Lùcas 2

2
Ìosa Crìosd ga Bhreith
1Anns na làithean sin chaidh òrdugh a‑mach o Chèasar Augustus an saoghal uile a bhith air a chlàradh. 2(B' e seo a' chiad chlàradh a chaidh a dhèanamh nuair a bha Cuirinius na riaghladair air Siria.) 3Agus chaidh iad uile gus a bhith air an clàradh, gach aon gu a bhaile fhèin.
4Chaidh Iòsaph cuideachd suas o Ghalile, à baile Nàsaret, gu Iudèa, gu baile Dhaibhidh, ris an canar Betlehem, a chionn 's gum buineadh e do theaghlach agus do shliochd Dhaibhidh, 5airson 's gum biodh e air a chlàradh còmhla ri Moire a bha fo ghealladh‑pòsaidh aige, agus i trom le leanabh. 6Agus thachair, nuair a bha iad an sin, gun tàinig an t‑àm airson 's gun toireadh i an leanabh a‑steach dhan t‑saoghal. 7Agus rug i a ciad‑ghin mic, agus phaisg i e ann an aodach‑suainidh, agus chuir i na laighe ann am prasaich e, a chionn 's nach robh àite anns an taigh‑òsta dhaibh.
Na Buachaillean agus na h‑Ainglean
8Agus anns an aon dùthaich bha buachaillean anns na h‑achaidhean is iad a' cumail faire na h‑oidhche air an treud aca. 9Agus nochd aingeal an Tighearna riutha, agus dheàlraich glòir an Tighearna mun cuairt orra, agus ghabh iad eagal mòr. 10Ach thuirt an t‑aingeal riutha, “Na biodh eagal oirbh: oir seallaibh, tha mi a' toirt deagh sgeul thugaibh, a bhios na mhòr‑aoibhneas dhuibhse agus dhan t‑sluagh gu lèir. 11Oir rugadh dhuibh an‑diugh, ann am baile Dhaibhidh, Slànaighear, agus is esan Crìosd an Tighearna. 12Agus bidh seo na chomharra dhuibh: gheibh sibh an leanabh paisgte ann an aodach‑suainidh, agus na laighe ann am prasaich.”
13Agus gu h‑aithghearr bha mòr‑shluagh de dh'armailt nèamhaidh còmhla ris an aingeal a' moladh Dhè agus ag ràdh:
14“Glòir do Dhia anns na h‑àrdan,
agus air talamh sìth am measg dhaoine leis a bheil e toilichte.”
15Nuair a dh'fhalbh na h‑ainglean bhuapa gu nèamh, thuirt na buachaillean ri chèile, “Rachamaid a‑nis gu Betlehem, agus faiceamaid an rud seo a th' air tachairt, a rinn an Tighearna follaiseach dhuinn.”
16Agus dh'fhalbh iad nan cabhaig agus fhuair iad Moire is Iòsaph, agus an leanabh na laighe anns a' phrasaich. 17Agus nuair a chunnaic iad sin, dh'aithris iad an rud a chaidh innse dhaibh mun phàiste seo. 18Agus ghabh iadsan uile a chuala seo iongnadh mu na rudan a bha na buachaillean air innse dhaibh. 19Ach ghlèidh Moire na rudan sin uile, a' meòrachadh orra na cridhe. 20Agus thill na buachaillean, a' glòrachadh agus a' moladh Dhè airson nan rudan sin uile a chuala agus a chunnaic iad, dìreach mar a chaidh innse dhaibh.
Ìosa air a Thairgsinn san Teampall
21Air an ochdamh latha, nuair a bha an t‑àm air tighinn airson a thimcheall‑ghearradh, chaidh Ìosa a thoirt air mar ainm, an t‑ainm a ghabh an t‑aingeal air mun deach a ghineadh anns a' bhroinn.
22Agus nuair a chaidh làithean an glanaidh a choileanadh, a rèir lagh Mhaois, thug iad esan suas gu Ierusalem airson a thairgsinn dhan Tighearna. 23(Mar sin tha e sgrìobhte ann an lagh an Tighearna, “Gach mac a dh'fhosglas a' bhrù, thèid naomh dhan Tighearna a ghabhail air”#Ecs. 13:2). 24Agus thairg iad ìobairt a rèir mar a tha e air a ràdh ann an lagh an Tighearna: “dà thurtar no dà chalman òg”.#Lebh. 12:8
25A‑nis, bha duine ann an Ierusalem air an robh an t‑ainm Simeon, agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, a' feitheamh ri sòlas Israeil: agus bha an Spiorad Naomh air. 26Agus chaidh fhoillseachadh dha leis an Spiorad Naomh nach fhaiceadh e bàs mus faiceadh e an Crìosd aig an Tighearna. 27Agus thàinig e anns an Spiorad dhan teampall. Agus nuair a thug na pàrantan am pàiste Ìosa a‑steach, airson 's gun dèanadh iad air a shon a rèir cleachdadh an lagha, 28ghabh esan na ghàirdeanan e, is bheannaich e Dia, agus thuirt e:
29“A Thighearna, a‑nis tha thu a' leigeil led sheirbheiseach siubhal ann an sìth,
a rèir d' fhacail.
30Oir chunnaic mo shùilean do shlàinte,
31a tha thu air ullachadh ann an làthair nan uile shluagh,
32solas taisbeanaidh dha na Cinnich,
agus airson glòir dha do shluagh Israel.”
33Agus ghabh Iòsaph agus a mhàthair mòr‑iongnadh mu na rudan a chaidh a ràdh mun phàiste. 34Agus bheannaich Simeon iad, agus thuirt e ri Moire a mhàthair, “Seall, chaidh am pàiste seo a shuidheachadh airson tuiteam is èirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharra a thèid cur na aghaidh 35– agus tollaidh claidheamh d' anam fhèin cuideachd – airson 's gun tèid smuaintean cridheachan mhòran fhoillseachadh.”
36Agus bha ban‑fhàidh ann, Anna, nighean Phanueil, de threubh Aseir. Bha i suas ann am bliadhnaichean. Bha i air fuireach seachd bliadhna còmhla ris an duine aice on àm a bha i na h‑òigh, 37agus an uair sin na banntraich gus an robh i ochdad 's a ceithir. Cha do dh'fhàg i an teampall, a' dèanamh seirbheis le trasgadh is ùrnaigh a latha 's a dh'oidhche. 38Agus aig an uair sin fhèin thàinig i suas agus thòisich i air moladh a thoirt do Dhia agus air bruidhinn ma dheidhinn riuthasan uile aig an robh sùil ri saorsa Ierusaleim.
An Tilleadh gu Nàsaret
39Agus nuair a choilean iad a h‑uile rud a rèir Lagh an Tighearna, thill iad a Ghalile, dham baile fhèin, Nàsaret. 40Dh'fhàs am pàiste is chaidh a neart am meud; bha e air a lìonadh le gliocas agus bha gràs Dhè air.
Am Balach Ìosa san Teampall
41A‑nis chaidh a phàrantan gu Ierusalem gach bliadhna, aig Fèill na Càisge. 42Agus nuair a bha e dà bhliadhna dheug a dh'aois, chaidh iad suas, a rèir cleachdadh na Fèille. 43Agus nuair a bha làithean na Fèille seachad, fhad 's a bha iad a' tilleadh, dh'fhan am balach ann an Ierusalem. Cha robh fios aig a phàrantan air. 44Ach a' saoilsinn gun robh e anns a' bhuidheann, chaidh iad astar latha, agus an uair sin sheall iad gu dìcheallach air a shon am measg an càirdean 's an luchd‑eòlais. 45Nuair nach d' fhuair iad e thill iad gu Ierusalem a' coimhead air a shon. 46Às dèidh trì latha fhuair iad e anns an teampall, na shuidhe am measg an luchd‑teagaisg, ag èisteachd riutha agus a' cur cheistean orra. 47Agus ghabh iadsan uile a chuala e iongnadh air sgàth a thuigse agus a fhreagairtean. 48Agus nuair a chunnaic a phàrantan e, bha iad fo iongnadh, agus thuirt a mhàthair ris, “A mhic, carson a rinn thu mar seo oirnn? Seall, bha d' athair agus mise fo àmhghar gad shireadh.”
49Agus thuirt esan riutha, “Carson a bha sibh gam shireadh? Nach robh fios agaibh gum feumainn‑sa a bhith ann an taigh m' Athar?” 50Ach cha do thuig iadsan an rud a thuirt e riutha.
51Agus chaidh e sìos còmhla riutha is thàinig e gu Nàsaret agus bha e umhail dhaibh. Ach ghlèidh a mhàthair na rudan sin uile na cridhe. 52Agus thàinig Ìosa air adhart ann an gliocas is ann an inbhe is ann an fàbhar le Dia is daoine.

നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:

Lùcas 2: ATN

ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക

പങ്ക് വെക്കു

പകർത്തുക

None

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക