Lùcas 13

13
Dèanaibh Aithreachas no Thèid ur Sgrios
1A‑nis bha cuid an làthair aig an dearbh àm sin a dh'innis do dh'Ìosa mu na Galilèich leis a bu leotha an fhuil a mheasgaich Pìlat len ìobairtean. 2Agus fhreagair e iad, “A bheil sibh a' smaoineachadh gun robh na Galilèich sin nam peacaich na bu mhotha na na Galilèich eile gu lèir, a chionn 's gun do dh'fhuiling iad anns an dòigh seo? 3Cha robh, tha mi ag ràdh ribh! Ach mura dèan sibh aithreachas, thèid sibhse uile a sgrios cuideachd. 4No na h‑ochd duine deug air an do thuit an tùr ann an Silòam agus a mharbhadh iad – a bheil sibh a' saoilsinn gun robh iadsan na bu chiontaiche na a h‑uile neach a bha a' fuireach ann an Ierusalem? 5Cha robh, tha mi ag ràdh ribh! Ach mura dèan sibh aithreachas thèid sibhse uile a sgrios cuideachd.”
6Agus dh'innis e a' chosamhlachd seo: “Bha craobh‑fhìge aig duine air a cur na ghàrradh‑fìona, agus thàinig e a' sireadh toraidh oirre, agus cha d' fhuair e sìon. 7Agus thuirt e ris a' ghàrradair, ‘Seall, o chionn trì bliadhna a‑nis tha mi air tighinn a shireadh toraidh air a' chraoibh‑fhìge seo, agus cha d' fhuair mi sìon. Geàrr sìos i! Carson a chaitheadh i mathas na talmhainn?’
8“Ach fhreagair esan e, ‘A thighearna, leig leatha airson na bliadhna seo cuideachd, gus an cladhaich mi timcheall oirre agus gun cuir mi innear oirre. 9Ma bheir i a‑mach toradh an ath‑bhliadhna, glè mhath. Mura toir, gearraidh tu sìos i.’”
Bana‑Chrioplach air a Leigheas air an t‑Sàbaid
10A‑nis bha Ìosa a' teagasg ann an aon dhe na sionagogan air an t‑Sàbaid. 11Agus bha boireannach an sin aig an robh spiorad laigse fad ochd bliadhna deug. Bha i crùbte sìos oirre fhèin agus cha b' urrainn dhi i fhèin a dhèanamh uile‑gu‑lèir dìreach. 12Nuair a chunnaic Ìosa i, ghairm e oirre agus thuirt e rithe, “A bhoireannaich, tha thu air do shaoradh od laigse.” 13Agus chuir e a làmhan oirre, agus anns a' bhad chaidh a dèanamh dìreach agus thug i glòir do Dhia.
14Ach, làn feirge a chionn 's gun do rinn Ìosa leigheas air an t‑Sàbaid, thuirt riaghladair an t‑sionagoig ris an t‑sluagh, “Tha sia latha ann anns am bu chòir obair a bhith air a dèanamh. Mar sin thigibh agus bithibh air ur leigheas air na làithean sin, ach chan ann air latha na Sàbaid.”
15An uair sin fhreagair an Tighearna e, “A bhreug‑chràbhaichean! Nach fuasgail gach aon agaibh an damh no an t‑asal aige on phrasaich air latha na Sàbaid agus nach toir e a‑mach airson deoch e? 16Agus nach bu chòir am boireannach seo, a tha na nighinn do dh'Abrahàm, a cheangail Sàtan airson ochd bliadhna deug a‑nis, a bhith air a fuasgladh on cheangal seo air latha na Sàbaid?”
17Nuair a thuirt e sin, chaidh a nàimhdean uile a chur gu nàire, ach rinn an sluagh uile gàirdeachas air sgàth nan uile rudan glòrmhor a chaidh a dhèanamh leis.
Cosamhlachdan an t‑Sìl Mustaird is na Taois Ghoirt
18An uair sin thuirt e, “Cò ris a tha rìoghachd Dhè coltach, agus cò ris a shamhlaicheas mi i? 19Tha i coltach ri gràinne mustaird a ghabh duine agus a chuir e na ghàrradh. Dh'fhàs e gus a bhith na chraoibh, agus rinn eòin an adhair neadan na geugan.”
20Agus a‑rithist thuirt e, “Cò ris a shamhlaicheas mi rìoghachd Dhè? 21Tha i coltach ri taois ghoirt a ghabh boireannach agus a dh'fhalaich i ann an trì tomhasan mine, gus an do dh'èirich a' mhin gu lèir.”
An Doras Cumhang
22An uair sin chaidh e tro na bailtean mòra is na bailtean beaga, a' teagasg agus a' dèanamh a shlighe gu Ierusalem. 23Dh'fhaighnich cuideigin dha, “A Thighearna, an e beagan a bhios air an sàbhaladh?”
Thuirt e riutha, 24“Dèanaibh spàirn chruaidh airson a dhol a‑steach tron doras chumhang. Oir tha mi ag innse dhuibh gum feuch mòran ri dhol a‑steach agus cha bhi e an comas dhaibh. 25Aon uair 's gu bheil maighstir an taighe air èirigh agus air an doras a dhùnadh, agus a thòisicheas sibhse air seasamh a‑muigh agus gnogadh air an doras, ag ràdh, ‘A thighearna, fosgail an doras dhuinn’, an uair sin freagraidh esan sibh, ‘Chan eil fios agam cò às a tha sibh.’
26“An uair sin tòisichidh sibh air a ràdh, ‘Dh'ith sinn agus dh'òl sinn mud choinneamh, agus theagaisg thu nar sràidean.’
27“Ach canaidh esan, ‘Tha mi ag ràdh ribh, chan eil fios agam cò às a tha sibh. Thallaibh uam, uile luchd‑dèanamh na h‑eucoir!’
28“Anns an àite sin bidh caoineadh agus gìosgan fhiacail, nuair a chì sibh Abrahàm, Ìsaac agus Iàcob agus na fàidhean uile ann an rìoghachd Dhè, ach sib' fhèin air ur tilgeil a‑mach. 29Agus thig iad on àird an ear agus an iar, agus on àird a tuath agus a deas, agus suidhidh iad ann an rìoghachd Dhè. 30Agus seall, tha cuid air dheireadh a bhios air thoiseach, agus tha cuid air thoiseach a bhios air dheireadh.”
Bròn Ìosa airson Ierusaleim
31Aig a' cheart àm thàinig cuid dhe na Pharasaich thuige agus thuirt iad ris, “Thalla 's gabh a‑mach à seo, oir tha Herod ag iarraidh do mharbhadh.”
32Fhreagair e, “Thallaibh agus innsibh dhan t‑sionnach sin, ‘Seall, tha mi a' tilgeil a‑mach dheamhan agus tha mi a' dèanamh leigheis an‑diugh is a‑màireach, agus air an treas latha crìochnaichidh mi m' obair.’ 33A dh'aindeoin sin feumaidh mi leantainn orm an‑diugh is a‑màireach agus an ath latha, oir chan urrainn do dh'fhàidh bàs fhaighinn air taobh a‑muigh Ierusaleim.
34“A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an fheadhainn a chaidh a chur thugad! Dè cho tric 's a bu mhiann leam do chlann a chruinneachadh còmhla, mar a chruinnicheas cearc a h‑iseanan fo a sgiathan, ach cha robh sibh deònach. 35Seall, chaidh ur taigh fhàgail agaibh trèigte. Ach tha mi ag innse dhuibh, chan fhaic sibh mise gus an tig an t‑àm anns an can sibh, ‘Is beannaichte Esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna.’#Salm 118:26

നിലവിൽ തിരഞ്ഞെടുത്തിരിക്കുന്നു:

Lùcas 13: ATN

ഹൈലൈറ്റ് ചെയ്യുക

പങ്ക് വെക്കു

പകർത്തുക

None

നിങ്ങളുടെ എല്ലാ ഉപകരണങ്ങളിലും ഹൈലൈറ്റുകൾ സംരക്ഷിക്കാൻ ആഗ്രഹിക്കുന്നുണ്ടോ? സൈൻ അപ്പ് ചെയ്യുക അല്ലെങ്കിൽ സൈൻ ഇൻ ചെയ്യുക