YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 4

4
Buaireadh Ìosa anns an Fhàsach
1Agus thill Ìosa, làn dhen Spiorad Naomh, o Iòrdan agus bha e air a threòrachadh leis an Spiorad anns an fhàsach 2airson ceathrad latha, ga bhuaireadh leis an diabhal. Agus cha do dh'ith e rud sam bith anns na làithean sin: agus nuair a chaidh an crìochnachadh, bha e acrach.
3Thuirt an diabhal ris, “Mas tu Mac Dhè, can ris a' chloich seo tionndadh na h‑aran.”
4Agus fhreagair Ìosa e, “Tha e sgrìobhte, ‘Chan ann air aran a‑mhàin a bhios duine beò.’#Deut. 8:3
5Agus thug an diabhal suas e, agus sheall e dha rìoghachdan an t‑saoghail gu lèir ann an tiota tìm. 6Agus thuirt an diabhal ris, “Bheir mise dhutsa an t‑ùghdarras seo gu lèir agus a' ghlòir aca, oir chaidh a thoirt thairis dhòmhsa, agus tha mi ga thoirt do neach sam bith as toigh leam. 7Mar sin, ma nì thu adhradh dhòmhsa, is ann leatsa a bhios e gu lèir.”
8Agus fhreagair Ìosa e, “Tha e sgrìobhte, ‘Nì thu adhradh dhan Tighearna do Dhia, agus dhàsan a‑mhàin nì thu seirbheis.’#Deut. 6:13
9Agus thug e gu Ierusalem e, is chuir e air binnean an teampaill e, agus thuirt e ris, “Mas tu Mac Dhè, tilg thu fhèin sìos à seo. 10Oir tha e sgrìobhte:
‘Bheir e àithne dha ainglean mud thimcheall, do ghleidheadh’#Salm 91:11;
11agus
‘Togaidh iad suas thu nan làmhan, air eagal 's gum buail thu do chas air cloich.’#Salm 91:12
12Agus fhreagair Ìosa e, “Tha e air a ràdh, ‘Cha bhuair thu an Tighearna do Dhia.’#Deut. 6:16
13Agus nuair a chrìochnaich an diabhal a h‑uile buaireadh, dh'fhalbh e uaithe gus an tigeadh àm fàbharach.
Ìosa air a Dhiùltadh ann an Nàsaret
14Agus thill Ìosa a Ghalile ann an cumhachd an Spioraid, agus chaidh iomradh ma dheidhinn a‑mach air feadh a' cheàrnaidh mun cuairt gu lèir. 15Agus bha e a' teagasg anns na sionagogan aca, a' faighinn molaidh on a h‑uile duine.
16Agus thàinig e gu Nàsaret, far an do thogadh e, 's mar a b' fhasan dha, chaidh e a‑steach dhan t‑sionagog air latha na Sàbaid, is sheas e airson leughadh. 17Agus chaidh rolla an fhàidh Isaiah a thoirt dha. Agus dh'fhuasgail e an rolla is lorg e an t‑àite far a bheil e sgrìobhte:
18“Tha Spiorad an Tighearna orm,
a chionn 's gun do dh'ung e mi airson an deagh sgeòil
a shearmonachadh dha na bochdan.
Tha e air mo chur a ghairm saorsa dha na braighdean
agus fradharc air aiseag dha na doill,
a thoirt saorsa dhan mhuinntir a tha air an claoidh,
19a shearmonachadh bliadhna fàbhair an Tighearna.”#Isa. 61:1‑2a
20Agus roilig e suas an rolla, thug e air ais dhan fhear‑frithealaidh e, is shuidh e. Agus bha sùilean a h‑uile duine a bh' anns an t‑sionagog a' coimhead gu geur air. 21Agus thòisich e ag ràdh riutha, “An‑diugh chaidh an Sgriobtar seo a choileanadh nur n‑èisteachd‑se.”
22Agus bhruidhinn iad uile gu math ma dheidhinn is ghabh iad iongnadh mu na faclan gràsmhor a bha a' tighinn a‑mach às a bheul. Agus thuirt iad, “Nach e seo mac Iòsaiph?”
23Agus thuirt e riutha, “Gun amharas canaidh sibh an gnàth‑fhacal seo rium: ‘A lighiche, leighis thu fhèin! Na chuala sinn a rinn thu ann an Capernàum, dèan an seo na do bhaile fhèin cuideachd.’”
24Agus thuirt e, “Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, chan eil fàidh sam bith a' faighinn fàilte na dhùthaich fhèin. 25Ach gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun robh mòran bhanntrach ann an Israel ann an làithean Eliah, nuair a chaidh an t‑adhar a dhùnadh airson trì bliadhna agus sia mìosan, agus a bha gorta mhòr air feadh na tìre gu lèir. 26Ach cha deach Eliah a chur gu aon dhiubh, ach gu Sarepta Shìdoin, gu boireannach a bha na banntraich. 27Agus bha mòran lobhar ann an Israel aig àm Elisah am fàidh agus cha deach aon dhiubh a ghlanadh ach Nàaman an Sirianach.”
28Agus chaidh iadsan uile a bh' anns an t‑sionagog a lìonadh le feirg, nuair a chuala iad na rudan sin. 29Agus dh'èirich iad, is thilg iad a‑mach às a' bhaile e, agus thug iad leotha e gu mullach a' chnuic air an robh am baile aca air a thogail, airson a thilgeil sìos am bearradh. 30Ach a' gabhail tro am meadhan, dh'fhalbh e.
Ìosa a' Slànachadh Duine anns an Robh Deamhan
31Agus chaidh e sìos gu Capernàum, baile ann an Galile, agus bha e gan teagasg air an t‑Sàbaid, 32agus bha iad fo iongnadh mu theagasg‑san, oir bha ùghdarras aig fhacal‑san.
33Agus anns an t‑sionagog bha duine anns an robh spiorad deamhain neòghlain, agus dh'èigh e le guth mòr, 34“À! Dè do ghnothach‑sa rinne, Ìosa o Nàsaret? An tàinig thu gar sgrios? Is aithne dhòmhsa cò thu – Aon Naomh Dhè.”
35Agus chronaich Ìosa e, ag ràdh, “Bi sàmhach agus thig a‑mach às.” Agus nuair a bha an deamhan air esan a thilgeil sìos nam measg, thàinig e a‑mach às gun chron sam bith a dhèanamh air.
36Agus bha iad uile fo iongnadh agus thuirt iad ri chèile, “Dè an seòrsa cainnt a tha an seo? Oir le ùghdarras is cumhachd tha e a' toirt òrduigh dha na spioradan neòghlan, agus tha iad a' tighinn a‑mach.” 37Agus bha iomradh ma dheidhinn‑san a' dol a‑mach air feadh gach àite dhen cheàrnaidh mun cuairt.
Ìosa a' Slànachadh Mhòran
38Dh'èirich e às an t‑sionagog agus chaidh e a‑steach do thaigh Shìmoin. A‑nis bha màthair‑chèile Shìmoin a' fulang le fiabhras mòr, agus dh'fhaighnich iad do dh'Ìosa an cuidicheadh e i. 39Agus sheas e os a cionn, chronaich e am fiabhras, agus dh'fhàg e i. Agus dh'èirich i sa bhad, agus fhritheil i dhaibh.
40A‑nis, fhad 's a bha a' ghrian a' dol fodha, chaidh iadsan uile a bha tinn le iomadh seòrsa tinneis a thoirt thuige, agus chuir esan a làmhan air gach aon dhiubh, agus leighis e iad. 41Agus bha deamhain cuideachd a' tighinn a‑mach à mòran, ag èigheach, “Is tusa Mac Dhè.” Ach chronaich e iad agus cha leigeadh e leotha bruidhinn, oir bha fios aca gum b' esan an Crìosd.
42Agus nuair a thàinig an latha, dh'fhalbh e agus chaidh e gu àite fàsail. Agus bha an sluagh ga shireadh agus thàinig iad thuige, agus dh'fheuch iad ri a chumail om fàgail. 43Ach thuirt esan riutha, “Feumaidh mi soisgeul rìoghachd Dhè a shearmonachadh dha na bailtean eile cuideachd, oir is ann airson seo a chaidh mo chur a‑mach.” 44Agus bha e a' searmonachadh ann an sionagogan Iudèa.

Currently Selected:

Lùcas 4: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in