Sailm Dhaibhidh 26
26
Salm 26
1Thoir ormsa breith, a Dhia nan dùl;
am neochiont ghluais mi fhèin;
Oir rinn mi dòchas math à Dia,
cha sleamhnaich uam mo cheum.
2Dhia, fionn mo chrìdh', is m'àirnean fòs,
fidir is ceasnaich mi.
3Oir dhearc mi air do choibhneas gràidh:
ad fhìrinn ghluais mi, Dhè.
4Le cuideachd dhìomhain riamh nìor shuidh;
cha siùbhlam le luchd-saoibh.
5Is beag orm coitheanal an uilc:
's cha suidh mi sìos le baoith.
6An neochiont glanaidh mi mo làmh,
is cuairtcheam d'altair, Dhè;
7Gum foillsichinn le moladh àrd
do mhìorbhailean gu lèir.
8Còmhnaidh do theach is ionmhainn leam,
a Thighearn is a Dhè,
Gnàth-àite bunaidh d'onorach,
is leam ro‑ionmhainn e.
9Le peacaichean, luchd-dèanamh uilc,
na cruinnich m'anam bochd;
Na cuir mo bheath' nan cuideachd siud
tha fuileachdach gu lochd;
10Ga bheil an t‑aimhleas mòr nan glaic;
duais-bhratha nan làimh dheis;
11Ach gluaisidh mi am neochiont fhèin;
ad thròcair saor-sa mis'.
12Na seasamh tha mo chas gu beachd
air ionad còmhnard rèidh:
Is ann an coitheanal nan naomh,
beannaicheam thus', a Dhè.
ಪ್ರಸ್ತುತ ಆಯ್ಕೆ ಮಾಡಲಾಗಿದೆ:
Sailm Dhaibhidh 26: SD1992
Highlight
ಶೇರ್
ಕಾಪಿ
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.