Sailm Dhaibhidh 16
16
Salm 16
1Dhia, coimhead mi, oir annad fhèin
a tha mo dhòigh gu fìor;
2O m'anam, thubhairt thu ri Dia,
is tu mo Thriath gu sìor.
3Mo mhaitheas ort gu dearbh cha ruig;
ach air na naoimh a tha
Air thalamh, 's air na flaithean fìor
ga bheil mo ghean 's mo ghràdh.
4Mòr-mheudaichear an doilgheas dhaibh,
a dheifricheas gu luath
Air lorg dhè eile choimheach bhrèig',
a' cur ri cràbhadh truagh:
An ìobairt-dhibhe tha de fhuil
chan ofrail mi gun cheist,
Is air an ainmean ann am bheul
cha toir mi luaidh am feasd.
5Cuibhreann mo chup' is m'oighreachd Dia:
's tu sheasas dhomh mo chrann.
6An àitean aoibhneach thuit mo lìon:
's leam oighreachd bhrèagh' nach gann.
7Bheir mise buidheachas do Dhia,
thug comhairl' orm am fheum:
Tha m'àirnean fòs an àm na h‑oidhch'
gam theagasg mar an ceudn'.
8Do chuir mi romham, anns gach cùis,
an Tighearn mòr a‑ghnàth;
Chionn air mo dheaslàimh gu bheil e,
cha ghluaisear mi gu bràth.
9Mo chridh' nì aoibhneas uime sin,
nì gàirdeachas mo ghlòir;
Nì m'fheòil fòs còmhnaidh fhoistinneach
le dìon an dòchas mòr.
10Oir anns an uaigh chan fhàgar leat
shìos m'anam, air aon achd:
'S cha leig thu fòs dod sheircean naomh
gum faic e truaillidheachd.
11Dhomh sligh' na beatha nochdaidh tu:
ad làthair làn aoibhneas tha,
Is aig do dheaslàimh fhèin, a Dhè,
mòr shubhachas gu bràth.
ಪ್ರಸ್ತುತ ಆಯ್ಕೆ ಮಾಡಲಾಗಿದೆ:
Sailm Dhaibhidh 16: SD1992
Highlight
ಶೇರ್
ಕಾಪಿ
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.