Lùcas 3
3
Eòin Baistidh ag Ullachadh na Slighe
1A‑nis anns a' chòigeamh bliadhna deug de rìoghachadh Thiberiuis Chèasair, nuair a bha Pontias Pìlat na riaghladair air Iudèa, agus Herod na thetrarc air Galile, agus Philip a bhràthair na thetrarc air ceàrnaidh Iturèa agus Thrachonitis, agus Lisanias na thetrarc air Abilene, 2nuair a bha Annas agus Caiaphas nan àrd‑shagartan, thàinig facal Dhè gu Eòin mac Shachariah anns an fhàsach. 3Agus chaidh e dhan sgìre mu thimcheall Iòrdain gu lèir, a' searmonachadh baisteadh an aithreachais, airson mathanas pheacaidhean. 4Mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar an fhàidh Isaiah:
“Guth aoin ag èigheach anns an fhàsach,
‘Ullaichibh slighe an Tighearna,
dèanaibh a fhrith‑rathaidean dìreach,
5bidh a h‑uile gleann air a lìonadh,
agus a h‑uile beinn agus cnoc air an ìsleachadh;
agus bidh na rudan cama air an dèanamh dìreach,
agus na slighean garbha air an dèanamh rèidh,
6agus chì gach uile fheòil slàinte Dhè.’”#Isa. 40:3‑5
7Mar sin thuirt e ris an t‑sluagh a thàinig a‑mach airson gum baisteadh e iad, “A shìol nan nathraichean nimhe, cò a thug rabhadh dhuibhse teicheadh on chorraich a tha ri thighinn? 8Thugaibh a‑mach toraidhean iomchaidh an aithreachais. Agus na tòisichibh air cantainn rib' fhèin, ‘Tha athair againn, Abrahàm!’ Oir tha mi ag ràdh ribh gu bheil Dia comasach air clann a thogail suas do dh'Abrahàm o na clachan seo. 9Ach mu thràth tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh; mar sin, gach craobh nach toir a‑mach toradh math, thèid a gearradh sìos, agus a tilgeil dhan teine.”
10Agus dh'fhaighnich an sluagh dha, “Dè, mar sin, a nì sinne?”
11Agus fhreagair esan iad, “Ge b' e aig a bheil dà bhad aodaich uachdair, roinneadh e leis an neach aig nach eil; agus an neach aig a bheil biadh, dèanadh e san aon dòigh.”
12Thàinig cìs‑mhaoir cuideachd airson a bhith air am baisteadh agus thuirt iad ris, “Fhir‑Teagaisg, dè a nì sinne?”
13Agus thuirt esan riutha, “Na cruinnichibh càil a bharrachd air na chaidh òrdachadh dhuibh.”
14Dh'fhaighnich saighdearan cuideachd dha, “Agus sinne, dè a nì sinne?”
Agus thuirt e riutha, “Na toiribh airgid o neach sam bith tro làimh làidir, no tro chasaidean‑brèige, agus bithibh toilichte le ur tuarastal.”
15Fhad 's a bha an sluagh a' feitheamh le dòchas agus na h‑uile a' reusanachadh nan cridheachan mu Eòin, am b' e an Crìosd a bh' ann, 16fhreagair Eòin iad uile, ag ràdh, “Tha mise gur baisteadh le uisge, ach tha Aon a' tighinn a tha nas cumhachdaiche na mise, agus chan eil mise airidh air barraill a chuarain fhuasgladh. Baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh agus le teine. 17Tha a ghuit aige na làimh, airson an t‑ùrlar‑bualaidh aige a ro‑ghlanadh, agus a' chruithneachd a chruinneachadh dhan t‑sabhal aige, ach loisgidh e am moll le teine nach urrainn a bhith air a chur às.” 18Agus le mòran earalaichean eile, shearmonaich e an soisgeul dhan t‑sluagh.
19Ach bha Herod an tetrarc air cronachadh fhaighinn uaithe air sgàth Heròdiais, bean a bhràthar, agus air sgàth gach uilc a bha Herod air a dhèanamh, 20agus chuir e seo riutha uile: ghlas e Eòin anns a' phrìosan.
Baisteadh Ìosa
21A‑nis, nuair a bha an sluagh gu lèir air am baisteadh, agus Ìosa cuideachd air a bhaisteadh, agus e ag ùrnaigh, chaidh nèamh fhosgladh, 22agus thàinig an Spiorad Naomh a‑nuas air ann an cruth corporra mar chalman. Agus thàinig guth o nèamh, ag ràdh, “Is tusa mo Mhac gràdhach, leatsa tha mi fìor thoilichte.”
Sloinntearachd Ìosa
23Nuair a thòisich Ìosa fhèin a mhinistrealachd bha e mu thrithead bliadhna a dh'aois. B' esan, mar a chaidh a shaoilsinn, mac Iòsaiph,
mhic Heli, 24mhic Mhatait,
mhic Lèbhi, mhic Mhelchì,
mhic Ianna, mhic Iòsaiph,
25mhic Mhatatiah, mhic Àmois,
mhic Nauim, mhic Esli, mhic Nagaidh,
26mhic Mhaait, mhic Mhatatiah,
mhic Shemei, mhic Iòsaiph, mhic Iùdah,
27mhic Ioanna, mhic Rhesa,
mhic Shorobabeil, mhic Shalatieil,
mhic Nèri, 28mhic Mhelchì,
mhic Adi, mhic Chòsaim,
mhic Elmadaim, mhic Èir,
29mhic Iosua, mhic Elieseir,
mhic Iòrim, mhic Mhatait,
mhic Lèbhi, 30mhic Shimeoin,
mhic Iùdah, mhic Iòsaiph,
mhic Iònaim, mhic Eliacim,
31mhic Mhelea, mhic Mhenna,
mhic Mhatata, mhic Nàtain,
mhic Dhaibhidh, 32mhic Iese,
mhic Obeid, mhic Bhòais,
mhic Shalmoin, mhic Naasòin,
33mhic Aminadaibh, mhic Admain,
mhic Arni, mhic Esròim,
mhic Phareis, mhic Iùdah,
34mhic Iàcoib, mhic Ìsaaic,
mhic Abrahàim, mhic Thara,
mhic Nachòir,
35mhic Sharuich, mhic Ragau,
mhic Phaleic, mhic Ebeir,
mhic Shala,
36mhic Chanàain, mhic Arphacsaid,
mhic Shèim, mhic Nòah,
mhic Lameich,
37mhic Mhatùsala, mhic Enoich,
mhic Iareid, mhic Mhalelèil,
mhic Chanàain,
38mhic Enòis, mhic Shèit,
mhic Àdhaimh, mhic Dhè.
Currently Selected:
Lùcas 3: ATN
Highlight
Share
Copy
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapi.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fen.png&w=128&q=75)
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024