YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 6

6
Tighearna na Sàbaid
1Air latha Sàbaid, fhad 's a bha e a' dol tro na h‑achaidhean arbhair, spìon agus dh'ith a dheisciobail diasan arbhair, gan suathadh len làmhan. 2Ach thuirt cuid dhe na Pharasaich, “Carson a tha sibh a' dèanamh an rud nach eil laghail a dhèanamh air an t‑Sàbaid?” 3Agus fhreagair Ìosa iad, “Nach do leugh sibhse an rud a rinn Daibhidh, nuair a bha acras air fhèin is orrasan a bha còmhla ris: 4mar a chaidh e a‑steach do thaigh Dhè agus a ghabh e an t‑aran coisrigte, agus a dh'ith e e, agus a thug e cuideachd e dhaibhsan a bha còmhla ris – rud nach eil ceadaichte ach dha na sagartan a‑mhàin?” 5Agus thuirt e riutha, “Is e Mac an Duine Tighearna na Sàbaid.”
Duine le Làmh Sheargte
6Air Sàbaid eile chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog agus bha e a' teagasg, agus bha duine an sin aig an robh a làmh dheas seargte. 7Rinn na sgrìobhaichean agus na Pharasaich faire air, airson faicinn an leighiseadh e air an t‑Sàbaid, gus am faigheadh iad adhbhar airson casaid a chur na aghaidh. 8Ach b' aithne dha an smuaintean agus thuirt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, “Èirich, agus seas a‑mach anns a' mheadhan.” Agus dh'èirich esan, agus sheas e.
9An uair sin thuirt Ìosa riutha, “Tha mise a' faighneachd dhuibh, a bheil e ceadaichte air an t‑Sàbaid math a dhèanamh no olc, beatha a shàbhaladh no a sgrios?”
10Agus às dèidh coimhead mun cuairt orra uile, thuirt e ris an duine, “Sìn a‑mach do làmh.” Agus rinn e sin, agus chaidh a làmh aiseag slàn dha. 11Agus bha iadsan air an lìonadh le cuthach agus rinn iad deasbad ri chèile a thaobh dè a dhèanadh iad ri Ìosa.
An Dà Abstol Dheug
12Anns na làithean sin chaidh esan a‑mach chun na beinne a dhèanamh ùrnaigh, agus chuir e seachad fad na h‑oidhche ann an ùrnaigh ri Dia. 13Agus nuair a thàinig an latha, ghairm e air a dheisciobail agus thagh e dà fhear dheug asta, a dh'ainmich e cuideachd mar abstoil. 14Sìmon (a dh'ainmich e Peadar), Anndra a bhràthair, Seumas, Eòin, Philip, Bartolomèus, 15Mata, Tòmas, Seumas mac Alphèuis, Sìmon ris an canar an t‑Eudmhoraiche, 16Iùdas mac Sheumais, agus Iùdas Iscariot, a thionndaidh na fhear‑brathaidh.
Beannachdan agus Mallachdan
17Agus thàinig e a‑nuas leotha agus sheas e air àite còmhnard. Bha sluagh mòr dhe na deisciobail aige an sin agus buidheann mhòr de dhaoine o Iudèa uile agus Ierusalem agus o cheàrnaidh‑fairge Thìruis agus Shìdoin, 18a bha air tighinn ga èisteachd agus airson a bhith air an leigheas on galaran. Agus iadsan a bha air am buaireadh le spioradan neòghlan, bha iad air an leigheas. 19Agus dh'fheuch an sluagh uile ri beantainn ris, oir bha cumhachd a' tighinn às agus gan slànachadh uile.
20Agus a' togail a shùilean suas gu a dheisciobail, thuirt e:
“Is beannaichte sibhse a tha bochd,
oir is leibh rìoghachd Dhè.
21Is beannaichte sibhse a tha acrach a‑nis,
oir thèid ur sàsachadh.
Is beannaichte sibhse a tha a' caoineadh a‑nis,
oir nì sibh gàire.
22Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh,
agus a dhùineas iad a‑mach sibh
agus a bheir iad droch bheul dhuibh
agus a dhiùltas iad mar olc ur n‑ainm,
air sgàth Mhic an Duine.
23“Dèanaibh‑se gàirdeachas anns an latha sin, agus leumaibh le aoibhneas, oir seallaibh, is mòr ur duais ann an nèamh. Oir is ann mar sin a rinn an athraichean ri na fàidhean.
24“Ach is mairg dhuibhse a tha beairteach,
oir fhuair sibh ur cofhurtachd.
25Is mairg dhuibhse a tha làn a‑nis,
oir bidh acras oirbh.
Is mairg dhuibhse a tha a' gàireachdainn a‑nis, oir nì sibh bròn is caoineadh.
26Is mairg dhuibhse nuair a bhruidhneas a h‑uile duine gu math mur deidhinn,
oir is ann mar sin a rinn an athraichean ris na fàidhean brèige.
Gràdh do Nàimhdean
27“Ach tha mi ag ràdh ribhse a tha ag èisteachd: gràdhaichibh ur nàimhdean, dèanaibh math dhaibhsan a tha gur fuathachadh, 28beannaichibh iadsan a tha gur mallachadh, dèanaibh ùrnaigh airson nam muinntir a tha a' dèanamh tàir oirbh. 29Ris an neach a bhuaileas thu air a' ghruaidh, tairg an tè eile cuideachd, agus on neach a bheir do chleòc uat na cùm do lèine‑fhada air ais nas motha. 30Thoir dhan neach a dh'iarras ort, agus on neach a bheir uat na tha leat, na iarr air ais e. 31Agus mar a bu toigh leibh a dhèanadh daoine dhuibhse, dèanaibh‑se dhaibhsan cuideachd.
32“Agus ma ghràdhaicheas sibh iadsan a tha gur gràdhachadh, dè an seòrsa cliù a tha an sin dhuibh? Oir gràdhaichidh fiù 's peacaich iadsan aig a bheil gràdh dhaibh. 33Agus ma nì sibh math dhaibhsan a nì math dhuibh, dè an seòrsa cliù a tha an sin dhuibh? Oir nì fiù 's peacaich an aon rud. 34Agus ma bheir sibh iasad dhaibhsan o bheil dùil agaibh fhaighinn air ais, dè an seòrsa cliù a tha sin dhuibh? Tha fiù 's peacaich a' toirt iasaid do pheacaich, airson 's gum faigh iad air ais an aon uiread. 35Ach gràdhaichibh‑se ur nàimhdean, is dèanaibh math, is thugaibh iasad, gun dùil ri rud sam bith air ais, agus bidh ur duais mòr, is bidh sibh nur cloinn dhan Aon as Àirde, oir tha esan còir riuthasan a tha mì‑thaingeil agus olc. 36Bithibh‑se tròcaireach, dìreach mar a tha ur n‑Athair tròcaireach.
A' Toirt Breith air Feadhainn Eile
37“Na toiribh breith, agus cha tèid breith a thoirt oirbh. Na dìtibh, agus cha tèid ur dìteadh. Thugaibh mathanas, agus thèid mathanas a thoirt dhuibh. 38Thoiribh, agus thèid toirt dhuibh. Deagh thomhas, air a bhruthadh sìos, air a chrathadh ri chèile is a' cur thairis, thèid a chur nur n‑uchd. Oir leis an tomhas a chleachdas sibh thèid a thomhas air ais dhuibh.”
39Dh'innis e cuideachd cosamhlachd dhaibh: “Is cinnteach nach urrainn do dhuine dall duine dall a threòrachadh? Nach tuit an dithis aca ann an sloc? 40Chan eil deisciobal os cionn a neach‑teagaisg, ach gach fear a tha e air a thrèanadh gu coileanta, bidh e mar a neach‑teagaisg.
41“Carson a tha thu a' faicinn na speilg a tha ann an sùil do bhràthar, ach nach eil thu a' mothachadh dhan t‑sail a tha nad shùil fhèin? 42No ciamar as urrainn dhut a ràdh rid bhràthair, ‘A bhràthair, leig leam an spealg a tha na do shùil a thoirt aiste,’ nuair nach eil thusa a' faicinn na sail a tha na do shùil fhèin? A bhreug‑chràbhaiche, an toiseach thoir an t‑sail às do shùil fhèin, agus an uair sin chì thu gu soilleir airson na speilg a thoirt à sùil do bhràthar.
Craobh agus a Toradh
43“Oir cha toir deagh chraobh a‑mach droch thoradh, no a‑rithist cha toir droch chraobh a‑mach deagh thoradh. 44Oir tha gach craobh air a h‑aithneachadh o a toradh fhèin. Oir cha chruinnich daoine fìgean o dhroighinn, agus cha mhotha a tha fìon‑dhearcan air am buain o dhris. 45Bheir duine math math a‑mach à ionmhas math a chridhe, agus an duine olc olc a‑mach à ionmhas olc a chridhe. Oir a‑mach à pailteas a' chridhe bruidhinnidh a bheul.
An Luchd‑Togail Glic agus Gòrach
46“Carson a ghabhas sibh, ‘A Thighearna, a Thighearna’ ormsa agus nach eil sibh a' dèanamh nan rudan a tha mi ag ràdh? 47Gach neach a thig thugamsa agus a chluinneas m' fhaclan is a nì iad, seallaidh mi dhuibh cò ris a tha e coltach. 48Tha e coltach ri duine, a' togail taighe, a chladhaich sìos gu domhainn agus a shuidhich a' bhunait air a' chreig. Agus nuair a dh'èirich tuil, bhuail an sruth gu dian air an taigh sin ach cha b' urrainn dha a chrathadh, oir bha e air a thogail gu math. 49Ach an neach a chluinneas m' fhaclan agus nach dèan iad, tha e coltach ri duine a thog taigh air an talamh gun bhunait. Nuair a bhuail an sruth gu dian air, anns a' bhad thuit e, agus bu mhòr sgrios an taighe sin.”

Currently Selected:

Lùcas 6: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in