1
Lùcas 11:13
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Air an adhbhar sin, mas aithne dhuibhse a tha olc tìodhlacan matha a thoirt dur cloinn, nach mòr as mò na sin a bheir ur n‑Athair nèamhaidh an Spiorad Naomh dhaibhsan a dh’iarras air e?
Compare
Explore Lùcas 11:13
2
Lùcas 11:9
Agus tha mise ag ràdh ribh, Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh; buailibh an doras, agus fosglar dhuibh.
Explore Lùcas 11:9
3
Lùcas 11:10
Oir gach neach a dh’iarras, glacaidh e: agus an tì a shireas, gheibh e: agus don tì a bhuaileas, fosglar.
Explore Lùcas 11:10
4
Lùcas 11:2
Agus thubhairt e riu, Nuair a nì sibh ùrnaigh, abraibh, Ar n‑Athair a tha air nèamh, gun naomhaichear d’ainm. Thigeadh do rìoghachd. Dèanar do thoil, mar air nèamh, guma h‑amhlaidh sin air thalamh.
Explore Lùcas 11:2
5
Lùcas 11:4
Agus maith dhuinn ar peacaidhean: oir tha sinne fhèin a’ maitheadh do gach aon air a bheil fiachan againn. Agus na leig ann am buaireadh sinn, ach saor sinn on olc.
Explore Lùcas 11:4
6
Lùcas 11:3
Thoir dhuinn o là gu là ar n‑aran làitheil.
Explore Lùcas 11:3
7
Lùcas 11:34
Is i an t‑sùil solas a’ chuirp: uime sin nuair a bhios do shùil glan, bidh do chorp uile làn solais: ach nuair a bhios do shùil olc, bidh do chorp mar an ceudna dorcha.
Explore Lùcas 11:34
8
Lùcas 11:33
Chan eil neach sam bith, air dha coinneal a lasadh, a chuireas am falach i no fo shoitheach; ach ann an coinnleir, a‑chum gum faic an dream a thig a‑steach an solas.
Explore Lùcas 11:33
Home
Bible
Plans
Videos