Sailm Dhaibhidh 29

29
Salm 29
1Thugaibh, a laochraidh làidir threun,
do Thighearna nam feart,
Thugaibh don Tighearn ud faraon
glòir, urram, agus neart.
2A' ghlòir as cubhaidh fòs da ainm,
thugaibh don Dia ro‑threun:
Sleuchdaibh don Tighearna faraon
am mais' a naomhachd fhèin.
3Tha guth Dhè air na h‑uisgeachan;
is fòs nì Dia na glòir'
Àrd-thàirneanach, is suidhidh e
air uisgean làidir mòr'.
4Tha guth an Tighearna gu beachd
mòr-chumhachdach is treun:
Tha guth an Tighearna faraon
làn mòralachd ann fhèin.
5Brisidh an Tighearna le ghuth
na seudair a tha fàs;
is brisear seudair Lebanoin
le ghuth-san aig a chruas.
6Is bheir e orra leum gu clist',
amhlaidh mar ghamhainn bò:
Sliabh Shirioin is Lebanoin,
mar bhuabhall meargant' òg.
7Sgoiltidh guth Dhè an dealanach;
am fàsach crathaidh e;
8Seadh, fàsach Chadeis mar an ceudn'
's e Dia a chrathas e.
9Bheir guth Dhè fòs air aighean àllt'
grad-sgarachdainn rin laoigh;
Is lomaidh siud na coilltean dlùth',
a' rùsgadh bhàrr nan craobh:
Is ann a theampall naomha-san,
cuiridh gach neach an cèill
Glòir agus urram mòr ar Dia,
ga mholadh-san da rèir.
10Tha Dia na chòmhnaidh air an tuil,
's na shuidh' am feasd na Rìgh.
11Bheir Dia da phoball neart; is bheir
dhaibh beannachadh le sìth.

ಪ್ರಸ್ತುತ ಆಯ್ಕೆ ಮಾಡಲಾಗಿದೆ:

Sailm Dhaibhidh 29: SD1992

Highlight

ಶೇರ್

ಕಾಪಿ

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in