Sailm Dhaibhidh 17
17
Salm 17
1Eisd thus', a Thighearn, ris a' chòir,
mo ghlaodh thoir aire dha;
Is cluinn an ùrnaigh thig a‑mach
om bheul gun bhreug, gun ghò.
2Mo bhreith od fhianais thigeadh i:
led shùilean lèirsinneach,
Seall air na nithean sin, a Dhè,
tha ceart is cothromach.
3Dhearbh thu mo chrìdh', is dh'fhiosraich thu
san oidhche; dh'fhionn gu geur;
Cha d'fhuair thu maoin: oir b'e mo rùn
nach peacaichinn lem bheul.
4Mu thimcheall oibrean dhaoine fòs,
ghlèidh mi mi fhèin gu beachd,
Le guth do bhèil, o cheumannan
luchd-braid is ragaireachd.
5Cùm m'imeachd suas, a Dhia nam feart,
ad shlighean ceart gu treun:
Ad ròidean dìreach cùm mi suas,
nach sleamhnaich uam mo cheum.
6Oir ghairm mi ort, a Dhè, a chionn
gun èisdear leatsa rium;
Do chluas am ionnsaigh crom a‑nuas,
is fòs mo ghearan cluinn.
7Taisbein do choibhneas iongantach,
tha gràdhach làn de chliù;
O thus' a shaoras led dheaslàimh
an droing don dòchas thu,
On dream nan aghaidh thogas ceann.
8O coimhead mi gu treun,
Mar chloich do shùl: dèan falach orm
fo sgàil do sgiathan fhèin.
9On droch dhuin' tha ri fòirneart orm,
o naimhdean sgriosach treun,
A tha gam chuartachadh gach taobh,
mo choimhead uapa dèan.
10Nan saill a ta iad druidte suas,
cainnt uaibhreach tha nam beul;
11Chrom iad gu làr, is dhearc len sùil;
is chuartaich iad ar ceum;
12Mar leòmhann gionach togarrach
chum cobhartaich a‑ghnàth;
Mar leòmhann òg an diamhaireachd
a' laigh' am plaid a tha.
13Eirich, a Dhè, is caisg mo nàmh,
leag sìos gu talamh e:
On droch dhuin', tha na chlaidheamh dhut,
saor m'anam uaith', a Dhè;
14On dream tha dhutsa, Dhè, mar làimh,
o dhaoine saoghalt' dàn',
Ga bheil an cuibhreann is an cuid
sa bheatha seo a‑mhàin;
Dom bheil thu tabhairt làn am bronn
à d'ionmhas diamhair fòs:
Tha 'n gineal lìonmhor, is am maoin
fàgaidh dan leanban òg'.
15Ach air mo shon-sa, dearcam air
do ghnùis am fìreantachd:
Air mosgladh dhomh làn-dhìolar mi,
a Dhè, led chosamhlachd.
ಪ್ರಸ್ತುತ ಆಯ್ಕೆ ಮಾಡಲಾಗಿದೆ:
Sailm Dhaibhidh 17: SD1992
Highlight
ಶೇರ್
ಕಾಪಿ
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 1992.