Fhad 's a bha esan ann an aon dhe na bailtean, thàinig duine làn de luibhre. Nuair a chunnaic e Ìosa, thuit e sìos air aghaidh agus ghuidh e air, “A Thighearna, mas miann leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan.”
Agus shìn Ìosa a làmh a‑mach agus bhean e ris, ag ràdh, “Is miann leam. Bi glan!” Agus anns a' bhad dh'fhàg an luibhre e.