Tobit 1

1
CAIB. I.
1Leabhar bhriathar Thobit, mhic Thobieil, mhic Ananieil, mhic Adueil, mhic Ghabaeil, do shìol Asaeil, do threubh Nephtali,
2A thugadh a ʼm bràighdeanas a mach á Tisbe, ri lìnn Enemessair rìgh nan Assiriach, a ta aig deas‑làimh aʼ bhaile sin ris an goirear gu freagarrach Nephtali ann an Galilee os ceann Aseir.
3Ghluais mise Tobit uile làithean mo bheatha ann an slighe na fìrinn agus aʼ cheartais, agus rinn mi iomadh gnìomh seirceil do mo bhràithribh, agus domʼ chinneach, a thàinig maille rium do Ninebhe, chum tìre nan Assiriach.
4Agus an uair a bha mi ʼnam dhùthaich fein, ann an tìr Israeil, air domh a bhi òga, thuit treubh Nephtali mʼ athar gu léir o ʼn tigh ann an Ierusalem, a roghnaicheadh á uile threubhaibh Israeil, chum gun ìobradh na treubhan uile an sin, far an robh teampull àite‑còmhnuidh an Tì a ʼs Airde air a choisrigeadh agus air a thogail air son gach lìnn.
5A nis na treubhan uile a rinn ceannairc, agus tigh mʼ athar Nephtali, dhʼ ìobair iad do ʼn agh Baal.
6Ach chaidh mise a ʼm aonar gu minic do Ierusalem aig na féilltibh, mar a dhʼ àithneadh do uile shluagh Israeil le h‑òrdugh buan‑mhaireannach, leis na ceud‑thoraibh, agus le deicheamh earrannaibh aʼ chinneis, agus le sin a bhuaineadh an toiseach; agus thug mi iad sin aig an altair do na sagartaibh clann Aaroin.
7Thug mi aʼ cheud deicheamh earrann do gach cinneas do mhacaibh Aaroin, a rinn frithealadh aig Ierusalem: reic mi deicheamh earrann eile, agus chaidh mi agus chosd mi e gach bliadhna ann an Ierusalem:
8Agus thug mi an treas earrann dhoibh‑san dʼ an robh e freagarrach, mar a dhʼ àithn Debora màthair mʼ athar dhomh, do bhrìgh gu ʼn dʼ fhàgadh mi am dhìlleachdan le mʼ athair.
9Os bàrr, an uair a ràinig mi gu inbhe duine, phòs mi Anna domʼ chinneach fein, agus uaipe‑se ghin mi Tobias.
10Agus an uair a ghiùlaineadh air falbh sinn ʼnar bràighdibh do Ninebhe, dhʼ ith mo bhràithrean uile, agus iadsan a bha domʼ chinneach, do dhʼ aran nan Cinneach.
11Ach chùm mise mi fein o itheadh;
12Do bhrìgh gu ʼn do chuimhnich mi air Dia lemʼ uile chridhe.
13Agus thug an Tì a ʼs Airde gràs agus deagh‑ghean domh an làthair Emenessair, air chor is gu ʼn robh mi a ʼm fhear‑solaraidh dha.
14Agus chaidh mi do Mhedia, agus dhʼ fhàg mi deich tàlanna airgid air cùram Ghabaeil, bràthar Ghabriais, aig Rages, baile do Mhedia.
15A nis, an uair a fhuair Enemessar bàs, rìoghaich Sennacherib a mhac fein ʼna àite; aig an robh a ghnothuichean ann an aimhreite, air chor is nach bʼ urrainn mi dol do Mhedia.
16Agus ri lìnn Enemessar thug mi mòran déirce domʼ bhràithribh, agus thug mi mʼ aran do ʼn ocrach,
17Agus mʼ eudach do ʼn lomnochd: agus ma chunnaic mi aon sam bith domʼ chinneach marbh, no air a thilgeadh mu bhallachan Ninebhe, dhʼ adhlaic mi e.
18Agus ma chuir rìgh Sennacherib neach sam bith a dhìth, an uair a thàinig e, agus a theich e o Iudea, dhʼ adhlaic mi gu uaigneach iad, (oir na chorruich mharbh e mòran:) ach cha robh na cuirp ri ʼm faotuinn, an uair a bha iad air an iarraidh leis an rìgh.
19Agus an uair a rachadh aon do na Ninebhich, agus a dheanadh e gearan orm ris an rìgh, gu ʼn dʼ adhlaic mi iad, agus gu ʼn dʼ fholuich mi mi fein; theich mi leis an eagal, air domh a thuigsinn gu ʼn robh an tòir orm chum am chur gu bàs.
20An sin thugadh mo chuid uile gu h‑ainneartach air falbh, ni mò a dhʼ fhàgadh nì sam bith agam, a thuilleadh air mo mhnaoi Anna, agus mo mhac Tobias.
21Agus cha deachaidh cùig deug agus dà fhichead là seachad gus an do mharbh dithis do chuid mhac e, agus theich iad do bheanntaibh Ararait, agus rìoghaich Sarchedonus a mhac fein ʼna àite; a shuidhich Achiacharus, mac mo bhràthar fein Anaeil, thairis air cùnntais, agus air uile ghnothuchaibh athar fein.
22Agus air do Achiacharus a bhi aʼ dian‑shireadh air mo shon, phill mi gu Ninebhe. A nis bha Achiacharus ʼna ghille‑cupain, agus ʼna fhear‑gléidhidh nan seul, ʼna stìubhart, agus ʼna fhear‑coimhead nan cùnntas; agus shònraich Sarchedonus e mar an tì a ʼs fhaigse dha fein: agus b ʼe mac mo bhràthar e.

Markert nå:

Tobit 1: MacGAP

Marker

Del

Kopier

None

Vil du ha høydepunktene lagret på alle enhetene dine? Registrer deg eller logg på