Sailm Dhaibhidh 27
27
Salm 27
1'S e Dia mo sholas, is mo shlàint',
cò chuireas eagal orm?
'S e neart mo bheatha Dia nan dùl,
cò chuireas faitcheas fo'm?
2Mo naimhdean, m'eascairdean, luchd-uilc,
tràth thàinig orm gu bras,
Gu gionach dh'itheadh m'fheòla suas,
fhuair tuisleadh, thuit gu cas.
3Ged champaicheadh am aghaidh feachd,
chan eagal le mo chrìdh':
Ged èireadh cogadh 'm aghaidh fòs,
à seo mo bhun do nì.
4Aon nì a mhiannaich mi o Dhia,
gu minig iarram e;
A bhith am chòmhnaidh feadh mo là
an taigh 's an àros Dhè:
A‑chum gum faicinn fhèin gu glan
maise Iehòbhah mhòir,
Gum fiosraichinn 's gum faighinn sgeul,
na theampall mar as còir.
5Oir nì e m'fhalach 'n àm na h‑airc'
na phàillean: dìon do nì
An diamhaireachd a phàillein dhomh;
air carraig cuiridh mi.
6Os cionn mo naimhdean tha mum chuairt,
nis togar suas mo cheann:
Glan ìobairt aoibhneis uime sin
da phàillean bheirear leam:
Is seinnidh mi gu togarrach,
seadh, canaidh mi gu binn
Ceòl agus moladh àrd do Dhia
air feadh mo rè 's mo linn.
7Le guth mo bheòil tràth èigheam riut,
thoir èisdeachd dhomh, a Dhè:
Le iochd dèan tròcair orm, is fòir,
gu gràsmhor freagair mi.
8Iarr m'aghaidh, nuair a thuirt thu rium,
an sin thuirt m'anam leat,
Do ghnùis, is d'aghaidh fhèin, a Dhè,
sin iarraidh mi gu h‑ait.
9Na falaich uam do ghnùis, am feirg
na dìobair d'òglach fhèin:
'S tu chuidich leam: a Dhè mo shlàint',
na fàg-sa mi 's na trèig.
10Nuair thrèigeas m'athair mi gu tur,
's mo mhàthair fòs faraon,
Do nì an Tighearna an sin
mo thogail suas gu caoin.
11Dhia, teagaisg dhomh do shlighe fhèin,
is treòraich mise, Dhè,
Fa chùis mo naimhdean mìorunach,
air ceuman dìreach rèidh.
12Do mhìorun m'eascairdean ro‑gheur
na tabhair thairis mi:
Oir dh'èirich rium luchd-fianais bhrèig',
is dream a bhrùchdas nimh.
13Rachadh mo mhisneach uil' air cùl,
mur creidinn maitheas Dhè,
Gum faicinn sin an tìr nam beò,
gam fhuasgladh ann am fheum.
14Fuirich gu foighidneach ri Dia,
glac thugad misneach mhòr,
Is bheir e spionnadh cridhe dhut:
fuirich ri Dia na glòir'.
ಪ್ರಸ್ತುತ ಆಯ್ಕೆ ಮಾಡಲಾಗಿದೆ:
Sailm Dhaibhidh 27: SD1992
Highlight
ಶೇರ್
ಕಾಪಿ
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.