YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 5

5
Ìosa a' Gairm nan Ciad Dheisciobal
1Ach thachair, nuair a bha an sluagh a' teannadh dlùth ris airson facal Dhè a chluinntinn, gun do sheas e ri taobh loch Ghenesaret, 2agus chunnaic e dà eathar aig oir an locha, ach bha na h‑iasgairean air a dhol a‑mach asta, agus bha iad a' nighe na lìn. 3Agus chaidh e a‑steach a dh'aon dhe na h‑eathraichean, a bha le Sìmon, agus dh'iarr e air a dhol a‑mach beagan o thìr. Agus shuidh e sìos is theagaisg e an sluagh on eathar.
4A‑nis nuair a sguir e a bhruidhinn, thuirt e ri Sìmon, “Thalla a‑mach dhan doimhne, agus leigibh sìos ur lìn airson glacadh.”
5Agus fhreagair Sìmon agus thuirt e ris, “A Mhaighstir, shaothraich sinn gu cruaidh fad na h‑oidhche, agus cha do ghlac sinn rud sam bith. Ach air d' fhacal‑sa leigidh mi sìos na lìn.”
6Agus nuair a bha iad air seo a dhèanamh, chuartaich iad àireamh mhòr èisg, agus bha na lìn aca a' briseadh. 7Agus smèid iad air na companaich a bh' anns an eathar eile gus tighinn 's an cuideachadh. Agus thàinig iad agus lìon iad an dà eathar, gus an robh iad a' tòiseachadh air a dhol fodha.
8Nuair a chunnaic Sìmon Peadar seo, thuit e sìos aig glùinean Ìosa, ag ràdh, “Theirig air falbh uamsa, a Thighearna, oir is e duine peacach a th' annam.” 9Oir bhuail uabhas e fhèin agus iadsan uile a bha còmhla ris, air sgàth na ghlac iad de dh'iasg, 10agus bha Seumas is Eòin, mic Shebede, a bha nan luchd‑compàirt le Sìmon, mar sin cuideachd.
Agus thuirt Ìosa ri Sìmon, “Na biodh eagal ort; à seo suas glacaidh tu daoine.” 11Agus nuair a bha iad air am bàtaichean a thoirt gu tìr, dh'fhàg iad a h‑uile rud is lean iad esan.
Duine le Luibhre
12Fhad 's a bha esan ann an aon dhe na bailtean, thàinig duine làn de luibhre. Nuair a chunnaic e Ìosa, thuit e sìos air aghaidh agus ghuidh e air, “A Thighearna, mas miann leat, tha thu comasach air mise a dhèanamh glan.”
13Agus shìn Ìosa a làmh a‑mach agus bhean e ris, ag ràdh, “Is miann leam. Bi glan!” Agus anns a' bhad dh'fhàg an luibhre e.
14Agus dh'àithn e dha gun innse do neach sam bith; “Ach thalla, agus seall thu fhèin dhan t‑sagart, agus tairg ìobairt airson do ghlanaidh mar fhianais dhaibh, mar a dh'àithn Maois.”
15Ach bu mhotha a sgaoileadh an t‑iomradh ma dheidhinn‑san, agus chruinnich sluagh mòr airson èisteachd ris agus airson a bhith air an slànachadh leis om bochdainnean. 16Agus dheigheadh e air leth do dh'àiteachan fàsail, agus dhèanadh e ùrnaigh.
Ìosa a' Leigheas Fear leis a' Phairilis
17Air aon dhe na làithean sin, nuair a bha e a' teagasg, bha Pharasaich agus luchd‑teagaisg lagha nan suidhe an sin a bha air tighinn às gach uile bhaile de Ghalile agus de dh'Iudèa agus à Ierusalem. Agus bha cumhachd an Tighearna còmhla ris airson 's gun dèanadh e slànachadh. 18Agus seall, bha cuid de dhaoine a' giùlain air leabaidh duine air an robh a' phairilis agus bha iad a' feuchainn ri a thoirt a‑steach agus a chur mu choinneamh Ìosa. 19Ach nuair nach do lorg iad dòigh air a thoirt a‑steach air sgàth an t‑sluaigh, chaidh iad suas air mullach an taighe, agus leig iad sìos tro na leacagan e fhèin agus a leabaidh anns a' mheadhan, mu choinneamh Ìosa.
20Agus nuair a chunnaic e an creideamh, thuirt e, “A dhuine, tha do pheacaidhean air am mathadh dhut.”
21Agus thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air reusanachadh, ag ràdh, “Cò e seo a tha a' bruidhinn gu toibheumach? Cò a dh'fhaodas peacaidhean a mhathadh ach Dia a‑mhàin?”
22Ach le fios a bhith aig Ìosa air an smuaintean, fhreagair e iad, ag ràdh, “Carson a tha sibh a' reusanachadh nur cridheachan? 23Dè as fhasa, a ràdh, ‘Tha do pheacaidhean air am mathadh dhut,’ no a ràdh, ‘Èirich agus coisich’? 24Ach airson 's gum bi fios agaibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine peacaidhean a mhathadh air thalamh,” thuirt e ri fear na pairilis, “Tha mi ag ràdh riut, èirich, agus tog do leabaidh, agus theirig dhad thaigh.” 25Agus anns a' bhad dh'èirich e mun coinneamh, agus thog e an rud air an robh e na laighe, agus chaidh e dha thaigh a' toirt glòir do Dhia. 26Agus ghlac iongnadh iad uile, agus bha iad a' toirt glòir do Dhia, agus chaidh an lìonadh le eagal, ag ràdh, “Chunnaic sinne rudan do‑chreidsinn an‑diugh.”
Ìosa a' Gairm Lèbhi
27Às dèidh seo chaidh e a‑mach, agus chunnaic e cìs‑mhaor air an robh an t‑ainm Lèbhi na shuidhe aig bùth na cìse. Agus thuirt e ris, “Lean mise.” 28Agus a' fàgail a h‑uile rud, dh'èirich e agus lean e e.
29Agus rinn Lèbhi fèist mhòr dha na thaigh fhèin, agus bha cuideachd mhòr de chìs‑mhaoir agus de mhuinntir eile ann a' suidhe aig bòrd còmhla riutha. 30Agus rinn na Pharasaich is na sgrìobhaichean aca gearain an aghaidh a dheisciobal‑san, ag ràdh, “Carson a tha sibh ag ithe agus ag òl còmhla ri cìs‑mhaoir agus ri peacaich?”
31Agus fhreagair Ìosa iad, “Chan iadsan a tha slàn aig a bheil feum air lighiche, ach iadsan a tha tinn. 32Cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach gu aithreachas.”
Ìosa air a Cheasnachadh mu Thrasgadh
33Agus thuirt iadsan ris, “Tha deisciobail Eòin gu tric a' trasgadh agus a' dèanamh ùrnaigh, agus tha 's deisciobail nam Pharasach, ach tha an fheadhainn agadsa ag ithe agus ag òl.”
34Agus thuirt Ìosa riutha, “An urrainn dhuibh toirt air fleasgaich na bainnse trasgadh, fhad 's a tha fear na bainnse còmhla riutha? 35Ach thig na làithean nuair a thèid fear na bainnse a thoirt uapa; agus an uair sin trasgaidh iad anns na làithean sin.”
36Dh'innis e cuideachd cosamhlachd dhaibh: “Chan eil neach sam bith a' sracadh pìos o bhad aodaich ùr agus ga chur air seann bhad aodaich. Ma tha, sracaidh e an t‑aodach ùr, agus cha tig am pìos on fhear ùr ris an t‑seann fhear. 37Agus chan eil duine sam bith a' cur fìon ùr ann an seann searragan. Ma chuireas, sgàinidh am fìon ùr na searragan, agus thèid a dhòrtadh, agus thèid na searragan a sgrios. 38Ach feumaidh fìon ùr a bhith air a chur ann an searragan ùra. 39Agus chan eil duine sam bith, às dèidh dha seann fhìon òl, a' miannachadh fìon ùr, oir canaidh e, ‘Is e an seann fhìon as fheàrr.’”

Currently Selected:

Lùcas 5: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in