II. Esdras 6

6
CAIB. VI.
1Agus thubhairt e rium, Anns an toiseach, an uair a rinneadh an talamh, ma ʼn do sheas iomallan an t‑saoghail, ʼs mu ʼn do shéid riamh na gaothan,
2Ma ʼn robh tàirneanach agus dealanach ann, oir ma ʼn do leagadh bunaite Phàrais,
3Ma ʼn facas na blàthan maiseach, oir ma ʼn do shuidhicheadh na cumhachdan gluasadach, ma ʼn do chruinnicheadh rʼ a chéile cuideachd gun àireamh do na h‑ainglibh,
4Ma ʼn do thogadh riamh suas àirde nan speur, ma ʼn dʼ ainmicheadh tomhasan na h‑iarmailt, no ma ʼn robh luidheirean#6.4 luidheirean similearan ‑ chimneys, flues Shioin riamh teth,
5Agus ma ʼn robh no bliadhnaichean a ta làthair idir air an rannsachadh a mach, agus ma ʼn do thionndaidheadh riamh na h‑innleachdan aca‑san a pheacaich, ma ʼn do sheulaicheadh iadsan a chruinnich creidimh mar ionmhas;
6An sin smuainich mi air na nithibh sin, agus rinneadh iad uile leamsa a ʼm aonar, agus cha ʼn ann le neach eile: leamsa mar an ceudna crìochnaichear iad, agus cha ʼn ann le neach eile.
7An sin fhreagair mi, agus thubhairt mi, Ciod a bhios ann an dealachadh nan aimsir o chéile? no cuin a thig crìoch aʼ cheud, agus toiseach na h‑aimsire a leanas?
8Agus thubhairt e rium, o Abraham gu Isaac, an uair a rugadh Iacob agus Esau uaith, ghlac làmh Iacoib an toiseach sàil Esau.
9Oir is e Esau deireadh an t‑saoghail, agus is e Iacob toiseach an t‑saoghail a leanas.
10Tha làmh an duine eadar an t‑sàil agus an làmh: na foighneachd, Esdrais, ceist eile.
11Fhreagair mi e an sin, agus thubhairt mi, O Thighearn a ta riaghladh, ma fhuair mise deagh‑ghean adʼ shealladh,
12Tha mi guidhe ort, nochd dodʼ sheirbhiseach crìoch nan comhar agad fein, dhe ʼn do nochd thu cuid air an oidhche a chaidh seachad.
13Mar so fhreagair e, agus thubhairt e rium, Seas suas air do chosaibh, agus éisd ri guth ro fhuaimneach:
14Agus bithidh e mar ghluasad mòr; ach an t‑àit ʼsan seas thu, cha ghluaisear e.
15Agus air an aobhar sin, an uair a labhras e, na biodh eagal ort: oir is ann do ʼn deireadh a ta am focal, agus tha bunait na talmhainn air a thuigsinn.
16Agus cʼ arson? do bhrìgh gu ʼm bheil cainnt nan nithe sin aʼ criothnachadh, agus aʼ gluasad: oir tha fios aige gur éigin do dheireadh nan nithe sin a bhi air atharrachadh.
17Agus thàinig e gu crìch, an uair a chual mi e gu ʼn do sheas mi air mo chosaibh, agus dhʼ éisd mi, agus, feuch, bha guth ann a labhair, agus bha ʼm fuaim aige mar fhuaim mhòran uisgeachan.
18Agus thubhairt e, Feuch, thig na làithean, anns an tòisich mi ri tarruing am fagus, agus ri iadsan fhiosrachadh a ta chòmhnuidh air an talamh,
19Agus tòisichidh mi air mìn‑rannsachadh a dheanamh umpa, cò iad a rinn dochunn gu h‑eucorach le ʼn neo‑fhìreantachd fein, agus cʼ uin a choimhlionar àmhghar Shioin;
20Agus cʼ uin a chrìochnaichear an talamh, a thòisicheas air dol a ʼm mùgh, an sin nochdaidh mi dhuit na comhara sin: fosgailear na leabhraichean a ʼm fianuis nan speur, agus chìth iad gu léir:
21Agus labhraidh clann aon bhliadhna a dhʼ aois le ʼn guthannaibh, beiridh na mnaoi thorrach sliochd an‑abuich trì no ceithir mìosa a dhʼ aois, agus bithidh iad beò, agus togar suas iad.
22Agus gu h‑obunn nochdar na h‑àitean a chuireadh le sìol mar nach biodh iad air an cuir, agus gheibhear na tighean‑tasgaidh a ta làn air ball falamh:
23Agus bheir an trompaid fuaim, agus an uair a chluinneas gach duine i, bithidh iad air ball fo eagal.
24Aig an àm sin cogaidh càirdean an aghaidh a chéile mar nàimhdean; agus seasaidh an talamh ann an eagal leò‑san a ta chòmhnuidh ann; stadaidh sruthain nan tobraichean ʼnan tàmh, agus ann an trì uairean ùine cha ruith iad.
25Ge bʼ e cò a dhʼ fhanas o na nithibh sin mu ʼn dʼ innis mi dhuit caomhnar iad, agus chìth iad mo shlàinte, agus crìoch bhur saoghail‑sa.
26Agus na daoine a ghabhar chìth iad e, iadsan nach do bhlais am bàs o rugadh iad: agus bithidh cridheachan nan co‑thàmhaichean air an caochladh, agus air an tionndadh gu ciall eile.—
27Oir smàlar an t‑olcas, agus bithidh aʼ chéilg air a mùchadh.
28Agus a thaobh aʼ chreidimh, soirbhichidh e, agus bheirear buaidh air truaillidheachd; agus bithidh an fhìrinn, a bha co fada as eugais toraidh, air a foillseachadh.
29Agus an uair a bha e aʼ còmhradh rium, feuch, dhʼ amhairc mi, a lìon cuid is cuid airsan a ʼm fianuis an robh mi amʼ sheasamh.
30Agus na briathra so thubhairt e rium; tha mi air teachd a nochdadh dhuit ama na h‑oidhche a ta ri teachd.
31Ma nì thu fathast an tuilleadh ùrnuigh, agus trasgadh a rìs seachd làithean, cuiridh mi an céill duit air an là nithe ni ʼs mò na chual mi.
32Oir dhʼ éisdeadh ridʼ ghuth a ʼm fianuis an Tì a ʼs Airde: oir chunnaic an t‑Uile‑chumhachdach do dheanadas fhìrinneach, chunnaic e mar an ceudna do stuamachd, a bha agad riamh o tʼ òige.
33Agus air an aobhar sin chuir e mise a nochdadh dhuit nan nithe sin uile, agus a ràdh riut, Biodh deagh mhisneach agad, agus na biodh eagal ort.
34Agus na biodh cabhag ort leis na h‑amannaibh a dhʼ fhalbh a smuaineachadh nithe faoinʼ, chum nach dean thu cabhag o na h‑amannaibh deireannach.
35Agus thàinig e gu crìch an déigh so, gun do ghuil mi a rìs, agus air an dòigh cheudna gu ʼn do thraisg mi seachd làithean, chum gu ʼn coimhlionainn na trì seachduinʼ mu ʼn do labhair e rium.
36Agus air an ochdamh oidhche bha mo chridhe fo àmhghar a ʼm chom a rìs, agus thòisich mi air labhairt a ʼm fianuis an Tì a ʼs Airde.
37Oir chuireadh mo spiorad gu mòr ri theine, agus bha mʼ anam fo àmhghar.
38Agus thubhairt mi, O Thighearna, labhair thu o thoiseach na cruitheachd, eadhon air aʼ cheud là, agus thubhairt thu mar so, Biodh nèamh agus talamh air an deanamh; agus bha tʼ fhocal ʼna obair iomlan.
39Agus an sin bha an spiorad, agus bha dorchadas agus tosd air gach taobh; agus fathast cha do dhealbhadh fuaim gutha duine.
40An sin dhʼ òrduich thu solus geal a theachd a mach as tʼ ionmhasaibh fein, chum gu ʼm biodh tʼ obair air a nochdadh.
41Air an dara là rinn thu spiorad na h‑iarmailt, agus dhʼ àithn thu dha dealachadh ri chéile, agus dealachadh a dheanamh eadar na h‑uisgeachan, chum gun rachadh an t‑aon earrann suas, agus gu ʼm fanadh an earrann eile shìos.
42Air an treas là dhʼ àithn thu na h‑uisgeachan a bhi air an cruinneachadh anns an t‑seachdamh cuid do ʼn talamh: thiormaich thu suas, agus ghléidh thu sèa earrainnean, leis an rùn gum biodh cuid aca freagarrach dhuit, air doibh a bhi air an suidheachadh agus air an àiteachadh le Dia.
43Oir co luath ʼsa chaidh tʼ fhocal a mach bha ʼn obair deanta.
44Oir air ball bha toradh mòr agus do‑àireamh ann, agus iomadh toilinntinn eug‑samhuil air son na càile, agus blàthan do dhath neo‑chaochlaidheach, agus fàilean gu mìorbhuileach cùbhraidh; agus rinneadh so air an treas là.
45Air aʼ cheathramh là dhʼ àithn thu gu ʼn soillsicheadh aʼ ghrian, agus gu ʼn tugadh aʼ ghealach a solus, agus gu ʼm biodh na reultan ann an òrdugh;
46Agus sparr thu orra seirbhis a dheanamh do ʼn duine, a bha gu bhi air a dhealbhadh.
47Air aʼ chùigeamh là thubhairt thu ris an seachdamh pàirt, far an robh na h‑uisgeachan air an cruinneachadh, gu ʼn tugadh e mach creutairean beò, eunlaith agus iasga: agus mar so thàinig e gu crìch.
48Oir thug an t‑uisge balbh, agus as eugais beatha, a mach nithe beò aig àithne Dhé, chum gu ʼm moladh an sluagh uile ʼoibre iongantach‑san.
49An sin dhʼ òrduich thu dà chreutair bheò; air an aon thug thu Enoch mar ainm, agus air an aon eile Lebhiatan:
50Agus dhealaich thu iad o chéile; oir cha ʼn fheudadh an seachdamh earrann, ʼse sin far an robh an t‑uisge air a chruinneachadh cuideachd, an cumail le chéile.
51Do Enoch thug thu aon earrann, a thiormaicheadh suas air an treas là, chum gun gabhadh e tàmh san earrann sin, anns am bheil mìle beinn:
52Ach do Lebhiatan thug thu an seachdamh earrann, eadhon ise a ta fliuch; agus ghléidh thu e gu bhi air itheadh suas leò‑san, agus aig an àm a ʼs àill leat.
53Air an sèathamh là thug thu àithne air an talamh, chum gun tugadh e mach aʼ dʼ làthair fein beathaichean, spréidh, agus nithe snàgach;
54Agus mar an ceudna an déigh sin, Adhamh, a rinneadh leat ʼna uachdarain air do chreutairibh uile: dhe ʼn tàinig sinn uile agus an sluagh mar an ceudna dhe ʼn dʼ rinn thu roghainn.
55So uile labhair mi ʼnadʼ fhianuis, O Thighearna, a chionn gu ʼn dʼ rinn thu an saoghal air ar sgàth‑ne.
56A thaobh an t‑sluaigh eile, a thàinig mar an ceudna o Adhamh, thubhairt thu nach nì air bith iad, ach gur cosmhuil rʼ a smugaid iad: agus shamhlaich thu am pailteas aca ri braon a thuiteas o shoitheach.
57Agus a nis, O Thighearna, feuch, na cinnich sin, a bha riamh air am meas mar neoni, thòisich iad air a bhi ʼnan tighearnaibh os ar ceann, agus air ar n‑itheadh suas.
58Ach thugadh sinne do shluagh fein ʼnan làmhaibh‑san, sinne air an dʼ thug thu an ceud‑ghin mar ainm, an t‑aon ghin agad fein, agus dʼ fhear‑gràidh treibhdhireach fein.
59Ma tha an saoghal a nis air a dheanamh air ar son‑ne, cʼ arson nach ʼeil sinn aʼ sealbhachadh oighreachd leis an t‑saoghal? Cia fhad sa mhaireas so?

Àwon tá yàn lọ́wọ́lọ́wọ́ báyìí:

II. Esdras 6: MacGAP

Ìsàmì-sí

Pín

Daako

None

Ṣé o fẹ́ fi àwọn ohun pàtàkì pamọ́ sórí gbogbo àwọn ẹ̀rọ rẹ? Wọlé pẹ̀lú àkántì tuntun tàbí wọlé pẹ̀lú àkántì tí tẹ́lẹ̀