Lùcas 21
21
Tabhartas na Banntraich
1Nuair a sheall e suas, chunnaic Ìosa na daoine beairteach a' tilgeil an tiodhlacan dhan chiste‑ionmhais. 2Is chunnaic e cuideachd banntrach bhochd a' tilgeil dà bhonn bheag innte. 3Agus thuirt e, “Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun do thilg a' bhanntrach bhochd seo barrachd innte na iad uile. 4Oir thilg iad seo uile às am mòr‑phailteas, ach thilg ise às a gainne fhèin am bith‑beò a bh' aice gu lèir.”
Sgrios an Teampaill agus Comharran Deireadh na Linn
5Fhad 's a bha cuid a' bruidhinn air mar a bha an teampall air a sgeadachadh le clachan brèagha agus le tiodhlacan coisrigte, thuirt Ìosa, 6“A thaobh nan rudan seo a chì sibh, thig na làithean anns nach tèid clach fhàgail air muin cloiche dhiubh nach tèid a thilgeil sìos.”
7An uair sin dh'fhaighnich iad dha, “Fhir‑Teagaisg, cuin ma‑thà a bhios na rudan seo ann? Agus dè an comharra a bhios ann nuair a bhios na rudan seo gus tachairt?”
8Agus thuirt esan, “Thoiribh an aire nach tèid ur mealladh, oir thig mòran nam ainm‑sa, ag ràdh, ‘Is mise Esan!’ agus ‘Tha an t‑àm faisg air làimh!’ Na leanaibh iad. 9Agus nuair a chluinneas sibh mu chogaidhean, agus mu cheannaircean, na biodh oillt oirbh, oir feumaidh na rudan seo tachairt an toiseach, ach cha bhi a' chrìoch ann sa bhad.”
10An uair sin thuirt e riutha, “Èiridh nàisean an aghaidh nàisein, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd. 11Bidh crithean‑talmhainn mòra ann, agus goirtean agus plàighean ann an iomadh àite, agus seallaidhean oillteil agus comharraidhean mòra o nèamh.
12“Ach roimhe seo uile, cuiridh iad an làmhan oirbhse agus geur‑leanaidh iad sibh, gur toirt thairis dha na sionagogan agus na prìosain, agus thèid ur toirt mu choinneamh rìghrean agus riaghladairean air sgàth m' ainme‑sa. 13Bidh seo na chothrom fianaiseachaidh dhuibh. 14Mar sin suidhichibh nur n‑inntinnean nach ullaich sibh ro‑làimh ciamar a fhreagras sibh. 15Oir bheir mise dhuibh beul agus gliocas, nach bi gin dhiubhsan a tha nan nàimhdean dhuibh comasach air seasamh nan aghaidh no an àicheadh. 16Thèid ur brathadh fiù 's le ur pàrantan, ur bràithrean, ur càirdean agus ur caraidean, agus cuiridh iad cuid agaibh gu bàs. 17Fuathaichidh gach neach sibh air sgàth m' ainme‑sa. 18Ach cha tèid aon ròineag de dh'fhalt ur cinn a sgrios. 19Tro ur leanaltas sealbhaichidh sibh ur n‑anman.
20“Nuair a chì sibh Ierusalem air a cuartachadh le armailtean, an uair sin biodh fhios agaibh gu bheil a fàsachadh faisg air làimh. 21An uair sin teicheadh iadsan a th' ann an Iudèa gu na beanntan agus fàgadh iadsan a th' air taobh a‑staigh a' bhaile e, agus na rachadh iadsan a tha anns an dùthaich a‑steach ann, 22oir is iad sin làithean an dìoghaltais, airson a h‑uile rud a tha sgrìobhte a choileanadh. 23Nach truagh dhaibhsan a tha trom agus dhan fheadhainn a tha ag altram leanaban anns na làithean sin! Oir bidh àmhghar mòr air an talamh agus corraich an aghaidh an t‑sluaigh seo. 24Tuitidh iad le faobhar a' chlaidheimh, agus thèid an treòrachadh ann am braighdeanas a‑steach dha na nàiseanan gu lèir. Bidh Ierusalem air a saltairt sìos fo na Cinnich gus an tèid amannan nan Cinneach a choileanadh.
25“Agus bidh comharraidhean anns a' ghrèin, anns a' ghealaich agus anns na rionnagan, agus air an talamh fìor dhragh nàiseanan agus imcheist air sgàth beucadh a' chuain agus nan tonn. 26Thèid daoine ann an laigse le eagal agus le droch‑dhùil mu na tha a' tighinn air an t‑saoghal, oir bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh. 27Agus an uair sin chì iad Mac an Duine a' tighinn ann an sgòth, le cumhachd agus mòr‑ghlòir. 28Nuair a thòisicheas na rudan seo air tachairt, seasaibh suas agus togaibh ur cinn, oir tha ur saoradh a' tighinn faisg.”
29Agus dh'innis e cosamhlachd dhaibh: “Seallaibh air a' chraoibh‑fhìge, 's na craobhan gu lèir. 30Nuair a bhios iad air an duilleach a chur a‑mach, chì sibh air ur son fhèin agus tha fios agaibh gu bheil an samhradh mu thràth faisg air làimh. 31Mar sin leibhse cuideachd: nuair a chì sibh na rudan seo a' tachairt, biodh fios agaibh gu bheil rìoghachd Dhè faisg air làimh.
32“Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo seachad gus an tachair a h‑uile rud. 33Thèid nèamh agus talamh seachad, ach cha tèid mo bhriathran‑sa seachad idir.
34“Bithibh faiceallach, air eagal 's gum bi ur cridheachan air an draghadh sìos le geòcaireachd agus le misg, agus le cùraman na beatha seo, agus gun tig an latha sin oirbh gu luath mar ribe. 35Oir thig e air a h‑uile neach a tha a' fuireach air aghaidh na talmhainn gu lèir. 36Dèanaibh faire aig gach àm, a' dèanamh ùrnaigh airson 's gum bi an neart agaibh airson teicheadh on a h‑uile rud a tha a' dol a thachairt, agus airson seasamh mu choinneamh Mhic an Duine.”
37Gach latha bha e a' teagasg anns an teampall, ach air an oidhche dheigheadh e a‑mach agus dh'fhanadh e air a' bheinn ris an canar Beinn nan Crann‑Ola. 38Agus tràth gach madainn bhiodh an sluagh uile a' tighinn thuige anns an teampall airson èisteachd ris.
നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:
Lùcas 21: ATN
ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക
പങ്ക് വെക്കു
പകർത്തുക
നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024