Lùcas 17
17
1 Theagaisg Crìosd gun còir dhuinn adhbhar oilbheim a sheachnadh, 3 agus maitheanas a thoirt da chèile; 6 nochd e mòr‐chumhachd beò‐chreidimh; 7 tha sinne fo cheangal do Dhia, ach chan eil esan mar sin dhuinne.
1An sin thubhairt e ra dheisciobail, Chan fhaodar nach tig#17:1 cip‐thuislidh. oilbheuman#Mat 18:6, 7; Marc 9:42: ach is an‑aoibhinn dhàsan tron tig iad.
2B’fheàrr dha gum biodh clach‐mhuilinn air a crochadh ma mhuineal, agus gum biodh e air a thilgeadh anns an fhairge, na gun tugadh e oilbheum do aon neach den mhuinntir bhig seo.
3Thugaibh an aire dhuibh fhèin: ma pheacaicheas do bhràthair ad aghaidh, cronaich e#Lebh 19:17; agus ma ghabhas e aithreachas, thoir maitheanas dha.
4Agus ma pheacaicheas e ad aghaidh seachd uairean anns an là, agus gun till e riut seachd uairean anns an là, ag ràdh, Tha aithreachas orm; thoir maitheanas dha#Mat 6:12, 14; Col 3:13.
5Agus thubhairt na h‑abstoil ris an Tighearna, Meudaich ar creideamh.
6Agus thubhairt an Tighearna, Nam biodh agaibh creideamh mar ghràinne de shìol mustaird#Mat 17:20; 21:21; Marc 9:23; 11:23, theireadh sibh ris a’ chraoibh shicamin seo, Bi air do spìonadh as do fhreumhan, agus bi air do shuidheachadh anns a’ chuan. Agus bhiodh i umhail dhuibh.
7Ach cò agaibhse aig a bheil seirbhiseach a’ treabhadh, no a’ buachailleachd, a their ris, an dèidh dha teachd a‑steach on fhearann, Thig air ball, agus suidh sìos a‑chum bìdh?
8Agus nach dòcha e a ràdh ris, Ullaich nì a ghabhas mise gum shuipeir, agus crioslaich thu fhèin, agus fritheil dhomh, gus an ith agus an òl mi; agus na dhèidh sin ithidh agus òlaidh tusa?
9An toir e buidheachas don t‑seirbhiseach sin do bhrìgh gun do rinn e na nithean a dh’òrdaicheadh dha? Cha saoil mi gun toir.
10Mar sin sibhse, nuair a nì sibh na h‑uile nithean a dh’àithneadh dhuibh, abraibh, Is seirbhisich neo‐thairbheach sinn#Iob 22:3; 35:7; Salm 16:2, 3; Isa 64:6; Ròm 11:35: oir rinn sinn a‑mhàin an nì a bu dligheach dhuinn a dhèanamh.
11A‑nis, a’ dol suas dha gu Ierusalem, chaidh e tro mheadhon Shamaria agus Ghalile#Eòin 4:4.
12Agus nuair a bha e a’ dol a‑steach do bhaile àraidh, thachair deichnear dhaoine air a bha nan lobhair, a sheas fada uaithe#Lebh 13:46:
13Agus thog iad suas an guth, ag ràdh, Iosa, a Mhaighistir, dèan tròcair oirnn.
14Agus nuair a chunnaic e iad, thubhairt e riu, Imichibh, nochdaibh sibh fhèin do na sagartan#Lebh 13:2; 14:3; Mat 8:4. Agus ag imeachd dhaibh, ghlanadh iad.
15Agus nuair a chunnaic aon dhiubh gun do lèighseadh e, thill e air ais, a’ toirt glòire do Dhia le guth àrd#Salm 30:1, 2.
16Agus thuit e air a aghaidh aig a chasan‐san, a’ toirt buidheachais dha: agus bu Shamaritanach e#Eòin 4:39‐42.
17Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, Nach do ghlanadh deichnear; ach an naoinear, càit a bheil iad#2 Each 32:25; Salm 106:13; Ròm 1:21?
18Cha d’fhuaireadh a thill a thoirt glòire do Dhia, ach an coigreach seo.
19Agus thubhairt e ris, Eirich, imich; shlànaich do chreideamh thu#Mat 9:22.
20Agus nuair a dh’fheòraich na Pharasaich dheth cuin a thigeadh rìoghachd Dhè, fhreagair e iad agus thubhairt e, Cha tig rìoghachd Dhè air chor gum mothaichear i.
21Cha mhò a their iad, Feuch an seo, no, Feuch an sin: oir feuch, tha rìoghachd Dhè an taobh a‑staigh dhibh#17:21 nur measg..
22Agus thubhairt e ris na deisciobail, Thig na làithean anns am miannach leibh aon de làithean Mac an Duine fhaicinn, agus chan fhaic sibh e#Mat 9:15; Eòin 7:33‐36.
23Agus their iad ribh, Feuch an seo#Mat 24:23, etc.; Marc 13:21, no, Feuch an siud: na rachaibh, agus na leanaibh iad.
24Oir mar a tha an dealanach a dhealraicheas o aon ionad fo nèamh, a’ soillseachadh gus an t‑ionad eile fo nèamh, mar sin bidh Mac an Duine mar an ceudna na là fhèin.
25Ach is èiginn dha air tùs mòran de nithean fhulang#Lùc 9:22; Marc 8:31, agus a bhith air a dhiùltadh leis a’ ghinealach seo.
26Agus mar a bha e ann an làithean Noe#Gen 7:11, 23, mar sin mar an ceudna bidh e ann an làithean Mac an Duine:
27Bha iad ag ithe agus ag òl, a’ pòsadh agus air an toirt ann am pòsadh, gus an là anns an deachaidh Noe a‑steach don àirc: agus thàinig an dìle, agus sgrios i iad uile.
28Amhail fòs mar a thachair ann an làithean Lot#Gen 19:23, 24; bha iad ag ithe agus ag òl, a’ ceannach agus a’ reic, a’ planndachadh agus a’ togail aitreibh:
29Ach air an là sin fhèin anns an deachaidh Lot a‑mach à Sòdom, fhrasadh teine agus pronnasg o nèamh, agus sgrios e iad uile.
30Is ann mar sin a bhios anns an là anns am foillsichear Mac an Duine#2 Tes 1:7.
31Anns an là sin, an tì a bhios air mullach an taighe, agus a àirneis anns an taigh, na tigeadh e a‑nuas gu a toirt leis: agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh esan air ais mar an ceudna.
32Cuimhnichibh bean Lot#Gen 19:26.
33Ge bè neach a dh’iarras a bheatha fhèin a thèarnadh, caillidh e i#Mat 16:25; Marc 8:35; Eòin 12:25; agus ge bè neach a chailleas a bheatha, gleidhidh esan i.
34Tha mi ag ràdh ribh, anns an oidhche sin bidh dithis dhaoine anns an aon leabaidh#Mat 24:40, 41; gabhar aon dhiubh, agus fàgar am fear eile.
35Bidh dithis bhan a’ bleith cuideachd; gabhar aon dhiubh agus fàgar a’ bhean eile.
36Bidh dithis dhaoine anns a’ mhachair; gabhar aon dhiubh agus fàgar am fear eile.
37Agus fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Càit, a Thighearna? Agus thubhairt esan riu, Ge bè àite anns am bi an corp, an sin cruinnichear na h‑iolairean#Iob 39:30; Mat 24:28.
अहिले सेलेक्ट गरिएको:
Lùcas 17: ABIG
हाइलाइट
शेयर गर्नुहोस्
कपी गर्नुहोस्
तपाईंका हाइलाइटहरू तपाईंका सबै यन्त्रहरूमा सुरक्षित गर्न चाहनुहुन्छ? साइन अप वा साइन इन गर्नुहोस्
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017