Sailm Dhaibhidh 15

15
Salm 15
1Cò dh'fhanas ann ad phàillean shuas?
a Thighearna, cò e?
Air do chnoc naomh cò 'n tì sin leat
a chòmhnaicheas gach rè?
2An tì a ghluais gu treibhdhireach,
is ionracas a chleachd,
Labhras an fhìrinn sin a‑mach
a tha na chridhe steach.
3An tì nach dèan air neach air bith,
cùl-chàineadh 'm feasd le bheul,
Nach dèan aon lochd da choimhearsnach,
's nach tog air fòs droch sgeul;
4A nì trom-thailceas air an daoi:
ach urram dhaibh a bheir
Don eagal Dia; 's nach caochail mionn
ged thigeadh calldach air.
5Airgead air ocar nach do chuir;
an aghaidh fòs nan saoi
Duais nach do ghabh: cha ghluaisear e
gu bràth mar sin a nì.

ಪ್ರಸ್ತುತ ಆಯ್ಕೆ ಮಾಡಲಾಗಿದೆ:

Sailm Dhaibhidh 15: SD1992

Highlight

ಶೇರ್

ಕಾಪಿ

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in