YouVersion लोगो
खोज आइकन

Lùcas 18

18
1 Mu thimcheall na banntraich liosta. 9 Mun Pharasach agus mun chìs‐mhaor. 18 B’àill le uachdaran àraidh Crìosd a leantainn, ach tha e air a bhacadh le a shaoibhreas. 31 Ro‑innis Crìosd a bhàs.
1Agus labhair e cosamhlachd riu, a’ nochdadh gur còir ùrnaigh a dhèanamh a‑ghnàth#Lùc 11:8; 21:36; Ròm 12:12; Eph 6:18; 1 Tes 5:17; Philip 4:6, agus gun fhannachadh;
2Ag ràdh, Bha britheamh ann am baile àraidh, air nach robh eagal Dhè, agus aig nach robh urram do dhuine:
3Agus bha bantrach àraidh anns a’ bhaile sin, agus thàinig i da ionnsaigh, ag ràdh, Cùm còir rium an aghaidh mo nàmhaid.
4Agus cha b’àill leis rè tamaill: ach na dhèidh sin thubhairt e ann fhèin, Ged nach eil eagal Dhè orm, no urram agam do dhuine;
5Gidheadh airson gu bheil a’ bhantrach seo a’ cur dragha orm, cumaidh mi còir rithe, air eagal le a sìor‐theachd gun sgìthich i mi.
6Agus thubhairt an Tighearna, Eisdibh ciod a tha am britheamh eucorach ag ràdh,
7Agus nach dèan Dia dìoghaltas airson a dhaoine taghte fhèin#Tais 6:10, a tha ag èigheach ris a là agus a dh’oidhche, ged tha e fad‐fhulangach mun timcheall?
8Tha mi ag ràdh ribh gun dèan e dìoghaltas air an son gu luath. Gidheadh, nuair a thig Mac an Duine, am faigh e creideamh air an talamh#Mat 24:12?
9Agus labhair e an cosamhlachd seo ri dream àraidh a bha ag earbsa asda fhèin gu robh iad nam fìreanan#Lùc 10:29, agus a bha a’ dèanamh tàir air dream eile:
10Chaidh dithis dhaoine suas don teampall a dhèanamh ùrnaigh; fear dhiubh na Pharasach, agus am fear eile na chìs‐mhaor.
11Sheas am Pharasach leis fhèin, agus rinn e ùrnaigh mar seo, A Dhè, tha mi a’ toirt buidheachais dhut nach eil mi mar a tha daoine eile#Tais 3:17, nan luchd‐fòirneirt, eucorach, adhaltranach, no eadhon mar an cìs‐mhaor seo.
12Tha mi a’ trasgadh dà uair anns an t‑seachdain#Mat 9:14, tha mi a’ toirt deichimh as na h‑uile nithean a tha mi a’ sealbhachadh#Àir 18:21; Deut 14:22, 23.
13Agus air seasamh don chìs‐mhaor fad air ais, cha b’àill leis fiù a shùilean a thogail suas gu nèamh#Esra 9:6; Salm 40:12, ach bhuail e a uchd#Ier 31:19, ag ràdh, A Dhia, dèan tròcair ormsa a tha am pheacach.
14Tha mi ag ràdh ribh gun deachaidh am fear seo sìos da thaigh air fhìreanachadh nas mò na am fear ud eile: oir ge bè neach a dh’àrdaicheas e fhèin, ìslichear e#Iob 22:29; Mat 23:12; agus ge bè a dh’ìslicheas e fhèin, àrdaichear e.
15Agus thug iad da ionnsaigh mar an ceudna naoidheanan#Mat 19:13; Marc 10:13, etc., a‑chum gum beanadh e riu: agus nuair a chunnaic na deisciobail seo, chronaich iad iad.
16Ach air do Iosa an gairm da ionnsaigh, thubhairt e, Fuilingibh do na leanaban teachd am ionnsaigh‐sa, agus na bacaibh iad; oir is ann dan leithidean seo a tha rìoghachd Dhè.
17Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè nach gabh rìoghachd Dhè mar leanabh beag#Salm 131:2; Marc 10:15; 1 Pead 1:14, nach tèid e air chor sam bith a‑steach innte.
18Agus dh’fheòraich uachdaran àraidh dheth, ag ràdh, A Mhaighistir mhaith#Mat 19:16, etc.; Marc 10:17, etc., ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?
19Agus thubhairt Iosa ris, Carson a ghoireas tu math dhìomsa? Chan eil neach sam bith math ach a h‑aon, eadhon Dia.
20Is aithne dhut na h‑àitheantan#Ecs 20:12‐16; Ròm 13:9, Na dèan adhaltranas, Na dèan mortadh, Na goid, Na toir fianais bhrèige, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair.
21Agus thubhairt esan, Choimhead mi iad sin uile om òige.
22Agus nuair a chuala Iosa seo, thubhairt e ris, Tha aon nì fhathast a dh’uireasbhaidh ort; reic na h‑uile nithean a tha agad, agus roinn air na bochdan, agus bidh agad ionmhas air nèamh#Mat 6:19, 20; 1 Tim 6:19; agus thig, agus lean mise.
23Agus nuair a chuala e seo, bha e ro‑dhuilich; oir bha mòr‐bheartas aige.
24Agus nuair a chunnaic Iosa gun robh e làn tùirse, thubhairt e, Cia deacair dhaibhsan aig a bheil saoibhreas dol a‑steach do rìoghachd Dhè#Gnà 11:28; 1 Tim 6:9!
25Oir is fhasa do chàmhal dol tro chrò snàthaid na do dhuine saoibhir dol a‑steach do rìoghachd Dhè.
26Agus thubhairt iadsan a chuala seo, Cò mas eadh a dh’fhaodas a bhith air a shaoradh?
27Ach thubhairt esan, Na nithean a tha eu‑comasach do dhaoine, tha iad comasach do Dhia#Ier 32:17; Sech 8:6.
28An sin thubhairt Peadar, Feuch, thrèig sinne na h‑uile nithean, agus lean sinn thusa.
29Agus thubhairt esan riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil aon neach a thrèig taigh, no pàrantan, no bràithrean, no bean‐phòsda, no clann airson rìoghachd Dhè,
30Nach faigh mòran nas mò anns an aimsir seo a tha an làthair, agus anns an t‑saoghal a tha ri teachd, a’ bheatha mhaireannach.
31Agus ghabh e an dà‑fhear‐dheug da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem, agus bidh na h‑uile nithean a tha sgrìobhte leis na fàidhean mu Mhac an Duine#Salm 22; Isa 53 air an coileanadh.
32Oir bheirear thairis e do na Cinnich#Mat 27:2; Eòin 18:28; Gnìo 3:13, agus thèid fanaid a dhèanamh air, agus maslaichear e, agus tilgear smugaid air;
33Agus sgiùrsaidh agus marbhaidh iad e: agus air an treas là èiridh e a‑rìs.
34Agus cha do thuig iadsan aon nì dhiubh seo#Marc 9:32; Eòin 12:16: agus bha na briathran seo falaichte orra, agus cha b’aithne dhaibh na nithean a chaidh a labhairt.
35Agus thàrladh, nuair a dhruid e ri Iericho#Mat 20:29, etc.; Marc 10:46, etc., gu robh dall àraidh na shuidhe ri taobh na slighe, ag iarraidh dèirce;
36Agus air cluinntinn an t‑sluaigh a’ dol seachad, dh’fheòraich e ciod e seo.
37Agus dh’innis iad dha gum b’e Iosa o Nàsaret a bha a’ gabhail seachad.
38Agus ghlaodh e, ag ràdh, Iosa mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm#Salm 62:12.
39Agus chronaich iadsan a bha air thoiseach e, a‑chum gum biodh e na thosd: ach bu mhò gu mòr a ghlaodh esan, A Mhic Dhaibhidh, dèan tròcair orm.
40Agus air seasamh do Iosa, dh’àithn e a thoirt da ionnsaigh: agus nuair a thàinig e am fagas dha, dh’fheòraich e dheth,
41Ag ràdh, Ciod as àill leat mise a dhèanamh dhut? Agus thubhairt esan, A Thighearna, mi a dh’fhaotainn mo fhradhairc.
42Agus thubhairt Iosa ris, Faigh do fhradharc: shlànaich do chreideamh thu#Lùc 17:19.
43Agus air ball fhuair e a fhradharc, agus lean e e, a’ toirt glòire do Dhia#Lùc 5:26; Gnìo 4:21; 11:18; Gal 1:24: agus thug an sluagh uile cliù do Dhia, nuair a chunnaic iad seo.

अहिले सेलेक्ट गरिएको:

Lùcas 18: ABIG

हाइलाइट

शेयर गर्नुहोस्

कपी गर्नुहोस्

None

तपाईंका हाइलाइटहरू तपाईंका सबै यन्त्रहरूमा सुरक्षित गर्न चाहनुहुन्छ? साइन अप वा साइन इन गर्नुहोस्