1
Lùcas 12:40
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Bithibh‐se uime sin deas mar an ceudna: oir thig Mac an Duine nuair nach saoil sibh.
Compare
Explore Lùcas 12:40
2
Lùcas 12:31
Ach iarraibh‐se rìoghachd Dhè, agus cuirear na nithean seo uile ribh.
Explore Lùcas 12:31
3
Lùcas 12:15
Agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o shannt: oir chan ann am mòr‐phailteas nan nithean a tha e a’ sealbhachadh a tha beatha an duine.
Explore Lùcas 12:15
4
Lùcas 12:34
Oir ge bè àite anns a bheil ur n‑ionmhas, an sin bidh ur cridhe mar an ceudna.
Explore Lùcas 12:34
5
Lùcas 12:25
Agus cò agaibhse, le ro‑chùram, as urrainn aon làmh‐choille a chur ra àirde fhèin?
Explore Lùcas 12:25
6
Lùcas 12:22
Agus thubhairt e ra dheisciobail, Uime sin tha mise ag ràdh ribh, na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha, ciod a dh’itheas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh.
Explore Lùcas 12:22
7
Lùcas 12:7
Ach tha eadhon fuilteinean ur cinn uile air an àireamh. Uime sin na biodh eagal oirbh: is fheàrr sibhse na mòran ghealbhan.
Explore Lùcas 12:7
8
Lùcas 12:32
Na biodh eagal ort, a threud bhig; oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh.
Explore Lùcas 12:32
9
Lùcas 12:24
Thugaibh fa‑near na fithich: oir chan eil iadsan a’ cur no a’ buain; chan eil aca taigh‐tasgaidh no sabhal; agus tha Dia gam beathachadh: cia mòr as fheàrr sibhse na an eunlaith?
Explore Lùcas 12:24
10
Lùcas 12:29
Uime sin na iarraibh‐se ciod a dh’itheas sibh, no ciod a dh’òlas sibh, agus na bithibh amharasach.
Explore Lùcas 12:29
11
Lùcas 12:28
Agus ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh an fheòir, a tha an‑diugh anns a’ mhachair, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mòr as mò a sgeadaicheas e sibhse, O dhaoine air bheag creidimh?
Explore Lùcas 12:28
12
Lùcas 12:2
Oir chan eil nì air bith falaichte, nach foillsichear: no uaigneach, air nach faighear fios.
Explore Lùcas 12:2
Home
Bible
Plans
Videos