Sailm Dhaibhidh 28
28
Salm 28
1A Dhia, mo charraig, èigheam riut,
ad thosd na bi‑sa uam:
Eagal, led thosd, gur cosmhail mi
ri dream thèid sìos don uaigh.
2Guth m'athchuinge, tràth èigheam riut,
èisd thus' an sin, a Dhè:
Nuair thogas mi mo làmhan suas
gud theampall naomha fhèin.
3Le luchd an uilc 's na h‑eucorach,
na tarraing mi gu bràth;
Rin coimhearsnaich a labhras sìth,
ach olc nan cridhe tha.
4A rèir an oibrean, tabhair dhaibh,
a rèir an rùin chum lochd:
Is dìol-sa riu droch ghnìomh an làmh,
amhlaidh mar thoill iad ort.
5Do bhrìgh nach tuig iad oibrean Dhè,
no gnìomh a làmhan fòs,
Do nì e milleadh orr' is claoidh,
's cha dèan an togail suas.
6Airson guth m'athchuinge gun d'èisd,
mòr-bheannaicht' gu robh Dia.
7Do chuir mo chrìdh' a dhòchas ann;
's e Dia mo neart 's mo sgiath.
Tha mi a' faghail cuideach' uaith',
mar sin le aoibhneas ait
Mo chridhe tha; 's lem òran binn
sìor mholam e gu pailt.
8'S e Dia as neart 's as treise dhaibh,
oir tha e fhèin gu deas
Na neart, 's na spionnadh slàinte dlùth
don tì a dh'ungadh leis.
9Dhia, furtaich air do phoball caomh,
is beannaich d'oighreachd fhèin:
Dhaibh tabhair beath', is teachd-an‑tìr;
tog iad am feasd, a Dhè.
ಪ್ರಸ್ತುತ ಆಯ್ಕೆ ಮಾಡಲಾಗಿದೆ:
Sailm Dhaibhidh 28: SD1992
Highlight
ಶೇರ್
ಕಾಪಿ
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.