YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 7

7
Creideamh a' Cheannaird‑Ceud
1Nuair a chrìochnaich Ìosa na faclan aige gu lèir ann an èisteachd an t‑sluaigh, chaidh e a‑steach do Chapernàum. 2A‑nis bha seirbheiseach aig ceannard‑ceud, dhan robh spèis mhòr aige, tinn agus ri uchd bàis. 3Nuair a chuala e mu Ìosa chuir e èildearan nan Iùdhach thuige, a' faighneachd dha an tigeadh e agus gun leighiseadh e a sheirbheiseach. 4Nuair a thàinig iad gu Ìosa ghuidh iad air gu dùrachdach, ag ràdh, “Tha e airidh air gun dèanadh tu seo dha, 5oir tha gràdh aige air an nàisean againn agus thog e an sionagog dhuinn.” 6Agus chaidh Ìosa còmhla riutha.
Ach nuair nach robh e fada on taigh, chuir an ceannard‑ceud càirdean thuige, ag ràdh ris, “A Thighearna, na gabh dragh, oir chan eil mise airidh air gun tigeadh tu a‑steach fo mhullach mo thaighe. 7Mar sin, cha do shaoil mi mi fhèin airidh air tighinn thugad. Ach can am facal, agus bidh mo sheirbheiseach air a shlànachadh. 8Oir is e duine a th' annamsa cuideachd a tha air mo chur fo ùghdarras, le saighdearan fodham. Agus canaidh mi ris an fhear seo, ‘Thalla,’ agus falbhaidh e, agus ri fear eile, ‘Thig,’ agus thig e, agus rim sheirbheiseach, ‘Dèan seo,’ agus nì e e.”
9Nuair a chuala Ìosa na rudan seo, ghabh e iongnadh ma dheidhinn, agus a' tionndadh chun an t‑sluaigh a bha ga leantainn, thuirt e, “Tha mi ag ràdh ribh nach d' fhuair mi fiù 's ann an Israel a leithid seo de chreideamh.” 10Agus nuair a thill an fheadhainn sin a chaidh a chur a‑mach air ais chun an taighe, fhuair iad an seirbheiseach ann an deagh shlàinte.
Ìosa a' Togail Mac Banntraich o na Mairbh
11Agus an ath latha, chaidh e gu baile ris an canar Nain agus chaidh a dheisciobail is sluagh mòr còmhla ris. 12A‑nis fhad 's a thàinig e faisg air geata a' bhaile, seall, bha duine marbh ga ghiùlain a‑mach, aon mhac a mhàthar, agus b' e banntrach a bh' innte. Agus bha sluagh mòr de mhuinntir a' bhaile còmhla rithe. 13Nuair a chunnaic an Tighearna i, ghabh e truas rithe, agus thuirt e rithe, “Na bi a' caoineadh.”
14An uair sin thàinig e suas agus bhean e ris a' ghiùlan, agus sheas iadsan a bha ga ghiùlain stòlda, agus thuirt e, “Òganaich, tha mi ag ràdh riut, èirich.” 15Agus dh'èirich am fear a bha marbh agus thòisich e air bruidhinn, agus thug Ìosa dha mhàthair e.
16Agus ghlac eagal iad uile, is ghlòraich iad Dia, ag ràdh, “Dh'èirich fàidh mòr nar measg‑ne,” agus “Tha Dia air tadhal air a shluagh fhèin le cùram.” 17Agus chaidh an naidheachd seo ma dheidhinn a‑mach air feadh Iudèa air fad agus air feadh na dùthcha mun cuairt oirre gu lèir.
Ìosa agus Eòin Baistidh
18Dh'innis deisciobail Eòin dha mu na rudan seo air fad. Ghairm Eòin dithis dhe dheisciobail thuige, 19agus chuir e iad gu Ìosa airson faighneachd, “An tusa esan a bha ri thighinn, no an sùilich sinn neach eile?”
20Nuair a thàinig na daoine thuige, thuirt iad, “Chuir Eòin Baistidh sinne thugad, ag ràdh, ‘An tusa an t‑aon a bha ri thighinn, no an sùilich sinn neach eile?’”
21Aig an àm sin fhèin leighis e mòran o ghalaran, o phlàighean is o spioradan olca, agus thug e fradharc do mhòran a bha dall. 22Agus fhreagair Ìosa iad, “Thallaibh agus innsibh do dh'Eòin na chunnaic agus na chuala sibh: tha na doill a' faighinn fradhairc, na bacaich a' coiseachd, na lobhair air an glanadh, na bodhair a' cluinntinn, na mairbh air an togail suas, agus an soisgeul air a shearmonachadh dha na bochdan. 23Agus is beannaichte esan nach gabh oilbheum air mo sgàth‑sa.”
24Nuair a bha teachdairean Eòin air falbh, thòisich Ìosa air bruidhinn ris an t‑sluagh mu dheidhinn Eòin: “Dè a chaidh sibh a‑mach dhan fhàsach a dh'fhaicinn? Cuilc air a crathadh leis a' ghaoith? 25Dè mar sin a chaidh sibh a‑mach a dh'fhaicinn? Duine air èideadh ann an aodach mìn? Seall, tha iadsan a tha air an èideadh ann an aodach glòrmhor agus a tha beò gu sòghail rim faighinn ann an lùchairtean rìghrean. 26Dè mar sin a chaidh sibh a‑mach a dh'fhaicinn? Fàidh? Seadh, tha mi ag ràdh ribh, agus barrachd air fàidh. 27Is e seo esan mu bheil e sgrìobhte:
“‘Seall, cuiridh mise mo theachdaire rod aghaidh,
a dh'ullaicheas do shlighe romhad.’
28“Tha mi ag ràdh ribh, nam measg‑san a rugadh o bhoireannaich, chan eil neach sam bith nas motha na Eòin; ach a dh'aindeoin sin tha an neach as lugha ann an rìoghachd Dhè nas motha na esan.”
29(Nuair a chuala an sluagh gu lèir seo, agus na cìs‑mhaoir cuideachd, às dèidh dhaibh a bhith air am baisteadh le baisteadh Eòin, dh'aidich iad gun robh Dia fìrinneach. 30Ach dhiùlt na Pharasaich agus an luchd‑lagha rùn Dhè air an son fhèin, a chionn 's nach deach am baisteadh leis.)
31“Cò ris, mar sin, a shamhlaicheas mi muinntir a' ghinealaich seo, agus cò ris a tha iad coltach? 32Tha iad coltach ri cloinn a tha nan suidhe san ionad‑mhargaidh, agus ag èigheach ri chèile, ag ràdh:
“‘Chluich sinne an duiseal dhuibhse,
agus cha do rinn sibhse dannsa;
sheinn sinne tuireadh dhuibhse,
agus cha do chaoin sibhse.’
33“Oir thàinig Eòin Baistidh, chan ann ag ithe arain, no ag òl fìona, agus canaidh sibh, ‘Tha deamhan ann.’ 34Thàinig Mac an Duine ag ithe 's ag òl, agus canaidh sibh, ‘Seall, craosaire agus drungair, caraid chìs‑mhaor is pheacach.’ 35Ach tha gliocas air a fìreanachadh le a cloinn gu lèir.”
Boireannach Peacach ag Ungadh Ìosa
36Dh'iarr aon dhe na Pharasaich airsan biadh a ghabhail còmhla ris, agus chaidh e a‑steach do thaigh an Pharasaich agus shuidh e aig a' bhòrd. 37Nuair a fhuair boireannach anns a' bhaile, a bha na peacach, fios gun robh e na shuidhe aig biadh ann an taigh an Pharasaich, thug i leatha crogan alabastair làn de dh'acfhainn, 38agus a' seasamh air a chùlaibh, aig a chasan, agus a' caoineadh, thòisich i air a chasan a fhliuchadh le a deòir. An uair sin shuath i iad le a falt, is phòg i a chasan, agus dh'ung i leis an acfhainn iad.
39Nuair a chunnaic am Pharasach a thug an cuireadh dha seo, thuirt e ris fhèin, “Nam b' e fàidh a bh' anns an duine seo, bhiodh fhios aige cò i am boireannach seo, agus dè an seòrsa tè a th' innte a tha a' beantainn ris, oir is e peacach a th' innte.”
40Agus fhreagair Ìosa e, “A Shìmoin, tha rud agam ri ràdh riut.”
Agus thuirt esan, “Fhir‑Teagaisg, can e.”
41“Bha dithis fo fhiachan aig neach‑fiach àraidh: aon airson còig cheud denarius, agus am fear eile airson caogad. 42Air sgàth 's nach b' urrainn dhaibh pàigheadh, mhath e fiachan na dithis aca. Cò dhiubh, ma‑thà, as motha a ghràdhaicheas e?”
43Fhreagair Sìmon, “Saoilidh mi gur e am fear dhan do mhath e a' chuid a bu mhotha.”
Agus thuirt e ris, “Thug thu breith cheart.”
44Agus a' tionndadh chun a' bhoireannaich, thuirt e ri Sìmon, “A bheil thu a' faicinn a' bhoireannaich seo? Thàinig mise a‑steach dhan taigh agad; cha tug thu uisge dhomh airson mo chasan, ach tha ise air mo chasan a fhliuchadh le a deòir agus air an tiormachadh le a falt. 45Cha tug thusa pòg dhomh, ach o thàinig mise a‑steach, cha do sguir ise a phògadh mo chasan. 46Cha do dh'ung thusa mo cheann le ola, ach tha ise air mo chasan ungadh le acfhainn. 47Mar sin tha mi ag ràdh riut gu bheil a peacaidhean, a tha lìonmhor, air am mathadh – oir ghràdhaich i gu mòr. Ach ge b' e neach dham mathar beagan, bidh a ghràdh beag.”
48Agus thuirt e rithe, “Tha do pheacaidhean air am mathadh.”
49An uair sin thòisich iadsan a bha nan suidhe aig a' bhòrd còmhla ris air a ràdh nam measg fhèin, “Cò tha seo, a tha eadhon a' mathadh pheacaidhean?”
50Agus thuirt e ris a' bhoireannach, “Shàbhail do chreideamh thu; thalla ann an sìth.”

Currently Selected:

Lùcas 7: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in