YouVersion လိုဂို
ရွာရန္ အိုင္ကြန္

Sailm Dhaibhidh 24

24
Salm 24
1'S le Dia an talamh, is a làn:
an domhan, 's na bheil ann.
2Oir shocraich e air cuantan e,
air sruthan leag gu teann.
3Cò e am fear sin a thèid suas
gu tulaich naomha Dhè?
Is fòs na ionad naomha-san,
cò sheasas ann gu rèidh?
4An tì ga bheil na làmhan glan',
is cridhe neochiontach;
'Anam nìor thog ri dìomhanas,
's nìor lùgh mionn ìoganach.
5An tì sin beannachadh o Dhia
gheibh e gu saoibhir pailt,
Is ionracas faraon on Dia
's bun slàinte dha na airc.
6'S i sin a' ghinealach 's an dream
a dh'iarras e gu mòr;
Tha 'g iarraidh d'aghaidh is do ghnùis,
O Iàcoib, mar as còir.
7Togaibh, O gheatachan, ur cinn,
is èiribh suas gu h‑àrd,
O dhorsan sìorraidh; Rìgh na glòir'
gun tigeadh e ga àit.
8Cò e sin fhèin Ard-Rìgh na glòir'?
an Tighearn làidir treun,
Iehòbhah neartmhor, cruaidh an cath,
bheir buaidh a‑mach dha fhèin.
9Togaibh, O gheatachan, ur cinn,
is èiribh suas gu h‑àrd,
O dhorsan sìorraidh: Rìgh na glòir'
gun tigeadh e ga àit.
10Cò e sin fhèin Ard-Rìgh na glòir'?
Iehòbhah mòr nan slògh,
'S e fhèin as Rìgh na glòir' a th'ann,
gun choimeas idir dha.

လက္ရွိေရြးခ်ယ္ထားမွု

Sailm Dhaibhidh 24: SD1992

အေရာင္မွတ္ခ်က္

မၽွေဝရန္

ကူးယူ

None

မိမိစက္ကိရိယာအားလုံးတြင္ မိမိအေရာင္ခ်ယ္ေသာအရာမ်ားကို သိမ္းဆည္းထားလိုပါသလား။ စာရင္းသြင္းပါ (သို႔) အေကာင့္ဝင္လိုက္ပါ