Eòin 8
8
1 Thug Crìosd a’ bhean a ghlacadh ann an adhaltranas as saor. 12 Shearmonaich e gur e e fhèin solas an t‑saoghail, agus dhearbh e gu bheil a theagasg ceart. 33 Fhreagair e na h‑Iùdhaich a bha a’ dèanamh uaill à Abrahàm.
1Ach chaidh Iosa a‑chum Sliabh nan Crann‐ola:
2Agus gu moch air mhadainn thàinig e a‑rìs don teampall, agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh; agus air suidhe dha, theagaisg e iad.
3Agus thug na sgrìobhaichean agus na Pharasaich bean da ionnsaigh a ghlacadh ann an adhaltranas; agus air dhaibh a cur anns a’ mheadhon,
4Thubhairt iad ris, A Mhaighistir, ghlacadh a’ bhean seo anns an dearbh ghnìomh, a’ dèanamh adhaltranais.
5A‑nis dh’àithn Maois dhuinn anns an lagh a leithid‐se a chlachadh#Lebh 20:10: ciod mas eadh a tha thusa ag ràdh?
6Thubhairt iad seo ga dhearbhadh, a‑chum gum biodh aca cùis‐chasaid na aghaidh. Ach chrom Iosa sìos, agus sgrìobh e le a mheur air an làr (mar nach biodh e gan cluinntinn).
7Mar sin air dhaibh buanachadh a’ feòraich dheth, thog e e fhèin suas agus thubhairt e riu, An neach a tha gun pheacadh agaibhse#Deut 17:7; Ròm 2:1, 22, tilgeadh e a’ chiad chlach oirre.
8Agus chrom e sìos a‑rìs agus sgrìobh e air an làr.
9Agus nuair a chuala iadsan seo (air dhaibh a bhith air an agairt len cogais fhèin#Ròm 2:15, 22), chaidh iad a‑mach an dèidh a chèile, a’ tòiseachadh aig an dream a bu shine, gus an dream mu dheireadh: agus dh’fhàgadh na aonar Iosa, agus a’ bhean na seasamh anns a’ mheadhon.
10Agus nuair a dh’èirich Iosa suas, agus nach faca e aon air bith ach a’ bhean, thubhairt e rithe, A bhean, càit a bheil iad siud do luchd‐casaid? An do dhìt duine air bith thu?
11Thubhairt ise, Cha do dhìt aon duine, a Thighearna. Agus thubhairt Iosa rithe, Cha mhò a tha mise gad dhìteadh#Eòin 3:17: imich romhad, agus na peacaich nas mò#Eòin 5:14.
12An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail#Eòin 1:4; 9:5: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas#Eòin 12:35, 46, ach bidh solas na beatha aige.
13Uime sin thubhairt na Pharasaich ris, Tha thu a’ toirt fianais mud thimcheall fhèin#Eòin 5:31; chan eil d’fhianais fìor.
14Fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Ged a tha mi a’ toirt fianais mum thimcheall fhèin, gidheadh tha m’fhianais fìor: oir tha fhios agam cia as a thàinig mi, agus càit a bheil mi a’ dol; ach chan eil fhios agaibhse cia as a thàinig mi, no càit a bheil mi a’ dol#Eòin 7:28; 9:20, 30.
15Tha sibhse a’ toirt breith a rèir na feòla; chan eil mise a’ toirt breith air duine sam bith#Eòin 3:17; 12:47.
16Agus gidheadh ma bheir mise breith, tha mo bhreith fìrinneach#1 Sam 16:7; Salm 45:6, 7; 72:2: oir chan eil mi am aonar#Eòin 8:29; Eòin 16:32, ach mise agus an t‑Athair a chuir uaithe mi.
17Agus tha e sgrìobhte nur lagh fhèin gu bheil fianais dithis dhaoine fìor#Deut 17:6; 19:15.
18Is aon mise a tha a’ dèanamh fianais mum thimcheall fhèin, agus tha an t‑Athair, a chuir uaithe mi, a’ dèanamh fianais mum thimcheall#Eòin 5:37.
19An sin thubhairt iad ris, Càit a bheil d’Athair? Fhreagair Iosa, Chan aithne dhuibhse aon chuid mise no m’Athair#Eòin 8:55; Eòin 16:3; 17:25: nam biodh eòlas agaibh ormsa, bhiodh eòlas agaibh air m’Athair mar an ceudna#Eòin 14:7, 9.
20Labhair Iosa na briathran seo ann an taigh‐coimhead an ionmhais#Marc 12:41, a’ teagasg dha anns an teampall: agus cha do chuir duine air bith làmh ann; oir cha robh a uair fhathast air teachd#Eòin 7:30.
21An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Tha mise a’ falbh, agus iarraidh sibh mi#Eòin 7:34, agus bàsaichidh sibh nur peacadh#Iob 20:11; Salm 73:18‐20; Gnà 14:32; Isa 65:20; Eph 2:1; chan urrainn sibhse teachd don àite dom bheil mise a’ dol#Lùc 16:26.
22An sin thubhairt na h‑Iùdhaich, Am marbh e e fhèin? Do bhrìgh gu bheil e ag ràdh, Far a bheil mise a’ dol, chan urrainn sibhse teachd.
23Agus thubhairt e riu, Tha sibhse o shìos, tha mise o shuas: tha sibhse den t‑saoghal seo, chan eil mise den t‑saoghal seo.
24Uime sin thubhairt mi ribh gum bàsaich sibh nur peacaidhean: oir mura creid sibh gur mise e#Marc 16:16, gheibh sibh bàs nur peacaidhean.
25An sin thubhairt iad ris, Cò thusa? Agus thubhairt Iosa riu, An neach sin fhèin a thubhairt mi ribh o thùs.
26Tha mòran agam ri ràdh agus ri bhreithneachadh mur timcheall‐se: ach tha an tì a chuir uaithe mi fìrinneach; agus tha mise a’ labhairt ris an t‑saoghal nan nithean a chuala mi uaithesan#Eòin 3:32; 15:15.
27Cha do thuig iad gum b’ann mu thimcheall an Athar a labhair e riu.
28An sin thubhairt Iosa riu, Nuair a thogas sibh suas Mac an Duine#Eòin 3:14; 12:32, an sin bidh fhios agaibh gur mise e, agus nach eil mi a’ dèanamh nì sam bith uam fhèin; ach mar a theagaisg m’Athair mi, gu bheil mi a’ labhairt nan nithean seo.
29Agus tha an tì a chuir uaithe mi maille rium: cha d’fhàg an t‑Athair am aonar mi, do bhrìgh gu bheil mi a’ dèanamh a‑ghnàth nan nithean sin as taitneach leis.
30Nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo, chreid mòran ann#Eòin 10:42.
31An sin thubhairt Iosa ris an h‑Iùdhaich a chreid ann, Ma bhuanaicheas sibh ann am fhacal‐sa#Col 1:23; Eabh 10:38, 39, bidh sibh da‑rìribh nur deisciobail agam;
32Agus bidh eòlas agaibh air an fhìrinn#Hos 6:3, agus nì an fhìrinn saor sibh#Ròm 6:14, 18, 22; Seum 1:25; 2:12.
33Fhreagair iad e, Is sinne sliochd Abrahàim, agus cha robh sinn riamh fo dhaorsa aig duine sam bith: cionnas a tha thusa ag ràdh, bidh sibh saor?
34Fhreagair Iosa iad, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè a nì peacadh, is seirbhiseach don pheacadh e#Ròm 6:16, 20; 2 Pead 2:19.
35Agus chan fhan an seirbhiseach anns an taigh gu bràth#Gal 4:30: ach fanaidh am mac gu bràth.
36Uime sin ma nì am Mac saor sibh#Ròm 8:2; Gal 5:1, bidh sibh saor da‑rìribh.
37Tha fhios agam gur sibh sliochd Abrahàim; ach tha sibh ag iarraidh mise a mharbhadh, do bhrìgh nach eil àite aig m’fhacal annaibh.
38Tha mise a’ labhairt an nì sin a chunnaic mi aig m’Athair#Eòin 14:10, 24; agus tha sibhse a’ dèanamh an nì a chunnaic sibh aig ur n‑athair fhèin,
39Fhreagair iadsan agus thubhairt iad ris, Is e Abrahàm ar n‑athair‐ne#Mat 3:9. Thubhairt Iosa riu, Nam bu chlann do Abrahàm sibh, dhèanadh sibh obraichean Abrahàim#Ròm 2:28, 29; 9:7.
40Ach a‑nis tha sibh ag iarraidh mise a mharbhadh, duine a dh’innis dhuibh an fhìrinn, a chuala mi o Dhia: cha do rinn Abrahàm seo#Ròm 4:12.
41Tha sibhse a’ dèanamh obraichean ur n‑athar fhèin. An sin thubhairt iad ris, Cha do rugadh ann an strìopachas sinne; tha aon Athair againn, eadhon Dia#Ecs 4:22; Isa 63:16.
42An sin thubhairt Iosa riu, Nam bè Dia ur n‑athair, ghràdhaicheadh sibh mise#Mal 1:6; 1 Eòin 5:1: oir chaidh mise a‑mach, agus thàinig mi o Dhia; agus cha tàinig mi uam fhèin, ach chuir esan uaithe mi#Eòin 17:8, 25.
43Carson nach eil sibh a’ tuigsinn mo chòmhraidh? Do bhrìgh nach urrainn sibh èisdeachd rim fhacal#Isa 6:9; Ier 6:10.
44Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal#Mat 13:38; 1 Eòin 3:8, agus is iad ana‐miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn#Iùd 6, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige.
45Agus do bhrìgh gu bheil mise ag innse na fìrinn#Gal 4:16; 2 Tes 2:10, chan eil sibh gam chreidsinn.
46Cò agaibhse a chuireas peacadh as mo leth‐sa#Eabh 4:15? Agus ma tha mi ag innse na fìrinn, carson nach eil sibh gam chreidsinn?
47An tì a tha o Dhia, èisdidh e ri briathran Dhè: uime sin chan eil sibhse ag èisdeachd, a chionn nach ann o Dhia a tha sibh.
48An sin fhreagair na h‑Iùdhaich, agus thubhairt iad ris, Nach math a thubhairt sinn gur Samaritanach thu, agus gu bheil deamhan agad#Eòin 7:20?
49Fhreagair Iosa, Chan eil deamhan agam; ach tha mi a’ toirt urraim dom Athair, agus tha sibhse a’ toirt eas‐urraim dhòmhsa.
50Agus chan eil mi ag iarraidh mo ghlòire fhèin#Eòin 5:41: tha neach a tha ag iarraidh agus a’ toirt breith.
51Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ma choimheadas neach m’fhacal‐sa, chan fhaic e bàs am feasd#Eòin 5:24; 11:26.
52An sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris, A‑nis tha fhios againn gu bheil deamhan agad. Fhuair Abrahàm bàs, agus na fàidhean; gidheadh tha thusa ag ràdh, Ma choimheadas duine m’fhacal‐sa, cha bhlais e bàs am feasd.
53Am mò thusa na ar n‑athair Abrahàm, a fhuair bàs? Agus fhuair na fàidhean bàs: cò a tha thu a’ dèanamh dhìot fhèin?
54Fhreagair Iosa, Ma tha mi a’ toirt glòire dhomh fhèin, chan eil ach neoni ann am ghlòir#Eòin 5:31, 41: is e m’Athair a tha a’ toirt glòire dhomh#Eòin 17:1; Gnìo 3:13, neach a tha sibhse ag ràdh gur e ur Dia e:
55Gidheadh cha do ghabh sibh eòlas air; ach tha eòlas agamsa air: agus nan abrainn nach aithne dhomh e, bhithinn cosmhail ribhse ann am bhreugaire: ach is aithne dhomh e, agus tha mi a’ coimhead a fhacail.
56Bha dèidh mhòr aig Abrahàm ur n‑athair‐se air mo là‑sa fhaicinn: agus chunnaic e e#Ròm 4:18‐22; Eabh 11:13, agus rinn e gàirdeachas.
57An sin thubhairt na h‑Iùdhaich ris, Chan eil thu fhathast leth‐cheud bliadhna a dh’aois, agus am faca tu Abrahàm?
58Thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Mun robh Abrahàm ann, tha mise#Eòin 1:1, 2; Ecs 3:14; Isa 43:13; Col 1:17; Tais 1:8.
59An sin thog iadsan clachan a‑chum an tilgeadh air: ach dh’fhalaich Iosa e fhèin, agus chaidh e a‑mach as an teampall, a’ dol tro am meadhon, agus mar sin chaidh e seachad.
अहिले सेलेक्ट गरिएको:
Eòin 8: ABIG
हाइलाइट
शेयर गर्नुहोस्
कपी गर्नुहोस्
तपाईंका हाइलाइटहरू तपाईंका सबै यन्त्रहरूमा सुरक्षित गर्न चाहनुहुन्छ? साइन अप वा साइन इन गर्नुहोस्
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017