Lùcas 8

8
Cosamhlachd an Fhir‑Cuir
1Às dèidh sin shiubhail e air adhart tro gach baile mòr is gach baile beag a' searmonachadh agus ag aithris deagh sgeul rìoghachd Dhè. Agus bha an dà fhear dheug còmhla ris, 2agus cuideachd boireannaich àraidh a chaidh a leigheas o dhroch spioradan agus o bhochdainnean: Màiri, ris an canar Magdalen, às an deach seachd deamhain a‑mach, 3agus Ioanna bean Chusa, stiùbhard Heroid, agus Susanna, agus mòran eile, a fhritheil dhaibh a‑mach às an cuid fhèin.
4Agus nuair a bha sluagh mòr a' cruinneachadh, is a thàinig iad às gach baile thuige, thuirt e ann an cosamhlachd: 5“Chaidh fear‑cuir sìl a‑mach a chur. Agus fhad 's a bha e a' cur, thuit cuid ri taobh an rathaid agus chaidh stampadh air, agus dh'ith eòin an adhair e. 6Thuit cuid air creig, agus nuair a bha e air fàs, shearg e, air sgàth 's nach robh fliuichead aige. 7Thuit cuid eile am measg dhroigheann, agus dh'fhàs na droighinn còmhla ris, agus thachd iad e. 8Agus thuit cuid eile air talamh math, agus dh'fhàs e, agus thug e toradh a‑mach, a cheud uiread.”
A' cantainn nan rudan seo, dh'èigh e, “Ge b' e cò aig a bheil cluasan airson cluinntinn, cluinneadh e.”
9Dh'fhaighnich a dheisciobail dha dè a bh' anns a' chosamhlachd seo. 10Thuirt e, “Chaidh a thoirt dhuibhse eòlas a bhith agaibh air dìomhaireachdan rìoghachd Dhè, ach dhan a' chòrr tha iad sin ann an cosamhlachdan, airson 's,
‘a' faicinn, nach fhaiceadh iad;
agus a' cluinntinn, nach tuigeadh iad.’
11“Is e seo ciall na cosamhlachd: is e an sìol facal Dhè. 12Is iadsan a tha ri taobh an rathaid an fheadhainn a tha air cluinntinn. Ach an uair sin tha an diabhal a' tighinn agus tha e a' toirt air falbh an fhacail às an cridheachan, airson 's nach creideadh iad 's gum biodh iad air an saoradh. 13Agus is iadsan a tha air a' chreig an fheadhainn, nuair a dh'èisteas iad ris an fhacal, a ghabhas thuca e le gàirdeachas, ach chan eil freumh aca seo. Creididh iad airson greis agus ann an àm buairidh tuitidh iad air falbh. 14Agus a thaobh an t‑sìl a thuit am measg dhroigheann, is iad sin an fheadhainn a dh'èisteas, ach fhad 's a thèid iad air an slighe, tha iad air an tachdadh le cùraman agus le beairteas agus le toileachais na beatha, agus chan eil iad a' toirt a‑mach toradh abaich. 15Agus a thaobh an t‑sìl a thuit air an talamh mhath, is iadsan an fheadhainn, às dèidh dhaibh am facal a chluinntinn, a tha ga chumail nan cridhe onarach agus math, agus a bheir a‑mach toradh le foighidinn.
Lampa air Lampair
16“Chan eil neach sam bith a' lasadh lampa agus ga falach le soitheach no ga cur fo leabaidh. An àite sin cuiridh e air lampair i, airson 's gum faic iadsan a thig a‑steach an solas. 17Oir chan eil rud sam bith falaichte nach tèid a dhèanamh follaiseach, no dìomhair nach bi aithnichte 's a' tighinn am follais. 18Mar sin thoiribh an aire ciamar a dh'èisteas sibh, oir ge b' e neach aig a bheil, thèid toirt dha, agus ge b' e neach aig nach eil, thèid fiù 's an rud sin a shaoileas e a th' aige a thoirt uaithe.”
Màthair agus Bràithrean Ìosa
19An uair sin thàinig a mhàthair agus a bhràithrean thuige, ach cha b' urrainn dhaibh faighinn thuige air sgàth an t‑sluaigh. 20Agus chaidh innse dha: “Tha do mhàthair agus do bhràithrean nan seasamh a‑muigh, ag iarraidh d' fhaicinn.”
21Ach fhreagair esan iad, “Is iad mo mhàthair agus mo bhràithrean iadsan a chluinneas facal Dhè agus a tha ga dhèanamh.”
Ìosa a' Socrachadh an Stoirm
22Aon latha chaidh e a‑steach do dh'eathar còmhla ri a dheisciobail, agus thuirt e riutha, “Rachamaid thairis gu taobh thall an locha.” Agus chuir iad a‑mach o thìr. 23Ach fhad 's a sheòl iad, thuit esan na chadal. Agus thàinig sgal gaoithe a‑nuas air an loch, agus bha an t‑eathar ga lìonadh le uisge, agus bha iad ann an cunnart mòr.
24Agus chaidh iad agus dhùisg iad e, ag ràdh, “A Mhaighstir, a Mhaighstir, tha sinn gu bhith caillte!”
Agus dhùisg esan, agus chronaich e a' ghaoth agus boile nan tonn, agus sguir iad, agus bha ciùine ann. 25Thuirt e riutha, “Càit a bheil ur creideamh?”
Agus bha iad fo eagal, is ghabh iad iongnadh, ag ràdh ri chèile, “Cò mar sin a tha seo, 's gu bheil e fiù 's a' toirt àithne dha na gaothan 's dhan uisge, agus tha iad umhail dha.”
Leigheas Duine anns an Robh Deamhain
26An uair sin sheòl iad gu dùthaich nan Gerasèanach, a tha thall mu choinneamh Ghalile. 27Nuair a bha Ìosa air a dhol a‑mach air tìr, choinnich duine às a' bhaile ris, anns an robh deamhain. Airson ùine mhòir cha robh e air aodach a chur air, agus cha robh e air fuireach ann an taigh, ach am measg nan tuam. 28Nuair a chunnaic e Ìosa, dh'èigh e a‑mach agus thuit e sìos ma choinneamh agus thuirt e le guth àrd, “Dè mo ghnothach riutsa, Ìosa, a Mhic an Dè as ro àirde? Tha mi a' guidhe ort gun mo chur fo àmhghar.” 29Oir bha e air àithne a thoirt dhan spiorad neòghlan tighinn a‑mach às an duine. Oir bha e air greimeachadh air gu tric; agus bhiodh e air a chumail fo fhaire agus air a cheangal le slabhraidhean is sèinichean‑coise, ach bhriseadh e na cuibhrichean agus bhiodh e air a ruagadh leis an deamhan do dh'àiteachan fàsail.
30Dh'fhaighnich Ìosa an uair sin dha, “Dè an t‑ainm a th' ort?”
Agus thuirt e, “Lègion,” oir bha mòran dheamhan air a dhol a‑steach ann. 31Agus ghuidh iad air gun àithne a thoirt dhaibh falbh sìos dhan doimhneachd.
32Bha treud lìonmhor mhuc an sin ag ionaltradh air a' bheinn, agus ghuidh iad air cead a thoirt dhaibh a dhol a‑steach annta, agus thug e cead dhaibh. 33Thàinig na deamhain a‑mach às an duine agus chaidh iad a‑steach dha na mucan, agus ruith an treud mhuc sìos an leathad cas dhan loch agus chaidh am bàthadh.
34Agus nuair a chunnaic iadsan a bha gam biathadh an rud a thachair, theich iad agus dh'aithris iad e anns a' bhaile agus anns an dùthaich. 35An uair sin chaidh iadsan a‑mach a dh'fhaicinn an rud a bha air tachairt, agus thàinig iad gu Ìosa, agus fhuair iad an duine às an deach na deamhain na shuidhe aig casan Ìosa, air èideadh agus ceart sa cheann; agus bha an t‑eagal orra. 36Agus dh'innis iadsan a chunnaic e mar a chaidh an duine anns an robh na deamhain a shlànachadh. 37An uair sin dh'iarr uile shluagh na dùthcha mun cuairt nan Gerasèanach airsan falbh uapa, oir chaidh an glacadh le eagal mòr. Mar sin chaidh e do dh'eathar agus thill e air ais.
38Ghuidh an duine às an deach na deamhain air Ìosa gum faodadh e a bhith còmhla ris, ach chuir Ìosa air falbh e, ag ràdh, 39“Till dhad dhachaigh fhèin agus innis na rinn Dia dhut.” Agus dh'fhalbh e tron bhaile gu lèir a' cur an cèill na rinn Ìosa dha.
Nighean Mharbh agus Boireannach Tinn
40A‑nis, nuair a thill Ìosa, chuir an sluagh fàilte air, oir bha iad uile ga fheitheamh. 41Agus thàinig duine leis an ainm Iàirus, a bha na riaghladair air an t‑sionagog. Agus a' tuiteam aig casan Ìosa, ghuidh e air gun tigeadh e dhan taigh aige, 42oir bha an aon nighean a bh' aige, a bha mu dhà bhliadhna dheug, a' bàsachadh.
Fhad 's a bha e air a shlighe, bha an sluagh ga bhruthadh. 43Agus bha boireannach ann a bha a' fulang sruth fala dà bhliadhna dheug, agus ged a chosg i na bh' aice air lighichean, cha b' urrainn dhi a bhith air a leigheas le neach sam bith. 44Thàinig i suas air a chùlaibh agus bhean i ri iomall aodaich agus sguir an sruth fala sa bhad.
45Agus thuirt Ìosa, “Cò a bhean rium?”
Nuair a dh'àich iad uile e, thuirt Peadar, “A Mhaighstir, tha an sluagh gad chuartachadh agus gad bhruthadh.”
46Ach thuirt Ìosa, “Bhean cuideigin rium, oir is aithne dhòmhsa gu bheil cumhachd air a dhol asam.”
47Nuair a chunnaic am boireannach nach b' urrainn dhi fuireach air falach, thàinig i, air chrith, agus a' tuiteam ma choinneamh, dh'innis i ann an làthair an t‑sluaigh gu lèir carson a bha i air beantainn ris, agus mar a chaidh a slànachadh sa bhad. 48Agus thuirt esan rithe, “A nighean, shlànaich do chreideamh thu. Thalla ann an sìth.”
49Fhad 's a bha e fhathast a' bruidhinn, thàinig neach o thaigh riaghladair an t‑sionagoig, ag ràdh, “Tha do nighean marbh; na cuir dragh air an Fhear‑Teagaisg tuilleadh.”
50Ach nuair a chuala Ìosa seo fhreagair e e, “Na bi fo eagal, dìreach creid, agus bidh i air a slànachadh.”
51Nuair a ràinig e an taigh, cha do leig e le neach sam bith a dhol a‑steach còmhla ris ach Peadar, Eòin, Seumas agus athair is màthair an leanaibh. 52Agus bha iad uile a' caoineadh agus a' caoidh air a son, ach thuirt esan, “Na caoinibh: cha do bhàsaich i; tha i na cadal.”
53Agus rinn iadsan gàire magaidh air, a chionn 's gun robh fios aca gun robh i marbh. 54Ach, ga gabhail mun làimh, dh'èigh e, ag ràdh, “A nighean, èirich!” 55Agus thill an spiorad aice, agus dh'èirich i sa bhad, is dh'òrdaich e dhaibh biadh a thoirt dhi. 56Agus bha a pàrantan fo iongnadh mòr, ach dh'àithn esan dhaibh gun innse do neach sam bith dè a bh' air tachairt.

നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:

Lùcas 8: ATN

ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക

പങ്ക് വെക്കു

പകർത്തുക

None

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക