YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 12

12
1 Shearmonaich Crìosd da dheisciobail iad a sheachnadh ceilg, agus geilt ann an cur a theagaisg an cèill. 13 Rabhadh don t‑sluagh a bhith air am faicill an aghaidh sannt. 22 Chan fhaod sinn a bhith ro chùramach mu nithean talmhaidh.
1Anns an àm sin#Mat 16:6, etc.; Marc 9:15, etc., nuair a bha sluagh gun àireamh air cruinneachadh, ionnas gu robh iad a’ saltairt air a chèile, thòisich e air a ràdh ra dheisciobail fhèin, Ro gach nì bithibh air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach, eadhon cealgaireachd.
2Oir chan eil nì air bith falaichte, nach foillsichear#Lùc 8:17; Mat 10:26; Marc 4:22: no uaigneach, air nach faighear fios.
3Air an adhbhar sin, ge bè nì a labhair sibh anns an dorchadas, cluinnear e anns an t‑solas: agus an nì a labhair sibh anns a’ chluais ann an seòmraichean uaigneach, èighear e air mullach nan taighean.
4Agus tha mi ag ràdh ribhse, mo chàirdean, Na biodh eagal oirbh ron mhuinntir sin a mharbhas an corp#Isa 51:12, 13; Daniel 3:10‐19; 1 Pead 3:14, agus na dhèidh sin aig nach eil nì tuilleadh a dh’fhaodas iad a dhèanamh.
5Ach nochdaidh mi dhuibh cò e ron còir dhuibh eagal a bhith oirbh: Biodh eagal an Tì ud oirbh aig a bheil cumhachd, an dèidh neach a mharbhadh, a thilgeadh do ifrinn; seadh, tha mi ag ràdh ribh, Biodh eagal an Tì seo oirbh.
6Nach eil còig gealbhain air an reic air dà fheòirling, agus chan eil aon dhiubh air a dhearmad am fianais Dhè#Iob 12:10; Salm 104:27‐30?
7Ach tha eadhon fuilteinean ur cinn uile air an àireamh. Uime sin na biodh eagal oirbh: is fheàrr sibhse na mòran ghealbhan.
8Agus tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a dh’aidicheas mise am fianais dhaoine#1 Sam 2:30; Salm 119:46; 2 Tim 2:12; Tais 2:10, aidichidh Mac an Duine esan mar an ceudna an làthair ainglean Dhè.
9Ach ge bè neach a dh’àicheas mise am fianais dhaoine#Mat 25:31, àichear esan am fianais ainglean Dhè.
10Agus ge bè neach a labhras facal an aghaidh Mac an Duine#Mat 12:31, 32, maithear dha e: ach don tì a labhras toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, cha toirear maitheanas.
11Agus nuair a bheir iad sibh a‑chum nan sionagog#Lùc 21:14; Mat 10:19; Marc 13:11, agus nan uachdaran, agus nan daoine cumhachdach, na biodh e na ro‑chùram oirbh cionnas no ciod a fhreagras sibh, no ciod a their sibh:
12Oir teagaisgidh an Spiorad Naomh dhuibh, anns an uair sin fhèin, na nithean as còir dhuibh a ràdh#Gnìo 6:10; 26.
13Agus thubhairt neach àraidh den t‑sluagh ris, A Mhaighistir, abair rim bhràthair an oighreachd a roinn rium#Esec 33:31.
14Agus thubhairt e ris, A dhuine, cò a chuir mise am bhritheamh no am fhear‐roinn os ur cionn?
15Agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o shannt#1 Tim 6:7‐10; Eabh 13:5: oir chan ann am mòr‐phailteas nan nithean a tha e a’ sealbhachadh a tha beatha an duine.
16Agus labhair e cosamhlachd riu, ag ràdh, Thug fearann duine shaoibhir àraidh bàrr pailt uaithe:
17Agus smaoinich e ann fhèin, ag ràdh, Ciod a nì mi, a chionn nach eil agam àit anns an cruinnich mi mo thoradh?
18Agus thubhairt e, Nì mi seo: leagaidh mi mo shaibhlean, agus togaidh mi saibhlean as mò; agus cruinnichidh mi annta sin mo thoradh uile, agus mo mhaoin.
19Agus their mi rim anam, Anam#Salm 49:18; Seum 4:13‐15, tha agad mòran de nithean matha air an tasgadh fa chomhair mòran bhliadhnachan; gabh fois, ith, òl, agus bi subhach#1 Cor 15:32; Seum 5:5.
20Ach thubhairt Dia ris, Amadain, air an oidhche seo fhèin iarrar d’anam uat: an sin cò dha a bhuineas na nithean sin a dh’ullaich thu#Iob 27:16, 17; Salm 39:6; Ier 17:11?
21Is ann mar sin a tha an tì a thaisgeas ionmhas dha fhèin, agus nach eil saoibhir a‑thaobh Dhè.
22Agus thubhairt e ra dheisciobail, Uime sin tha mise ag ràdh ribh, na biodh ro‑chùram oirbh mu thimcheall ur beatha#Mat 6:25, etc., ciod a dh’itheas sibh; no mu thimcheall ur cuirp, ciod a chuireas sibh umaibh.
23Is mò a’ bheatha na am biadh, agus an corp na an t‑aodach.
24Thugaibh fa‑near na fithich: oir chan eil iadsan a’ cur no a’ buain; chan eil aca taigh‐tasgaidh no sabhal; agus tha Dia gam beathachadh#Iob 38:41; Salm 147:9: cia mòr as fheàrr sibhse na an eunlaith#Mat 10:31?
25Agus cò agaibhse, le ro‑chùram, as urrainn aon làmh‐choille a chur ra àirde#12:25 no, ra bheatha. fhèin?
26Mura eil sibh uime sin comasach air an nì as lugha a dhèanamh, carson a tha sibh ro‑chùramach mu nithean eile?
27Thugaibh fa‑near na lilidhean, cionnas a tha iad a’ fàs: chan eil iad a’ saothrachadh, no a’ snìomh: gidheadh tha mi ag ràdh ribh nach robh Solamh fhèin na ghlòir uile air a sgeadachadh mar aon dhiubh seo.
28Agus ma tha Dia mar sin a’ sgeadachadh an fheòir, a tha an‑diugh anns a’ mhachair, agus a‑màireach air a thilgeadh anns an àmhainn, nach mòr as mò a sgeadaicheas e sibhse, O dhaoine air bheag creidimh?
29Uime sin na iarraibh‐se ciod a dh’itheas sibh#Philip 4:6, no ciod a dh’òlas sibh, agus na bithibh amharasach.
30Oir na nithean seo uile tha cinnich an t‑saoghail ag iarraidh: ach tha fhios aig ur n‑Athair‐se gu bheil feum agaibh air na nithean sin.
31Ach iarraibh‐se rìoghachd Dhè#1 Rìgh 3:11; 1 Tim 4:8, agus cuirear na nithean seo uile ribh#Salm 34:10; Isa 33:16.
32Na biodh eagal ort, a threud bhig#Isa 40:1; 41:10‐14; oir is e deagh thoil ur n‑Athar an rìoghachd a thoirt dhuibh#Mat 25:34; Eòin 18:36; Eabh 12:28; 2 Pead 1:11; Tais 22:5.
33Reicibh na bheil agaibh#Mat 19:21, agus thugaibh dèirc uaibh: dèanaibh dhuibh fhèin sporain nach fàs sean#Mat 6:20; 1 Tim 6:17‐19, ionmhas nach teirig, anns na nèamhan, far nach tig gadaiche am fagas, agus nach truaill an reudan.
34Oir ge bè àite anns a bheil ur n‑ionmhas, an sin bidh ur cridhe mar an ceudna.
35Biodh ur leasraidh crioslaichte mun cuairt#Eph 6:14; 1 Pead 1:13, agus ur lòchrain air an lasadh#Mat 25:1, 13;
36Agus sibh fhèin cosmhail ri daoine a tha a’ feitheamh ris an Tighearna, nuair a thilleas e on phòsadh; a‑chum air dha teachd agus bualadh, gun grad‐fhosgail iad dha.
37Is beannaichte na seirbhisich sin a gheibh an Tighearna, nuair a thig e, ri faire#Marc 12:42: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun crioslaich e e fhèin mun cuairt, agus gun cuir e nan suidhe iad a‑chum bìdh, agus gun tig e a‑mach agus gun dèan e frithealadh dhaibh.
38Agus ma thig e anns an dara faire, no ma thig e anns an treas faire, agus gum faigh e iad mar sin, is beannaichte na seirbhisich sin.
39Agus biodh cinnt agaibh air a seo, nam biodh fhios aig fear an taighe cia an uair anns an tigeadh an gadaiche#1 Tes 5:2; Tais 3:3; 16:15, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e a thaigh a bhith air a tholladh troimhe.
40Bithibh‐se uime sin deas mar an ceudna#Lùc 21:34, 36: oir thig Mac an Duine nuair nach saoil sibh.
41Agus thubhairt Peadar ris, A Thighearna, an ann rinne a tha thu a’ labhairt a’ chosamhlachd seo, no ris na h‑uile?
42Agus thubhairt an Tighearna, Cò e uime sin an stiùbhard fìrinneach agus glic sin, a chuireas a thighearna os cionn a theaghlaich#1 Cor 4:1, 2; 2 Tim 2:2, a thoirt dhaibh an cuibhreann bìdh na àm fhèin?
43Is beannaichte an seirbhiseach sin a gheibh a thighearna, nuair a thig e, a’ dèanamh mar sin.
44Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun cuir e e os cionn na bheil aige.
45Ach ma their an seirbhiseach sin na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàile na theachd; agus ma thòisicheas e air na h‑òglaich agus na banoglaich a bhualadh, agus ithe, agus òl, agus a bhith air mhisg:
46Thig tighearna an t‑seirbhisich sin ann an là nach eil sùil aige ris, agus ann an uair nach fios dha, agus gearraidh e na bhloighdean e, agus bheir e a chuibhreann dha maille ris na mì‑chreidmhich#12:46 a’ mhuinntir mhì‐dhìleis..
47Agus an seirbhiseach sin dom b’aithne toil a mhaighistir#Seum 4:17, agus nach d’ullaich e fhèin, agus nach do rinn a rèir a thoile, buailear e le mòran bhuillean.
48Ach an tì do nach b’aithne#Gnìo 17:30, agus a rinn nithean a b’airidh air buillean, buailear esan le beagan bhuillean. Oir gach neach don tugadh mòran, iarrar mòran uaithe#Mat 25:14‐29: agus ge bè rin d’earbadh mòran, iarrar an tuilleadh air.
49Thàinig mise a chur teine air an talamh, agus ciod as àill leam, ma tha e cheana air fhadadh.
50Ach tha baisteadh agam ri bhith air mo bhaisteadh leis#Mat 20:17‐23, agus cionnas a tha mi air mo theannachadh gus an coileanar e!
51A bheil sibh a’ saoilsinn gun tàinig mise a thoirt sìth air an talamh#Mat 10:34? Chan eadh, tha mi ag ràdh ribh, ach aimhreit.
52Oir bidh à seo suas còignear ann an aon taigh air an roinn, triùir an aghaidh dithis, agus dithis an aghaidh triùir.
53Bidh an t‑athair air a roinn an aghaidh a’ mhic, agus am mac an aghaidh an athar; a’ mhàthair an aghaidh na nighinn, agus an nighean an aghaidh na màthar; a’ mhàthair‐chèile an aghaidh bean a mic, agus bean a’ mhic an aghaidh a màthar‐chèile#Mic 7:6.
54Agus thubhairt e mar an ceudna ris an t‑sluagh, Nuair a chì sibh neul ag èirigh anns an àird an iar#1 Rìgh 18:44, 45; Mat 16:2, etc., air ball their sibh, Tha fras a’ teachd; agus tha e mar sin.
55Agus nuair a chì sibh a’ ghaoth a deas a’ sèideadh, their sibh, Bidh teas ann; agus tha e a’ tachairt.
56A chealgairean, is aithne dhuibh breith a thoirt air aghaidh nan speur agus na talmhainn; ach cionnas nach eil sibh a’ toirt breith air an aimsir seo?
57Agus carson nach eil sibh eadhon uaibh fhèin a’ breithneachadh an nì sin a tha ceart?
58Nuair a thèid thu maille rid eascaraid a‑chum an uachdarain#Mat 5:25, dèan dìcheall anns an t‑slighe air a bhith air do shaoradh uaithe; air eagal gun tarraing e a‑chum a’ bhritheimh thu, agus gun toir am britheamh thairis don mhaor thu, agus gun tilg am maor am prìosan thu.
59Tha mi ag ràdh riut nach tèid thu a‑mach as a sin, gus an ìoc thu eadhon a’ phèighinn dheireannach.

Currently Selected:

Lùcas 12: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in