Tobit 2

2
CAIB. II.
1A nis, an uair a thàinig mi dhachaidh a rìs, agus a thugadh Anna mo bhean air a h‑ais domh, maille ri Tobias mo mhac, aig féill na Cuingis, féill naomh nan seachd seachduin, dheasaicheadh deagh dhinneir fa ʼm chomhair, aig an do shuidh mi sìos a dhʼ itheadh.
2Agus an uair a chunnaic mi pailteas bìdh, thubhairt mi rimʼ mhac, Rach, agus thoir leat ge bʼ e duine bochd sam bith a gheibh thu a mach dʼ ar bràithribh, a ta cuimhneachadh an Tighearna; agus, feuch, fanaidh mi riut.
3Ach thàinig e a rìs, agus a deir e, Athair, tha aon dʼ ar cinneach air a thachdadh, agus air a thilgeadh a mach ann an ionada‑mhargaidh.
4An sin, mu ʼn do bhlais mi air mo bhiadh, leum mi suas, agus thug mi n‑àird e do sheòmar gu ruig dol fodha na gréine.
5An sin, phill mi, agus dhʼ ionnlad mi mi fein, agus ann an truime dhʼ ith mi mo lòn,
6Aʼ cuimhneachadh fàisneachd Amois, mar a deir e, Tionndaidhear bhur féilltean gu bròn, agus bhur cridhealais uile gu caoidh.
7Uime sin ghuil mi: agus an déigh dol fodha na gréine, chaidh mi agus rinn mi uaigh, agus dhʼ adhlaic mi e.
8Agus rinn mo choimhearsnaich fanoid orm, agus thubhairt iad, Cha ʼn ʼeil fathast eagal air an duine so a bhi air a chur gu bàs air son na cùise so, a theich air falbh; agus, feuch, fathast, tha e ʼg adhlacadh nam marbh a rìs.
9Air an oidhche sin fein, mar an ceudna phill mi o ʼn adhlacadh, agus choidil mi ri taobh balla mo chùirt‑ghàraidh, air domh a bhi air mo thruailleadh, agus mʼ aghaidh ris:
10Agus cha robh fios agam gu ʼn robh gealbhoinn anns aʼ bhalla; agus bha mo shùilean fosgailte, thilg na gealbhoinn innear bhlàth ʼnamʼ shùilibh, agus thàinig gile ʼnamʼ shùilibh; agus thug mi na léighean orm, ach cha do chuidich iad leam: os bàrr dhʼ àraich Achiacharus mi, gus an deachaidh mi chum Elimais.
11Agus ghabh mo bhean Anna oibre bhan ri ʼn deanamh.
12Agus an uair a chuir i dhachaidh iad dʼ an ionnsuidh‑san leis am bu leis iad, thug iad dhi a tuarasdal, agus thug iad mar an ceudna dhi meann a thuilleadh air sin.
13Agus an uair a bha e ʼnamʼ thigh, agus a thòisich e ri mèilich, thubhairt mi rithe, Cia as do ʼn mheann so? nach do ghoideadh e? thoir seachad e dhoibh‑san dʼ am buin e? oir cha ʼn ʼeil e laghail an nì sin itheadh a ghoideadh.
14Ach fhreagair i mi, Thugadh e mar thiodhlac a thuilleadh air an tuarasdal: gidheadh cha do chreid mi i, ach dhʼ àithn mi dhi, a thoirt air ais dhoibh‑san dʼ am buin e; agus bha nàir orm air a son. Ach thug i freagairt orm, Cʼ àit am bheil do dhéircean agus do ghnìomhara cearta? feuch, tha thu fein agus tʼ oibre gu léir aithnichte.

Markert nå:

Tobit 2: MacGAP

Marker

Del

Kopier

None

Vil du ha høydepunktene lagret på alle enhetene dine? Registrer deg eller logg på