh‑fhuil nigh e dhinn gu glan, ar truaillidheachd 's ar lochd; Leighis a chreuchdan, 's shaor a bhàs gu bràth ar n‑anman bochd.
Explore Isaiah 53:7
6
Isaiah 53:10
A neochionta cò dh'fhoillsicheas! 's e 'n cuibhreach chruaidh an sàs? Feuch dhìteadh e le samhladh reachd, is thugadh seach gu bàs.
Explore Isaiah 53:10
7
Isaiah 53:2
Tha Ìosa teachd, gun ghreadhnachas, a dh'fhoillseachadh cia dlùth; Oir àille thalmhaidh air cha bhi, no bheag de iongnadh shùl.
Explore Isaiah 53:2
8
Isaiah 53:12
Mar seo ged bhruthadh e le Dia, dh'èirich ar Triath a‑rithist. Oir ìobairt iomlan aoin Mhic fhèin dhìol ceartas Dhè gu sìor
Explore Isaiah 53:12
9
Isaiah 53:11
Le peacaich laigh e sìos san dus, na beartaich thug dha uaigh; Mar chaith e bheatha, chrìochnaich e, gun chiont, air meud a thruaigh
Explore Isaiah 53:11
10
Isaiah 53:8
Chaidh daoine dall is ceannairceach air seachran truagh, mar threud; Ach ghiùlain Crìosd ar n‑eusaontas, is dhìol ar n‑uile bheud.
Explore Isaiah 53:8
11
Isaiah 53:9
Fo bhuillean trom ar smachdachaidh, feuch giùlan caomh Mhic Dhè! Mar uan a' chasgraidh, 's amhlaidh sin, cha d' dh'fhosgail e a bheul.
Explore Isaiah 53:9
Home
Bible
Plans
Videos