1
Lùcas 6:38
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
Thoiribh, agus thèid toirt dhuibh. Deagh thomhas, air a bhruthadh sìos, air a chrathadh ri chèile is a' cur thairis, thèid a chur nur n‑uchd. Oir leis an tomhas a chleachdas sibh thèid a thomhas air ais dhuibh.”
Compare
Explore Lùcas 6:38
2
Lùcas 6:45
Bheir duine math math a‑mach à ionmhas math a chridhe, agus an duine olc olc a‑mach à ionmhas olc a chridhe. Oir a‑mach à pailteas a' chridhe bruidhinnidh a bheul.
Explore Lùcas 6:45
3
Lùcas 6:35
Ach gràdhaichibh‑se ur nàimhdean, is dèanaibh math, is thugaibh iasad, gun dùil ri rud sam bith air ais, agus bidh ur duais mòr, is bidh sibh nur cloinn dhan Aon as Àirde, oir tha esan còir riuthasan a tha mì‑thaingeil agus olc.
Explore Lùcas 6:35
4
Lùcas 6:36
Bithibh‑se tròcaireach, dìreach mar a tha ur n‑Athair tròcaireach.
Explore Lùcas 6:36
5
Lùcas 6:37
“Na toiribh breith, agus cha tèid breith a thoirt oirbh. Na dìtibh, agus cha tèid ur dìteadh. Thugaibh mathanas, agus thèid mathanas a thoirt dhuibh.
Explore Lùcas 6:37
6
Lùcas 6:27-28
“Ach tha mi ag ràdh ribhse a tha ag èisteachd: gràdhaichibh ur nàimhdean, dèanaibh math dhaibhsan a tha gur fuathachadh, beannaichibh iadsan a tha gur mallachadh, dèanaibh ùrnaigh airson nam muinntir a tha a' dèanamh tàir oirbh.
Explore Lùcas 6:27-28
7
Lùcas 6:31
Agus mar a bu toigh leibh a dhèanadh daoine dhuibhse, dèanaibh‑se dhaibhsan cuideachd.
Explore Lùcas 6:31
8
Lùcas 6:29-30
Ris an neach a bhuaileas thu air a' ghruaidh, tairg an tè eile cuideachd, agus on neach a bheir do chleòc uat na cùm do lèine‑fhada air ais nas motha. Thoir dhan neach a dh'iarras ort, agus on neach a bheir uat na tha leat, na iarr air ais e.
Explore Lùcas 6:29-30
9
Lùcas 6:43
“Oir cha toir deagh chraobh a‑mach droch thoradh, no a‑rithist cha toir droch chraobh a‑mach deagh thoradh.
Explore Lùcas 6:43
10
Lùcas 6:44
Oir tha gach craobh air a h‑aithneachadh o a toradh fhèin. Oir cha chruinnich daoine fìgean o dhroighinn, agus cha mhotha a tha fìon‑dhearcan air am buain o dhris.
Explore Lùcas 6:44
Home
Bible
Plans
Videos