YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 10

10
1 Chuir Crìosd a‑mach deich agus trì‐fichead deisciobal a shearmonachadh; 17 dh’iarr e orra a bhith iriosal, agus dh’innis e dhaibh ciod e an nì anns am buineadh dhaibh gàirdeachas a dhèanamh. 41 Chronaich e Marta.
1An dèidh nan nithean sin, dh’òrdaich an Tighearna mar an ceudna deichnear agus trì‐fichead eile#Mat 10:1, etc.; Marc 6:7, etc., agus chuir e a lìon dithis agus dithis ro a ghnùis iad, do gach baile, agus àit, gus an robh e fhèin gu teachd.
2Air an adhbhar sin thubhairt e riu, Tha am fogharadh gu fìrinneach mòr#Mat 9:37; Eòin 4:35, ach tha an luchd‐obrach tearc: guidhibh uime sin air Tighearna an fhogharaidh luchd‐obrach a chur a‑mach a‑chum a fhogharaidh fhèin.
3Imichibh: feuch, tha mise gur cur a‑mach mar uain am measg mhadadh‐allaidh#Mat 10:16.
4Na giùlainibh sporan, no màla#Lùc 9:3, etc., no brògan; agus na beannaichibh do neach air bith anns an t‑slighe#Gen 24:33, 56; 2 Rìgh 4:29; Gnà 4:25.
5Agus ge bè taigh don tèid sibh a‑steach, abraibh air tùs, Sìth don taigh seo.
6Agus ma bhios mac na sìthe an sin gabhaidh ur sìth còmhnaidh air: ach mura bi, tillidh ur sìth dur n‑ionnsaigh fhèin a‑rìs.
7Agus fanaibh anns an taigh sin, ag ithe agus ag òl nan nithean a bheirear dhuibh: oir is airidh am fear‐obrach air a thuarasdal. Na rachaibh o thaigh gu taigh.
8Agus ge bè baile don tèid sibh a‑steach, agus anns an gabh iad ribh, ithibh na nithean sin a chuireas iad nur làthair#1 Cor 10:27:
9Agus lèighsibh a’ mhuinntir a tha easlan ann, agus abraibh riu, Tha rìoghachd Dhè air teachd am fagas dhuibh#Mat 3:2.
10Ach ge bè baile don tèid sibh a‑steach, agus nach gabh iad ribh, air dhuibh dol a‑mach air a shràidean, abraibh,
11Eadhon duslach ur baile a lean rinn, tha sinn a’ glanadh dhinn nur n‑aghaidh‐se#Lùc 9:5; gidheadh, biodh fhios seo agaibh gun do dhruid rìoghachd Dhè ribh.
12Ach tha mise ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom anns an là ud na don bhaile sin#Mat 10:15; Marc 6:11.
13Is an‑aoibhinn dhut, a Chorasin! Is an‑aoibhinn dhut, a Bhetsaida! Oir nam biodh na h‑obraichean cumhachdach a rinneadh annaibhse air an dèanamh ann an Tìrus agus ann an Sìdon, is fad on a dhèanadh iad aithreachas#Esec 3:6, nan suidhe ann an sac‐aodach agus ann an luaithre.
14Ach bidh e nas so‑iomchaire do Thìrus agus do Shìdon anns a’ bhreitheanas na dhuibhse.
15Agus thusa, a Chapernàum, a tha air d’àrdachadh gu nèamh#Isa 14:13‐15; Ier 51:53, tilgear sìos gu ifrinn thu#Esec 26:20; 31:18.
16Esan a dh’èisdeas ribhse, èisdidh e riumsa: agus esan a dhiùltas sibhse#Gnìo 5:4, tha e gam dhiùltadh‐sa: agus an neach a dhiùltas mise, tha e a’ diùltadh an tì a chuir uaithe mi#Eòin 5:23.
17Agus thill an deichnear agus an trì‐fichead le gàirdeachas, ag ràdh, a Thighearna, tha na deamhain fhèin fo smachd againne tro d’ainm‐sa.
18Agus thubhairt e riu, Chunnaic mi Sàtan mar dhealanach a’ tuiteam o nèamh#Tais 12:8, 9.
19Feuch, tha mi a’ toirt dhuibh cumhachd saltairt air nathraichean#Marc 16:18; Gnìo 28:5, agus air scorpionan, agus air uile neart an nàmhaid; agus cha ghortaich nì air bith air aon dòigh sibh.
20Gidheadh na dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil na spioradan fo ur smachd; ach dèanaibh gàirdeachas airson gu bheil ur n‑ainmean sgrìobhte anns na nèamhan#Ecs 32:32; Salm 69:28; Isa 4:3; Daniel 12:1; Philip 4:3; Eabh 12:23; Tais 13:8; 20:12; 21:27.
21Anns an uair sin fhèin rinn Iosa gàirdeachas na spiorad#Mat 11:25‐27, agus thubhairt e, Tha mi a’ toirt buidheachais dhut, O Athair, a Thighearna nèimh agus na talmhainn, airson gun d’fhalaich thu na nithean sin o dhaoine glice agus tuisgeach, agus gun d’fhoillsich thu iad do naoidheanan: seadh, Athair, oir is ann mar sin a bu toil leatsa.
22Tha na h‑uile nithean air an tabhairt dhòmhsa lem Athair#Mat 28:18; Eòin 3:35: agus chan aithne do neach air bith cò e am Mac, ach don Athair; no cò e an t‑Athair ach don Mhac#Eòin 1:18; 6:46, agus an neach don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh.
23Agus air tionndadh ra dheisciobail, thubhairt e riu an uaigneas, Is beannaichte na sùilean a chì na nithean a tha sibhse a’ faicinn:
24Oir tha mi ag ràdh ribh gum b’iomadh fàidh#1 Pead 1:10 agus rìgh, lem bu mhiann na nithean fhaicinn a tha sibhse a’ faicinn, agus nach faca iad; agus na nithean a chluinntinn, a tha sibhse a’ cluinntinn, agus nach cuala iad.
25Agus, feuch, sheas fear‐lagha àraidh suas ga dhearbhadh, agus ag ràdh, A Mhaighistir, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?
26Agus thubhairt e ris, Ciod a tha sgrìobhte anns an lagh? Cionnas a leughas tu?
27Agus a’ freagairt dhàsan, thubhairt e, Gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile neart, agus led uile inntinn; agus do choimhearsnach mar thu fhèin#Deut 6:5; Lebh 19:18.
28Agus thubhairt esan ris, Is ceart a fhreagair thu: dèan‐sa seo, agus bidh tu beò#Lebh 18:5; Neh 9:29; Esec 20:11, 21; Ròm 10:5; Gal 3:12.
29Ach air dhàsan toil a bhith aige e fhèin fhìreanachadh#Lùc 16:15; Iob 32:2; Ròm 4:2; Gal 3:11; Seum 2:24, thubhairt e ri Iosa, Agus cò e mo choimhearsnach?
30Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Chaidh duine àraidh sìos o Ierusalem gu Iericho#Ios 16:1, agus thuit e am measg luchd‐reubainn, agus air dhaibh a rùsgadh agus a lotadh, dh’imich iad romhpa, air dhaibh esan fhàgail leth‐mharbh.
31Agus thàrladh gun d’imich sagart àraidh sìos air an t‑slighe sin: agus nuair a chunnaic e e, ghabh e seachad air an taobh eile.
32Agus mar an ceudna, air do Lèbhitheach a bhith dlùth don ionad sin, thàinig e agus dh’amhairc e air, agus ghabh e seachad air an taobh eile#Salm 109:25; Seum 2:13‐16.
33Ach air do Shamaritanach àraidh a bhith a’ gabhail an rathaid#Eòin 4:9, thàinig e far an robh esan: agus nuair a chunnaic e e, ghabh e truas mòr dheth,
34Agus thàinig e da ionnsaigh, agus cheangail e suas a chreuchdan, a’ dòrtadh ola agus fìona annta, agus chuir e air a ainmhidh fhèin e, agus thug e gu taigh‐òsda e, agus ghabh e cùram dheth.
35Agus air an là màireach, nuair a dh’fhalbh e, thug e a‑mach dà phèighinn Ròmanach, agus thug e do fhear an taigh‐òsda iad, agus thubhairt e ris, Gabh cùram dheth; agus ge bè nì tuilleadh a chaitheas tu, an tràth a thilleas mise air m’ais, dìolaidh mi dhut e.
36Cò a‑nis den triùir seo a shaoileas tu a bu choimhearsnach dhàsan a thuit am measg an luchd‐reubainn?
37Agus thubhairt esan, An tì a rinn tròcair air#Hos 6:6; Mic 6:8. An sin thubhairt Iosa ris, Imich thusa, agus dèan mar an ceudna.
38Agus ag imeachd dhaibh, chaidh e a‑steach do bhaile àraidh; agus ghabh bean àraidh dom b’ainm Marta#Eòin 11:1; 12:2, 3 da taigh fhèin e.
39Agus bha piuthar aice den goirte Muire, a shuidh aig casan Iosa#Lùc 8:35; Gnìo 22:3, agus a bha ag èisdeachd a fhacail.
40Ach bha Marta air a ro‑chùradh#Mat 6:25‐34; Philip 4:6 le mòran frithealaidh, agus air seasamh dhi na làthair thubhairt i, A Thighearna, nach eil suim agad gun d’fhàg mo phiuthar mise am aonar ri frithealadh? Uime sin abair rithe cuideachadh leam.
41Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e rithe, A Mharta, a Mharta, tha thusa làn cùraim agus dragha mu thimcheall mòran nithean:
42Ach tha aon nì feumail#Salm 27:4; 73:25; Ecl 12:13; Marc 8:36; 1 Cor 13:3. Agus rinn Muire roghainn den chuid mhaith sin, nach toirear uaipe.

Currently Selected:

Lùcas 10: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in