Mar sin, cha do shaoil mi mi fhèin airidh air tighinn thugad. Ach can am facal, agus bidh mo sheirbheiseach air a shlànachadh. Oir is e duine a th' annamsa cuideachd a tha air mo chur fo ùghdarras, le saighdearan fodham. Agus canaidh mi ris an fhear seo, ‘Thalla,’ agus falbhaidh e, agus ri fear eile, ‘Thig,’ agus thig e, agus rim sheirbheiseach, ‘Dèan seo,’ agus nì e e.”
Nuair a chuala Ìosa na rudan seo, ghabh e iongnadh ma dheidhinn, agus a' tionndadh chun an t‑sluaigh a bha ga leantainn, thuirt e, “Tha mi ag ràdh ribh nach d' fhuair mi fiù 's ann an Israel a leithid seo de chreideamh.”