1
Lùcas 9:23
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Agus thubhairt e riu uile, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh‐sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann‐ceusaidh gach là, agus leanadh e mise.
Compare
Explore Lùcas 9:23
2
Lùcas 9:24
Oir ge bè neach lem b’àill a anam a thèarnadh, caillidh e e: ach ge bè neach a chailleas a anam air mo sgàth‐sa, saoraidh esan e.
Explore Lùcas 9:24
3
Lùcas 9:62
Ach thubhairt Iosa ris, Chan eil neach air bith, a chuireas a làmh ris a’ chrann‐àraidh, agus a sheallas na dhèidh, iomchaidh airson rìoghachd Dhè.
Explore Lùcas 9:62
4
Lùcas 9:25
Oir ciod e an tairbhe do dhuine, ged chosnadh e an saoghal gu h‑iomlan, agus e fhèin a chall, no a bhith air a sgrios?
Explore Lùcas 9:25
5
Lùcas 9:26
Oir ge bè neach a ghabhas nàire dhìomsa agus dem bhriathran, gabhaidh Mac an Duine nàire dhethsan, nuair a thig e na ghlòir fhèin, agus an glòir Athar, agus nan ainglean naomha.
Explore Lùcas 9:26
6
Lùcas 9:58
Agus thubhairt Iosa ris, Tha tuill aig na sionnaich, agus neadan aig eunlaith an adhair; ach chan eil àit aig Mac an Duine anns an cuir e a cheann fodha.
Explore Lùcas 9:58
7
Lùcas 9:48
Agus thubhairt e riu, Ge bè a ghabhas ris an leanabh seo ann am ainm‐sa, tha e a’ gabhail riumsa: agus ge bè neach a ghabhas riumsa, tha e a’ gabhail ris an tì a chuir uaithe mi: oir an neach as lugha nur measg‐se uile, bidh esan mòr.
Explore Lùcas 9:48
Home
Bible
Plans
Videos