Agus thug an diabhal suas e, agus sheall e dha rìoghachdan an t‑saoghail gu lèir ann an tiota tìm. Agus thuirt an diabhal ris, “Bheir mise dhutsa an t‑ùghdarras seo gu lèir agus a' ghlòir aca, oir chaidh a thoirt thairis dhòmhsa, agus tha mi ga thoirt do neach sam bith as toigh leam. Mar sin, ma nì thu adhradh dhòmhsa, is ann leatsa a bhios e gu lèir.”
Agus fhreagair Ìosa e, “Tha e sgrìobhte, ‘Nì thu adhradh dhan Tighearna do Dhia, agus dhàsan a‑mhàin nì thu seirbheis.’”