Lùcas 11
11
1 Theagaisg Crìosd da dheisciobail ùrnaigh a dhèanamh gu bitheanta. 14 Thilg e a‑mach deamhan a bha balbh, agus chronaich e na Pharasaich airson an toibheim. 28 Nochd e cò iad a tha beannaichte.
1Agus thàrladh air dha a bhith ann an ionad àraidh ri ùrnaigh, nuair a sguir e, gun dubhairt neach àraidh de a dheisciobail ris, A Thighearna, teagaisg dhuinne ùrnaigh a dhèanamh, mar a theagaisg Eòin da dheisciobail fhèin.
2Agus thubhairt e riu, Nuair a nì sibh ùrnaigh, abraibh, Ar n‑Athair a tha air nèamh#Isa 64:8; Mat 6:9‐15; Gal 4:6, gun naomhaichear d’ainm. Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil, mar air nèamh, guma h‑amhlaidh sin air thalamh.
3Thoir dhuinn o là gu là ar n‑aran làitheil.
4Agus maith dhuinn ar peacaidhean#Mat 18:21‐35: oir tha sinne fhèin a’ maitheadh do gach aon air a bheil fiachan againn. Agus na leig ann am buaireadh sinn#1 Cor 10:13; Tais 3:10, ach saor sinn on olc#Eòin 17:15.
5Agus thubhairt e riu, Cò agaibhse aig am bi caraid, agus a thèid da ionnsaigh air mheadhon‐oidhche, agus a their ris, A charaid, thoir dhomh trì buileannan an iasad;
6Oir thàinig caraid dhomh am ionnsaigh as a shlighe, agus chan eil nì agam a chuireas mi na làthair?
7Agus gum freagair esan on taobh a‑staigh agus gun abair e, Na cuir dragh orm: tha an doras a‑nis air a dhùnadh, agus tha mo chlann maille rium anns an leabaidh; chan fhaigh mi èirigh agus an toirt dhut.
8Tha mi ag ràdh ribh, ged nach èirich e agus nach toir e dha, airson gur e a charaid e; gidheadh airson a liosdachd#Lùc 18:1‐5; Mat 15:22‐28, èiridh e agus bheir e dha a mheud is a tha a dh’uireasbhaidh air.
9Agus tha mise ag ràdh ribh, Iarraibh#Mat 7:7; Eòin 15:7; Seum 1:5; 1 Eòin 3:22, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh; buailibh an doras, agus fosglar dhuibh.
10Oir gach neach a dh’iarras, glacaidh e: agus an tì a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas, fosglar.
11Ma dh’iarras mac aran air aon neach agaibhse a tha na athair, an toir e dha clach? No ma dh’iarras e iasg, an toir e nathair dha an àit èisg?
12No ma dh’iarras e ubh, an toir e scorpion dha?
13Air an adhbhar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thoirt dur cloinn, nach mòr as mò na sin a bheir ur n‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh’iarras air e?
14Agus bha e a’ tilgeadh a‑mach deamhain#Mat 9:32; 12:22, etc., agus bha e balbh. Agus air dol don deamhan a‑mach, labhair am balbhan; agus ghabh an sluagh iongantas.
15Ach thubhairt cuid dhiubh, Is ann tro Bheelsebub, ceannard nan deamhan, a tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.
16Agus dh’iarr dream eile dhiubh, ga dhearbhadh, comharradh air o nèamh#Mat 12:38; 10:1.
17Ach air dhàsan an smuaintean a thuigsinn#Eòin 2:25, thubhairt e riu, Gach rìoghachd a tha roinnte na h‑aghaidh fhèin#Mat 12:25; Marc 3:24, fàsaichear i; agus gach taigh a tha roinnte na aghaidh fhèin, tuitidh e.
18Agus ma tha Sàtan mar an ceudna air a roinn na aghaidh fhèin, cionnas a sheasas a rìoghachd? Oir tha sibhse ag ràdh gu bheil mise tro Bheelsebub a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.
19Agus mas ann tro Bheelsebub a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, cò e tro a bheil ur clann‐se gan tilgeadh a‑mach? Uime sin bidh iadsan nam britheamhan oirbh.
20Ach mas ann le meur Dhè a tha mise a’ tilgeadh a‑mach dheamhan#Ecs 8:19, tha rìoghachd Dhè, gun teagamh, air teachd oirbhse.
21Nuair a ghleidheas duine làidir fo airm a thalla fhèin, tha na bhuineas dha ann an sìth:
22Ach nuair a thig duine as treasa na e#Isa 49:24; 53:12; Col 2:15, agus a bheir e buaidh air, bheir e uaithe a armachd uile anns an robh a dhòigh, agus roinnidh e a’ chreach.
23An neach nach eil leamsa, tha e am aghaidh#Mat 12:30; agus an neach nach eil a’ cruinneachadh leam, tha e a’ sgapadh.
24Nuair a thèid an spiorad neòghlan a‑mach à duine#Mat 12:43‐45, imichidh e tro ionadan tioram, ag iarraidh foise: agus nuair nach faigh e sin, their e, Tillidh mi a dh’ionnsaigh mo thaighe as an tàinig mi.
25Agus air dha teachd, gheibh e e air a sguabadh agus air a dhèanamh maiseach.
26An sin imichidh e, agus bheir e leis seachd spioradan eile as miosa na e fhèin; agus air dhaibh dol a‑steach, gabhaidh iad còmhnaidh an sin: agus bidh crìoch an duine sin nas miosa na a thoiseach#Eòin 5:14; 2 Pead 2:20.
27Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo, thog bean àraidh den t‑sluagh a guth, agus thubhairt i ris, Is beannaichte a’ bhrù a ghiùlain thu#Lùc 1:28, 48, agus na cìochan a dheoghail thu.
28Ach thubhairt esan, Is mò gur beannaichte iadsan a dh’èisdeas ri facal Dhè, agus a choimheadas e#Eòin 13:17; Seum 1:22‐25.
29Agus nuair a chruinnich an sluagh gu tiugh da ionnsaigh, thòisich e air a ràdh, Is droch ghinealach seo: tha iad ag iarraidh comharraidh; agus cha toirear comharradh dhaibh, ach comharradh Iònais am fàidh#Mat 12:40, etc.; Ion 1:17; 2:10.
30Oir mar a bha Iònas na chomharradh do mhuinntir Ninebheh, is ann mar sin mar an ceudna a bhios Mac an Duine don ghinealach seo.
31Eiridh bànrighinn na h‑àird a deas#1 Rìgh 10:1, etc. suas anns a’ bhreitheanas maille ri daoine a’ ghinealaich seo, agus dìtidh i iad: oir thàinig ise o iomallan na talmhainn, a dh’èisdeachd ri gliocas Sholaimh; agus, feuch, tha nas mò na Solamh an seo.
32Eiridh muinntir Ninebheh suas anns a’ bhreitheanas maille ris a’ ghinealach seo, agus dìtidh iad e: oir rinn iadsan aithreachas le searmoin Iònais#Ion 3:5, 10; agus, feuch, tha nas mò na Iònas an seo.
33Chan eil neach sam bith, air dha coinneal a lasadh#Mat 5:15; Marc 4:21, a chuireas am falach i no fo shoitheach; ach ann an coinnleir, a‑chum gum faic an dream a thig a‑steach an solas.
34Is i an t‑sùil solas a’ chuirp#Marc 6:22, 23: uime sin nuair a bhios do shùil glan, bidh do chorp uile làn solais: ach nuair a bhios do shùil olc, bidh do chorp mar an ceudna dorcha.
35Uime sin thoir an aire nach bi an solas a tha annad na dhorchadas.
36Air an adhbhar sin, ma bhios do chorp uile soillseach, gun chuid sam bith dheth dorcha, bidh e soillseach gu h‑iomlan, mar nuair a shoillsicheas coinneal thu le a dealradh.
37Agus a’ labhairt dhàsan, dh’iarr Pharasach àraidh air a dhìnnear a ghabhail maille ris: agus chaidh e a‑steach, agus shuidh e a‑chum bìdh.
38Agus nuair a chunnaic am Pharasach sin#Marc 7:3, b’ioghnadh leis nach d’ionnlaid e e fhèin ro a dhìnneir.
39Agus thubhairt an Tighearna ris, A‑nis, Pharasacha, glanaidh sibhse an taobh a‑muigh den chupan agus den mhèis#Mat 23:25: ach tha an taobh a‑staigh dhibh làn reubainn agus aingidheachd#Tìt 1:15.
40Amadana, an tì a rinn an nì a tha an taobh a‑muigh, nach do rinn e an nì a tha an taobh a‑staigh mar an ceudna?
41Ach thugaibh uaibh dèirc de na nithean a tha agaibh#Lùc 12:33; Isa 58:7: agus, feuch, tha na h‑uile nithean glan dhuibh.
42Ach is an‑aoibhinn dhuibh, Pharasacha: oir tha sibh a’ toirt deichimh à mionnt, agus à rù, agus as gach uile ghnè luibhean, agus a’ gabhail thairis air breitheanas agus air gràdh Dhè: bu chòir dhuibh iad seo a dhèanamh, agus gun iad siud fhàgail gun dèanamh.
43Is an‑aoibhinn dhuibh, Pharasacha#Mat 23:6; Marc 12:38: oir is ionmhainn leibh na ciad àiteachan‐suidhe anns na sionagogan, agus fàilte fhaotainn air na margaidhean.
44Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean: oir tha sibh mar uaighean nach faicear#Salm 5:9, agus do nach toir na daoine a tha ag imeachd thairis orra an aire.
45Agus fhreagair duine àraidh den luchd‐lagha, agus thubhairt e ris, A Mhaighistir, le seo a labhairt tha thu a’ toirt maslaidh dhuinne mar an ceudna.
46Agus thubhairt esan, Is an‑aoibhinn dhuibhse mar an ceudna, a luchd‐lagha: oir tha sibh a’ cur uallaichean troma, do‑ghiùlan air daoine#Isa 58:6, agus cha bhean sibh fhèin ris na h‑uallaichean le aon de ur meuran.
47Is an‑aoibhinn dhuibh: oir tha sibh a’ togail àitean‐adhlaic nam fàidhean, agus is iad ur n‑athraichean a mharbh iad.
48Gu deimhinn tha sibh a’ toirt fianais gu bheil sibh ag aontachadh le gnìomharan ur n‑athraichean#Esec 18:19: oir mharbh iadsan gu deimhinn iad, agus tha sibhse a’ togail an àitean‐adhlaic.
49Air an adhbhar sin thubhairt gliocas Dhè, Cuiridh mise fàidhean agus abstoil dan ionnsaigh, agus cuid dhiubh marbhaidh iad, agus cuid eile geur‐leanaidh iad:
50A‑chum gun agrar air a’ ghinealach seo fuil nam fàidhean uile a dhòirteadh o thoiseach an domhain;
51O fhuil Abeil#Gen 4:8 gu fuil Shachariais#2 Each 24:20, a chaidh a mhilleadh eadar an altair agus an teampall: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gun agrar i air a’ ghinealach seo#Ecs 20:5; Ier 51:56.
52Is an‑aoibhinn dhuibh, a luchd‐lagha: oir thug sibh air falbh iuchair an eòlais#Mal 2:7: cha deachaidh sibh fhèin a‑steach, agus an dream a bha a’ dol a‑steach, bhac sibh iad.
53Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo riu, thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air a chur thuige gu dian, agus a tharraing gu labhairt air mòran de nithean;
54A’ dèanamh feall‐aire air, agus ag iarraidh nì‑eigin a ghlacadh as a bheul, a‑chum gum biodh cùis‐dhìtidh aca na aghaidh.
Currently Selected:
Lùcas 11: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017