1
Lùcas 10:19
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Feuch, tha mi a’ toirt dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean, agus air scorpionan, agus air uile neart an nàmhaid; agus cha ghortaich nì air bith air aon dòigh sibh.
Compare
Explore Lùcas 10:19
2
Lùcas 10:41-42
Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e rithe, A Mharta, a Mharta, tha thusa làn cùraim agus dragha mu thimcheall mòran nithean: Ach tha aon nì feumail. Agus rinn Muire roghainn den chuid mhaith sin, nach toirear uaipe.
Explore Lùcas 10:41-42
3
Lùcas 10:27
Agus a’ freagairt dhàsan, thubhairt e, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile neart, agus led uile inntinn; agus do choimhearsnach mar thu fhèin.
Explore Lùcas 10:27
4
Lùcas 10:2
Air an adhbhar sin thubhairt e riu, Tha am fogharadh gu fìrinneach mòr, ach tha an luchd‐obrach tearc: guidhibh uime sin air Tighearna an fhogharaidh luchd‐obrach a chur a‑mach a‑chum a fhogharaidh fhèin.
Explore Lùcas 10:2
5
Lùcas 10:36-37
Cò a‑nis den triùir seo a shaoileas tu a bu choimhearsnach dhàsan a thuit am measg an luchd‐reubainn? Agus thubhairt esan, An tì a rinn tròcair air. An sin thubhairt Iosa ris, Imich thusa, agus dèan mar an ceudna.
Explore Lùcas 10:36-37
6
Lùcas 10:3
Imichibh: feuch, tha mise gur cur a‑mach mar uain am measg mhadadh‐allaidh.
Explore Lùcas 10:3
Home
Bible
Plans
Videos