II. Esdras 7
7
CAIB. VII.
1Agus an uair a chrìochnaich mi na briathra sin a labhairt, chuireadh aingeal amʼ ionnsuidh, an t‑aingeal a chuireadh amʼ ionnsuidh air na h‑oidhchibh roimh sin:
2Agus thubhairt e rium, Tog ort, Esdrais, agus cluinn na briathran, air son an dʼ thàinig mi gu ʼn cur an céill duit.
3Agus thubhairt mi, Labhair, mo Dhia. An sin, thubhairt e rium, Tha ʼn cuan air a chur ann an àite farsuing, chum gu ʼm biodh e domhain agus mòr.
4Ach abair gu ʼm biodh an t‑inndrinn cumhann#7.4 an t‑inndrinn cumhann ‑ an dol‑a‑steach chumhaing ‑ the narrow entrance, agus cosmhuil ri abhainn;
5Cò an sin a bʼ urrainn dol chum aʼ chuain a dhʼ amharc air, agus ʼga riaghladh? mar rachadh e troimh ʼn àite chumhann, ciamar a thigeadh e chum an àite leathainn?
6Tha mar an ceudna nì eile ann; Tha baile air a thogail, agus air a shuidheachadh air achadh leathann, agus tha e làn do na h‑uile nithibh maithe:
7Tha ʼn dol a stigh aige cumhann, agus tha e air a shuidheachadh ann an àite cunnartach gu tuiteam, mar gu ʼm biodh teine air an làimh dheis, agus uisge domhainn air an làimh chlì;
8Agus tha an t‑aon slighe a ta eatorra, ʼse sin, eadar an teine agus an t‑uisge, co beag ʼs nach rachadh ach aon duine oirre aig an aon àm.
9Agus a nis nʼ am biodh am baile so air a thoirt do aon duine mar oighreachd, mar dʼ théid e aʼ chaoidh seachad air aʼ chunnart a chuireadh roimhe, ciamar a gheibh e an oighreachd?
10Agus thubhairt mi, Tha e mar so, a Thighearna. An sin thubhairt e rium, Eadhon mar so mar an ceudna tha cuibhrionn Israeil.
11A chionn air an sgàth‑san gu ʼn dʼ rinn mi an saoghal: agus an uair a chiontaich Adhamh an aghaidh mo reachdan, an sin shònraicheadh na rinneadh a nis.
12An sin rinneadh inndrinnean#7.12 inndrinnean ‑ slighean a‑steach ‑ entrances an t‑saoghail so cumhann, làn àmhghair agus saoithreach: cha ʼn ʼeil iad ach tearc agus olc, làn chunnartan, agus ro chràiteach.
13Oir bha inndrinnean#7.13 inndrinnean ‑ slighean a‑steach ‑ entrances an t‑seann saoghail farsuing agus cinnteach, agus thug iad toradh neo‑bhàsmhor.
14Uime sin mar dean iadsan a ta beò strìth gu dol a steach air na nithibh teann agus faoine sin, cha ʼn fhaigh iad a chaoidh na nithe a thaisgeadh suas air an son.
15A nis uime sin cʼ arson tha thu aʼ cur trioblaid ort fein, do bhrìgh nach ʼeil annad ach duine truaillidh? agus cʼ arson tha thu air do ghluasad, a chionn gu ʼm bheil thu bàsmhor?
16Cʼ arson nach do smuainich thu ʼn adʼ inntinn an nì so a ta chum teachd, a roghainn air an nì sin a ta làthair?
17An sin fhreagair mi, agus thubhairt mi, O Thighearn a ta ʼriaghladh, dhʼ òrduich thu ʼn adʼ lagh, gu ʼn sealbhaicheadh na fìreana na nithe sin, ach gu ʼn rachadh na daoine an‑diadhaidh a sgrios.
18Gidheadh fuilingidh na fìreana nithe teanna, agus bithidh dòchas aca ri nithibh farsuing: oir fuilingidh iadsan a rinn gu h‑aingidh na nithe teanna, agus an déigh sin cha ʼn fhaic iad na nithe farsuing.
19Agus thubhairt e rium, Cha ʼn ʼeil breitheamh os ceann Dhé, agus cha ʼn ʼeil aon aig am bheil tuigse os ceann an Tì a ʼs Airde.
20Oir tha mòran ann a sgriosar anns aʼ bheatha so, a chionn gu ʼm bheil iad aʼ deanamh tàir air lagh Dhé a ta air a chur rompa.
21Oir thug Dia àithne theann dhoibh‑san a thàinig, ciod a dheanadh iad chum a bhi beò, eadhon mar a thàinig iad, agus ciod bu chòir doibh a choimhead chum peanas a sheachnadh.
22Gidheadh cha robh iad ùmhal da; ach labhair iad ʼna aghaidh, agus smuainich iad nithe faoine;
23Agus mheall siad iad fein le ʼn gnìomharaibh aingidh; agus thubhairt iad mu ʼn Tì a ʼs Airde, nach ʼeil e ann; agus cha bʼaithne dhoibh a shligheanna;
24Ach rinn iad tàir air a lagh, agus dhʼ àicheadh iad a chùmhnantan; cha robh iad dìleas ʼna reachdaibh, agus cha dʼ rinn iad oibre‑san.
25Agus air an aobhar sin, Esdrais, dhoibh‑san a ta falamh tha nithe falamh, agus dhoibh‑san a ta làn, tha nithe làna.
26Feuch thig an t‑àm, anns an tig na comharan so mu ʼn dʼ innis mi dhuit gu crìch, agus nochdar aʼ bhean nuadh‑phòsda, agus ʼn àm di teachd a mach chithear i, ach a nis tha i air a toirt a mach as an t‑saoghal.
27Agus ge bʼ e air bith a bhios air an saoradh o na truaighibh so a dhʼ ainmicheadh chìth iad mo mhìorbhuilean‑sa.
28Oir foillsichear mo Mhac Iosa leò‑san a bhios maille ris, agus iadsan a mhaireas nì iad gàirdeachas an taobh a stigh do cheithir cheud bliadhna.
29An déigh nam bliadhna sin gheibh mo Mhac Criosd bàs, agus na h‑uile dhaoine aig am bheil beatha.
30Agus bithidh an saoghal air a thionndadh chum an t‑seann sàmhchair rè sheachd làithean, mar anns na ceud bhreitheanasaibh: air chor is nach mair aon duine.
31Agus an déigh sheachd làithean, togar suas an saoghal, nach ʼeil fathast air a dhùsgadh, agus bàsaichidh sin a ta truaillidh.
32Agus bheir an talamh seachad iadsan a ta ʼnan codal ann, agus mar sin bheir an duslach iadsan a ta chòmhnuidh ann an sàmhchar, agus bheir na h‑ionada dìomhair seachad na h‑anaman a thugadh dhoibh.
33Agus nochdar an Tì a ʼs Airde air caithir aʼ bhreitheanais, agus teichidh truaigh air falbh, agus thig crìoch air an fhad‑fhulangas.
34Ach mairidh breitheanas a mhàin, seasaidh an fhìrinn, agas fàsaidh creidimh làidir;
35Agus leanaidh an obair, agus nochdar an duais, agus bithidh na deagh ghnìomhara ann an neart, agus cha bhi aig droch ghnìomharaibh uachdaranachd sam bith.
36An sin thubhairt mise, Rinn Abraham ùrnuigh an toiseach air son nan Sodomach, agus Maois air son nan aithriche a pheacaich anns an fhàsach:
37Agus Iosa ʼna dhéigh air son Israeil, ri lìnn Achain.
38Agus Samuel agus Daibhidh air son an sgrios: agus Solamh air an sonsan bu chòir teachd do ʼn ionad‑naomh:
39Agus Helias air an sonsan a fhuair uisge; agus air son nam marbh, chum gu ʼm biodh e beò:
40Agus Esechias air son an t‑sluaigh ri lìnn Shennacherib: agus mòran air son mhòrain.
41Eadhon mar so a nis, air do thruaillidheachd a bhi air fàs suas, agus aingidheachd air meudachadh, agus na fìreanʼ ag ùrnuigh air son nan neo‑fhìrean: cʼ arson nach bi e mar so a nis mar an ceudna?
42Fhreagair e mi, agus thubhairt e, Cha ʼn i aʼ bheatha a ta làthair aʼ chrìoch far am bheil mòran glòire aʼ còmhnuidh; uime sin rinn iad ùrnuigh air son nan lag‑chùiseach#7.42 nan lag‑chùiseach ‑ nan daoine an‑fhann ‑ the feeble, the timid, the weak.
43Ach bithidh là an dìtidh ʼna chrìch do ʼn àm so, agus ʼna thoiseach do ʼn neo‑bhàsmhorachd ri teachd, anns am bi truaillidheachd seachad,
44Mì‑stuamachd aig crìch, mì‑chreidimh air a gearradh as, fìreantachd aʼ fàs suas, agus an fhìrinn ag éiridh ʼn àird.
45An sin, cha ʼn urrainn duine sam bith esan a theàrnadh a ta air a sgrios, no esan a shàrachadh a fhuair aʼ bhuaidh.
46Fhreagair mi an sin, agus thubhairt mi, ʼSe so mo cheud ràdh, agus mo ràdh deireannach, gu ʼm biodh e ni bʼ fhearr gu ʼn an talamh a thoirt do Adhamh; air neo, an uair a thugadh dha e, gu ʼn rachadh a chumail o ʼn pheacadh.
47Oir ciod i aʼ bhuannachd do dhaoinibh a nis ʼsan àm a ta làthair teachd beò ann an truime, agus an déigh aʼ bhais sealltuinn air son peanais?
48O thusa Adhaimh, Ciod a rinn thu? oir ged is tusa a pheacaich, cha do thuit thu aʼ dʼ aonar, ach sinne uile a ta teachd uait.
49Oir ciod i aʼ bhuannachd dhuinne, ma ghealladh dhuinn àm neo‑bhàsmhor, an uair a rinn sinn na h‑oibre a bheir thugainn am bàs?
50Agus gu ʼm bheil dòchas sìorruidh air a ghealltuinn dhuinn, an uair a tha sinn, air duinn a bhi ro aingidh, air ar deanamh ʼnar neoni?
51Agus gu ʼm bheil ionada‑còmhnuidh slàinte agus tèaruinteachd air an tasgaidh suas dhuinn, an uair a bha sinn aʼ teachd beò gu h‑aingidh?
52Agus gu ʼm bheil glòir an Tì a ʼs Airde air a cumail chum iadsan a dhìonadh a chaith beatha chùramach, an uair a ghluais sinne anns na slighibh a ʼs aingidh a ta idir ann?
53Agus gu ʼm biodh Pàras air a nochdadh, aig am bheil toradh a mhaireas gu bràth, anns am bheil tèaruinteachd agus ìocshlaint, an uair nach inndrinn#7.53 inndrinn ‑ rach a‑steach ‑ enter sinn a steach ann?
54(Oir ghluais sinn ann an ionadaibh mì‑thaitneach.)
55Agus gu ʼm bheil aghaidhean na muinntir a chleachd measarrachd aʼ dealrachadh os ceann nan reult, an uair a bhios ar n‑aghaidhean‑ne ni ʼs duibhe nʼan dorchadas?
56Oir an uair a bha sinn aʼ teachd beò, agus a rinn sinn aingidheachd, cha do smuainich sinn gu ʼn tòisichmaid ri fulang air a shon an déigh aʼ bhàis.
57An sin fhreagair e mi, agus thubhairt e, Is i so staid aʼ chatha, a chuireas an duine a ta air a breith air an talamh;
58Ma seadh, is gu ʼn toir e buaidh, fuilingidh e mar a thubhairt thu; ach ma bheir e buaidh, gheibh e an nì sin a ta mise aʼ cur an céill.
59Oir is i so aʼ bheatha mu ʼn do labhair Maois ris an t‑sluagh an uair a bha beatha aige, ag ràdh, Dean roghainn do ʼn bheatha, chum gu ʼm bi thu beò.
60Gidheadh cha do chreid iad e, ni mò na fàidhean ʼna dhéigh; ni h‑eadh, no mise, a labhair riù;
61Chum nach biodh aʼ leithid do chudthrom ʼnan sgrios, ʼsa bhios do dhʼ aoibhneas os an ceann‑san a thionndaidhear chum slàinte.
62Fhreagair mi an sin, agus thubhairt mi, Tha fios agam, a Thighearna, gu ʼn goirear ris an Tì a ʼs Airde, Tròcaireach, do bhrìgh gu ʼn dean e tròcair orra‑san nach ʼeil fathast air teachd chum an t‑saoghail,
63Agus orra‑san mar an ceudna a philleas chum a lagh;
64Agus gu ʼm bheil e fad‑fhulangach, agus foighdinneach riù‑san a pheacaich, mar na creutairean aige fein;
65Agus gu ʼm bheil e toirbheartach, oir tha e deas gu tabhairt seachad, far am bheilear a dhìth;
66Agus gu ʼm bheil e de mhòir thròcair, oir tha e aʼ cur an tuilleadh agus an tuilleadh thròcair ann an lìonmhorachd dhoibh‑san a ta làthair, agus a chaidh seachad, agus mar an ceudna dhoibh‑san a ta chum teachd.
67Oir mar cuir e a thòcairean ann an lìonmhorachd, cha mhaireadh an saoghal dhoibh‑san a ta ʼga shealbachadh.
68Agus tha e aʼ maitheadh; oir mar deanadh e so dheth mhaitheas fein, chum gu ʼm biodh iadsan a rinn euceartean air an saoradh uatha, cha ʼn fhanadh an deicheamh mìle earrainn do dhaoinibh idir beò.
69Agus, air da a bhi ʼna bhreitheamh, mar tugadh e maitheanas dhoibh‑san a ta air an slànuchadh le fhocal fein, agus an lìonmhorachd aimhreitean a chur air cùl,
70Cha bhiodh, feudaidh e bhith, ach àireamh bheag do chuideachd gun àireamh air am fàgail.
Àwon tá yàn lọ́wọ́lọ́wọ́ báyìí:
II. Esdras 7: MacGAP
Ìsàmì-sí
Pín
Daako
Ṣé o fẹ́ fi àwọn ohun pàtàkì pamọ́ sórí gbogbo àwọn ẹ̀rọ rẹ? Wọlé pẹ̀lú àkántì tuntun tàbí wọlé pẹ̀lú àkántì tí tẹ́lẹ̀
© Scottish Bible Society 2017
© Comann Bhìoball na h-Alba 2017