Tobit 3

3
CAIB. III.
1An sin air domh a bhi fo bhròn ghuil mi, agus ʼnamʼ àmhghar rinn mi ùrnuigh, ag ràdh,
2O Thighearna, tha thusa ceart; agus tha tʼ oibre gu léir agus do shlighean gu léir nan tròcair agus fìrinn; agus bheir thu breith gu fìrinneach agus gu ceart gu bràth.
3Cuimhnich orm‑sa, agus seall orm: na dean peanas orm air son mo pheacanna agus mʼ aineolasan, agus pheacanna mʼ aithriche, a pheacaich ʼnad fhianuis:
4Oir cha robh iad ùmhal dodʼ àitheantaibh; air an aobhar sin thug thu seachad sinne mar chreich, agus do bhràighdeanas, agus do ʼn bhàs, agus mar ghnàth‑fhocal maslaidh do na cinnich sin uile am measg am bheil sinn air ar sgapadh.
5Agus a nis tha do bhreitheanasa lìonmhor agus fìrinneach: buin riumsa a réir mo pheacanna fein agus peacanna mʼ aithriche; a chionn nach do ghléidh sinn tʼ àitheanta fein, ni mò a ghluais sinn romhad ann am fìrinn.
6A nis uime sin buin riumsa mar a ʼs fearr a chithear ʼnadʼ shealladh, agus òrduich mo spiorad a bhi air a thoirt uam, chum gu ʼn sgaoilear o chéile mi, agus gu ʼm fàs mi amʼ thalamh; oir is buannachd dhomh am bàs fhaotuinn a roghainn air a bhi beò, a chionn gun cual mi achmhasain mhealltach, agus gu ʼm bheil mòr àmhghar orm; thoir seachad àithne air an aobhar sin chum mise a theasairginn a nis o ʼn trioblaid so, agus a dhol chum an àite shìorruidh; na tionndaidh do ghnùis air falbh uam.
7Thàinig e gu crìch air an là sin fein, gu ʼn tugadh achmhasan do Shara nighean Ragueil le maighdeanaibh a h‑athar fein, ann an Ecbatane baile do Mhedia;
8A cheann gu ʼn robh i pòsda ri seachdnar fheara, a mharbh Asmodeus an droch spiorad, mu ʼn do luidh iad maille rithe. Nach ʼeil fhios agad, a deir iad, gu ʼn do thachd thu na fir‑phosda agad? bha seachdnar fhear agad a cheana, ach cha robh thu air tʼ ainmeachadh an déigh a dhʼ aoin diubh.
9Cʼ arson tha thu ʼgar bualadh air an son‑san? ma tha iad marbh, gabh romhad maille riù, na faiceamaid gu bràth aon chuid mac no nighean uait‑sa.
10An uair a chual i na nithe sin, bha i ro bhrònach, air chor is gun do ghabh i na cridhe i fein a thachdadh; agus thubhairt i, Is aon nighean mʼ athar mi, agus ma nì mi so, bithidh e na mhasladh dha, agus bheir mi a shean aois le h‑àmhghar chum na h‑uaighe.
11An sin rinn i ùrnuigh a réir na h‑uinneig, agus thubhairt i, Is beannaichte thusa, O Thighearna mo Dhia, agus tha tʼ ainm naomh agus glòrmhor‑sa beannaichte agus urramach gu bràth; moladh tʼ oibre fein gu léir thu gu sìorruidh.
12Agus a nis, O Thighearna, tha mi aʼ suidheachadh mo shùl agus mo ghnùis riut‑sa,
13Ag ràdh, Thoir a mach as an talamh mi, chum nach cluinn mi am masladh tuilleadh ni ʼs mò.
14Tha fios agad‑sa, a Thighearna, gu ʼm bheil mi saor o gach peacadh le fear,
15Agus nach do thruaill mi riamh mʼ ainm fein, no ainm mʼ athar, ann an tìr mo bhràighdeanais: is aon nighean mʼ athar mi, ni mò tha duine‑cloinne aig gu bhi ʼna oighre, no caraid sam bith am fagus, no mac idir aige beò, dʼ an gléidhinn mi fein air son mnà: tha mo sheachdnar chompanach marbh a cheana; agus cʼar son a bhithinn‑sa beò? ach mar eil e taitneach dhutsa gu ʼm faighinn‑sa bàs, thoir àithne beagan tlachd a bhi air a ghabhail dìom, agus truas a bhi air a ghabhail rium, chum nach cluinn mi masladh ni ʼs mò.
16Mar so bha an ùrnuighean le chéile air an cluinntinn an làthair mòrachd an Dé mhòire:
17Agus chuireadh Raphael ʼgan slànachadh le chéile; ʼse sin, a rùsgadh air falbh gile nan sùl aig Tobit; agus a thabhairt Shara, nighinn Ragueil, mar mhnaoi do Thobias mac Thobit; agus a cheangladh Asmodeuis an droch spioraid; a chionn gu ʼm buineadh i do Thobias le còir na h‑oighreachd. Aig a cheart àm cheudna thàinig Tobias dhachaidh, agus chaidh e steach dʼ a thigh fein, agus thàinig Sara nighean Ragueil a nuas o a seòmar‑uachdarach fein.

Markert nå:

Tobit 3: MacGAP

Marker

Del

Kopier

None

Vil du ha høydepunktene lagret på alle enhetene dine? Registrer deg eller logg på